Sgeulachd Ghoirid | Dòmhnall na Dachaigh (pàirt 1)

An dà rathad

Nam b’ ann de theaghlach nan eun a bha Dòmhnall na Dachaigh, theireadh tu nach ann tric a bhiodh e air sgèith, agus nach ann de na feannagan a bhiodh e. Cha rachadh e air seachran oir cha rachadh e air turas bhon a b’ fheàrr leis cumail a’ dol mar a bha e. Eun-fuirich a bh’ ann ma-tà. An seòrsa a chuireadh fàilte air na h-eòin-choigrich ach a bhiodh a’ seachnadh nan dàimheach – agus cha b’ iongnadh sin….seall fear de na dàimhich a’ tighinn sa chàr, agus Dòmhnall a’ coiseachd an rathaid mhòir. Dhlùthaich an càr ris gu mall, làmh fhèitheach an dràibheir ’na laighe air uinneag fhosgailte taobh a’ phasaideir.

“Hoi!” dh’èigh Iain Fìobha ris gu sunndach. “Nach bu tu an strainnsear na làithean sa!” B’ e Iain Maol a chanadh cuid eile ris, ’s cha bhuineadh e do dh’Fhìobh’ ann.

Rinn Dòmhnall, mac piuthar bean Iain Mhaoil, spleuchdadh ri mullach a’ chàir bhig phurpaidh, le toit fhliuch slaopte ri a smiogaid. Chrom e a cheann ach am faiceadh e cò bh’ ann.

“Ò, uncail. ’S fhada bhon uair sin,” thuirt e.

“Cà bheil thu dol?” fhreagair Iain Maol Fìobha.

“Dhachaigh.”

“Tha agus sinne. Tha mi a’ togail piuthar do mhàthar, ’s gheibh sinn am bàta ann an leth-uair a thìde.”

“Turas math leibh,” ghuidh Dòmhnall dha mar a bha e ag èirigh dìreach a-rithist.

 

Chan fhaiceadh Dòmhnall am bus a bh’ air tighinn air uncail. Coma co-dhiù, chuala e brunndail ceart gu leòr nuair a chuireadh an càr gu gluasad a-rithist.

“’S fhada a chìthinn thu…”

Ghnog Dòmhnall a bhonaid ri mullach a’ chàir agus chùm e air. Dh’fhalbh uncail às an t-sealladh thar bruthaich, mar a bha Dòmhnall a’ coimhead air cùl purpaidh a chàir ’s a’ gabhail iongnadh air an dath. Cha robh a bheag de smùid air fhàgail às a dhèidh. Iongnadh eile dha. Spùt e a-mach an toit.

’S e Dòmhnall na Dachaigh a bh’ aig a charaidean air. Nuair a bha e na sgoilear, cha togadh e cheann ach ainneamh aig na pàrtaidhean dìomhair a chuireadh nighean a’ chlas air dòigh nuair a bhiodh a pàrantan air falbh. Cha robh aon fhor aice nach robh dad ri dhèanamh ach tighinn chun nam pàrtaidhean aicese. Cò ach ise? Bha a teaghlach air ùr thighinn don sgìre. ’S ann a bha na pàrtaidhean a’ tàladh na deicheadan de òganaich na sgoile. B’ e siud a bha i ag ràdh ris an fheadhainn nach gabhadh ris a’ chuireadh, no nach robh math air leisgeulan a thoirt do am pàrantan – mòr-chuid dhiubhsan. An èisteadh iad rithe? Chan èisteadh no Dòmhnall.

Agus, bha e a’ coiseachd an rathaid mhòir an-dràsta, latha na Sàbaid, 15 bliadhna ach beag air a dhol seachad bhon a bha e anns an sgoil. Bha e a’ falbh dhachaigh bhon eaglais. Tè de na h-eaglaisean ùra aig nach robh buntanas ri eaglais stèidhichte sam bith. Chanadh an t-seann fheadhainn nach b’ ì eaglais cheart. Gum b’ e “creideas ùr” a bh’ ann. Gun robh na laoidhean aca fada ro aighearach ’son a bhith nan laoidhean ann. Nach robh iadsan ag iarraidh gnothach ris an “happy-clappy” ’s an t-siùdadh bho thaobh gu taobh, ’s ris a’ ghàirdeachas ud. Bha na h-eaglaisean acasan a’ crìonadh.

B’ àbhaist do Dhòmhnall a bhith san Eaglais Bhaisteach ach ghluais e. Bhiodh e a-nis a’ deasachadh a’ bhrot no coiridh do mu 10 no 20 duine bho àm gu àm. Air neo, bhiodh e a’ toirt a làmh air na cunntasan oir bha e math air ionmhas ’s margaidheachd ’s a leithid. Dh’fheumadh e a speuclairean airson sin.

“Ò, a Dhòmhnaill. Nam b’ e an-diugh an-dè e…” chanadh boireannach bàn, a bha a’ frithealadh a h-uile rud a bha a’ dol aca. “Bhithinn air sùil a thoirt orra. Ach bha mi ro thrang an-dè, agus feumaidh mi falbh tràth an-diugh.”

Bha e a’ còrdadh rithe an gleus aice fhèin a chur air na gnàth-fhaclan.

“Ceart gu leòr, Ealasaid,” fhreagradh Dòmhnall. “Cha mhòr nach eil mi ullamh co-dhiù.” “Thug na tabhartasan suas sinn gu …” agus bhiodh an t-airgead a’ dol an àird gach seachdain, beag air bheag.

Ràinig Dòmhnall gobhal san rathad mhòr agus bha dà thaghadh ann dha a-nis. A bhith a’ gabhail an dà mhìle chun an taighe ghil a bha ’na dhachaigh dha fhèin ’s do a mhàthair ’s a bha e a’ faicinn air astar, air neo, an rathad eile a ghabhail chun an taigh-òsta. Aon mhìle gu ruige an taigh-òsta. Dà thaghadh – ach dè an roghainn?

Chuir e a làmh dheas na phòcaid agus bha gliongadaich ann. B’ e siud iuchraichean na h-eaglaise. Nochd deur beag fallais air a bhathais. Gu socair, ghluais a làmh chlì chun na pòcaid eile, agus dh’fhan i aig a’ bheul tiota mar chlamhan a’ faire-itealaich os cionn toll rabaide. Bha colair a sheacaid a’ plapadaich anns a’ ghaoith.

 

“Siud na sgillinnean mu dheireadh a bha mi a’ cunntadh san eaglais,” thuirt Dòmhnall ris fhèin. “A thì, thig orm an tilleadh a-màireach.”

Thog e air chun an taigh-òsta, ’s ràinig e an ceann greis. Ghabh e a-steach gun smaoineachadh cus air na bha e a’ dèanamh. Rinn e suidhe aig a’ chunntair.

“Gabhaidh mi pinnt den leann a tha siud.”

Shìn Fergie, fear a’ chunntair, a làmh chun a’ ghoca airson an real ale.

“Actually, fuirich mionaid. Am faigh mi blasad dheth an toiseach?”

“Gheibh. ’Eil thu airson am fear seo fheuchainn cuideachd?”

“Tha.”

“Ràinig am fear seo an t-seachdain sa chaidh.” Shìn Fergie am fear eile thuige.

 

Rinn Dòmhnall blaiseagraich.

“Ò, tha siud math. Gabhaidh mi an dà dhiubh.”

“Dà phinnt, ma-tà?” fhreagair Fergie.

“Ceart.” Thuirt Dòmhnall. “Tha gu leòr agam nam phòcaid airson dà phinnt, agus cha mhair a’ chiad tè fada, mar sin, thoir dhomh an dà phinnt an-dràsta!”

“’S tu tha pàiteach, eh!”

“Tha. Air mo spongadh leis a’ phathadh!”

“Uill, math d’fhaicinn an seo. Bu tu an strainnsear na làithean-sa. Chuala mi gun do leig a’ chompanaidh air falbh thu. Tha siud duilich.”

Thug Dòmhnall a-mach a sporan bhon t-seacaid aige. “Dè na tha sin?”

“Seachd not airson an dà phinnt.”

A Thì, seachd not! Thug e sùil air Fergie, agus rinn e sporghail ’na phòcaid chlì airson nam bonn-airgid bhon choitheanail a bh’ aige le mearachd. Agus smaoinich e, dè dhiubh as miosa dhomh breug innse lem bheul no lem shùil no lem làimh?

Chuir Dòmhnall seachad a’ chiad phinnt cha mhòr sa bhad gun ach a dhà no trì de bhalgaman ’s glugan sìos a sgòrnan. Shil deur leanna sìos a pheirceall.

“Cà bheil thu dol an dèidh seo?” dh’fhaighnich Fergie dha.

“Dhachaigh.”

“’S math gu bheil rathad agad dhen deoch ma-tà.”

“Ò, thà.”

Shluig Dòmhnall sìos an ath phinnt na bu luaithe na a’ chiad tè agus dh’èirich e ’na sheasamh. Dh’fhalbh e. Le dà phinnt leanna làidir na ghoile air airgead a’ choitheanail, agus gealladh dha fhèin nach dèanadh e a leithid a-rithist ri a bheò.

Steaphan MacRisnidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach