Sgeulachd Ghoirid | Dòmhnall na Dachaigh ’s am boireannach bàn (pàirt 2)

eaglais_taigh2

Nuair a dh’fhàg Dòmhnall an taigh-òsta bha e a’ faireachdainn a chionta. Chan e gun do ghabh e dearrsach, ach cha robh còir aige òl air airgead a’ choitheanail idir, ge b’ e cho beag ’s a bha na chosg e. Chan fhada gus an cuireadh e na sgillinnean ud air ais don ladar* ‒ latha aig a’ char as fhaide, gheall e ris fhèin.

Ge-tà, bha a chogais ga bhualadh agus e a-nis astar math air a shlighe dhachaigh. Nuair a ruigeadh e gobhal an rathaid a-rithist, dè a bha e a’ dol a dhèanamh? Bha e airson faochadh a thoirt d’ a chogais.  Chrom Dòmhnall a cheann le throm smuaintean agus ghabh e mall-cheum air mhall-cheum a-null an rathaid. Ged nach robh timcheall air ach achaidhean loma, dh’fhairicheadh e na clachan ga cheasnachadh, agus an talamh fhèin a’ brunndail gu neo-fhoisneach fo a chasan.

“Dh’fhalbh an t-airgead, dh’fhalbh e, dh’fhalbh e. Sgillinnean, sgillinnean a’ choitheanail.”

Dh’fhògair Dòmhnall na guthan far eanchainn ach thàinig maille eile ’na cheum agus mu dheireadh stad e, a shùil a’ laighe air an talamh-treabhaidh. Faileasan bho na neòil os a chionn a’ cumail an dubhair air. Cha b’ e droch bheairt a rinn e ach mearachd, carson a bha e air a dhol ’na chrìonglach? Chluinneadh e guth a mhàthar a-nise.

“’S tu a ghabh an droch othaig. Dè thug ort an t-airgead a chur ’nad phòcaid?”

“Cha bu mhì, a mhàthair… a’ chiad turas a rinn mi a leithid a-riamh!”

Cha bu nì leis smaoineachadh air an leann-dubh a bheireadh e air a mhàthair mun tigeadh e dhachaigh. Chuir e roimhe dhol air ais don eaglais. An-dràsta fhèin. Ach, càit am faigheadh e na sgillinnean? Chosg e iad uile aig cunntair a’ bhàir. Mu cheithir notaichean agus na trì notaichean a rinn suas an còrr airson an seachd notaichean a phàigheadh. Seachd notaichean airson dà phinnt!? ’S ann flodach a bha tè dhiubh.

Dh’fhan Dòmhnall ’na sheasamh air fàl an rathaid a’ sealltainn air an achadh, air atharnach bhuntàta ’s air an sgeallan a dh’fheumte spìonadh às mun deigheadh e an lùib a’ bhàrr ùir. Na fòidean ’s clodan air an raon chorrach mar shamhla air an ùpraid a rinn aon iomrall beag air inntinn. Bha a’ mhearachd a-nis a’ dol a mhilleadh nam planaichean a bh’ aige gus falbh dhachaigh agus an t-àrd-fheasgar ’s an oidhche a chur seachad air beulaibh an telebhisein. Cha robh air ach tilleadh an làrach nam bonn gu talla na h-eaglaise agus an rud a chur ceart. Càit am faigheadh e na sgillinnean a bha a dhìth air, shaoil e.

Hmm, bheireadh e an t-airgead bho chunntasan na seachdain ’s a chaidh, ’s chuireadh e sin ris an tional airgid agus dhèanadh sin suas na dh’òl e dheth. ’S an uair sin, thigeadh e air ais an ath latha leis na beagan bhuinn a chosg e san taigh-òsta, a ghabhadh e air iasad o a mhàthair agus bhiodh a h-uile càil rèidh! Cunntasan na h-eaglaise agus eanchainn fhèin. Sin na dhèanadh e agus ràinig Dòmhnall am forc san rathad agus bha dà roghainn ann. Ghabh e an rathad air ais chun na h-eaglaise mar a bha an latha a’ ciaradh.

**********************************************************************************************

’S ann a bha Ealasaid na boireannach còir. ’Na boireannach bàn, còir air ainmeachadh an dèidh na banrigh Ealasaid, a bha cho còir ri còir ‒ mar a tha fhios aig a h-uile duine san rìoghachd. Bha an Ealasaid againne cho còir ’s gun robh fhios aig a h-uile duine san eilean dè dìreach cho còir ’s a bha i. Chanadh iad uile gun robh i cho còir ’s nach robh còir aig duine sam bith ceist a chur innte. ’Sin cho còir ’s a bha i.

A thuilleadh air sin, bha e ’na thlachd dhi cluich le cainnt. Dìreach san dol seachad. Gu h-àraidh na gnàth-fhaclan. Bha an taigh aice mu cheud slat bhon eaglais ùr a bhiodh i a’ frithealadh gach Sàbaid agus far am biodh i a’ gabhail a leisgeulan nuair a thigeadh e gu cunntais airgead a’ choitheanail. Bu shuarach dhi airgead a chunntais. Bha i fada na bu dhèidheile air srùbag, briosgaid agus seinn ’s ag adhradh mar gun tàinig atharrachadh nan gràs oirre dà thuras dhùbailte – an happy-clappy mar a chanadh cuid ris.

Bha Ealasaid a-staigh anns an t-seòmar-suidhe bheag, chofhurtail a’ socrachadh sìos le cupa teatha gus coimhead air Eastenders. Thug i sùil a-mach air an uinneig agus chunnaic i duin’ air choireigin a’ lapanachadh suas an rathad chun na h-eaglaise. Leis a’ chupa na làimh, rinn i strì gus a bodhaig thiugh, dhreachar a thogail bhon t-sèis bhog, luasganach ach am faiceadh i cò bh’ ann. Ach, ann an ciaradh an anmoich chan fhaiceadh i ach sgàil-riochd agus ’s ann a thug sin oirre èirigh le spàirn bhon lag mhòr san t-sòfa, cupa ’na làimh clì, an teatha a’ plubraich ’s a’ stealladh air caol a dùirn leis a’ chabhaig a bh’ oirre an solas a chur dheth, agus an taobh a-muigh ro dhorch gus aithne a dhèanamh air, ge b’ e cò a bh’ ann.

Nis, bha sùilean Ealasaid geur. Fada na bu ghèire na bha a beul. Ach, cha b’ urrainn dhi faicinn cò bh’ ann, agus bho nach robh duine sam bith eile anns an eaglais, bha uallach oirre falbh gus rannsachadh a dhèanamh. Bha i ’na h-aonar agus bha an t-eagal oirre. Ach dìreach airson mionaid las an rathad a-muigh suas nuair a thàinig càr a-mach bho ùtraid gu math fada air falbh o far an robh a’ phearsa dhubh seo a’ coiseachd. Fhuair Ealasaid boillsgeadh den duine agus dh’aithnich i Dòmhnall anns a’ bhad. Chuir e uimhreachd oirre gun robh e a’ tilleadh cho anmoch don eaglais seach a bhith aig an taigh còmhla ri mhàthair a’ coimhead air Eastenders mar a bha i fhèin.

Ach cha robh an t-eagal oirre tuilleadh. B’ e Dòmhnall a bh’ ann, ’s cha b’ e an Donas. Chuir i roimhpe dhol a choimhead air gun a bhith ag innse dha gun robh i coimhead air mur fidreadh e gun robh i a’ coimhead air…  na canamaid an còrr ach sin fhèin, ach dh’fhalbh am boireannach còir chun an dorais-aghaidh, chuir i oirre bòtannan ’s seacaid ’s bonaid fuaighte bhuidhe, rug i air toirds, thionndaidh i an iuchair sa ghlais, dh’fhosgail i an doras agus mhiontraig i a-mach a dh’aona ghnothach gu aitreabh na h-eaglaise ann am beul na h-oidhche.

– Steaphan MacRisnidh

(ri leantainn…)

*ladar – bogsa beag leis am bithear a’ trusadh airgead a’ choitheanail

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach