#DòmhnallTrump2016

Meteoric rise, an e sin a chanas duine ris an iolach a tha an Trumpach a’ togail? Neo bean-shìthe agus droch chomharran air fàire? An e seo dha-rìreabh mar a bha cuid de mhuinntir na Gearmailte a’ faireachdainn sna 1920an agus 30an? Air neo an ann mar seo a tha gnothaichean an Taghaidh a h-uile ceithir bliadhna?

Air an taobh seo den chuan, bidh sinn uile a’ coimhead air an t-slighe dha na Taghaidhean Aimeireaganaich agus faireachdainn oirnn a th’ eadar eagal is tro-chèile. Eagal, gur e tha seo, dha-rìreabh, roghainn nan daoine airson aon de na prìomh cheannasan air an talamh. Tro-chèile… an e tha seo, dha-rìreabh, roghainn nan daoine airson aon de na prìomh cheannasan air an talamh? Gum bi Dia timcheall oirnn.

Air an taobh eile den chuan an Aimeireagaidh, ’s e an t-aon fhaireachdainn a bhios air tòrr, ged as dòcha le beagan spòrs, neo fiù ’s frionas, na chois.

’S toil leis na h-Aimeireaganaich geamaichean. Mas e gun gabh geama a dhèanamh dheth – òl, coimhead tbh, taghaidhean – nì sinn e. Agus sin, ar leam, an dearbh rud a tha a’ putadh an Trumpaich air aghaidh.

Tha an Trumpach a’ seasachd airson Ceannas nan Stàitean Aonaichte a chionn ’s gun tabhair e beagan spòrs dha. Dh’fhàs e an-fhoiseil, thàinig am fadachd air. Dè cheannaicheas tu dhan duine aig a bheil na billeanan airson Nollaig? Dhèanadh Ceannas nan Stàitean Aonaichte an gnothach…

A bheil e iomchaidh dhan dreuchd? Uil, seo dhuibh cuid de na rudan a bhitheas an Trumpach a’ creidsinn:

  • Muslamaich – bu chòir casg a chur orra a thighinn a-steach dha na Stàitean, agus sùil mhionaideach ga cumail air mosgan na dùthcha;
  • ISIS – gun rachadh an t-Ear-Mheadhanach a leagail le bombaichean is sgrìos (ged nach e fhèin a-mhàin a bhitheas ag ràdh sin);
  • Ciùrradh – gum bu chòir dha na Stàitean barrachd na dìreach waterboarding a chleachdadh ann an ceasnachadh;
  • Mòr-fhògradh – gum bi na 11 millian in-imrich a tha gu mì-laghail sna Stàitean gam fuadach às sa mhionaid uarach, ge brith dè cho cosgail ’s a bhitheas sin;
  • Cion-cosnaidh – gu bheil figearan Bhòrd na h-Obrach ceàrr ’s iad a’ cumail a-mach nach eil ach 5.1% den t-sluagh gun obair; tha an Trumpach a’ tomhas-smaointinn gu bheil e nas àirde buileach, mu 20%;
  • Luach pearsanta – gu bheil luach pearsanta aige corr math is £10 billian nòt, a dh’aindeoin aithisgean Forbes agus Bloomberg;
  • Cìsean – nach pàigh muinntir le tuarastal fo ìre $25,000 cìsean; na àite, cuiridh iad foirm dhan IRS nach eil ag ràdh ach I win.

Nach gòrach na rudan sin, canaidh sin.

Ach cha chanainn idir nach eil e clìobhar. Tha e cho seòlta ’s a tha an Camshronach sa Phàrlamaid, is deagh fhios na th’ aige ri dhèanamh gus am mòr-shluagh a mhealladh dha choise. Mar eisimpleir, san rannsachadh seo, bha cuideigin a’ sgrùdadh an dòigh ’s a bhitheas an Trumpach a’ bruidhinn.

Ged nach eil e mòr, neo aig àrd ìre, tha an dòigh-labhairt aige ag obair. Bidh e a’ bruidhinn mar gum biodh balach 10 bliadhna dh’aois. An coimeas ris an fheadhainn dheas-bhriathrach chainnt-bheartach, tha coltas an Trumpaich mar duine an t-sluaigh, a dh’aindeoin nam billeanan a th’ aige sa bhanca.

Bidh feadhainn a’ faighneachd carson a tha an Trumpach a’ faighinn na h-uimhir de thaic. Uil, chanainn gu bheil, dh’fhaoidte, trian de na Poblachdaich gun toinisg as adhbhar. Oir ’s toil le daoine gun toinisg an Trumpach.

Agus leis an t-seantans sin, tha mi gam chòmhdachadh fhìn ann am mòr-chùis, ag ràdh gu bheil barrachd toinisg agam na na Trumpaich (luchd-leanmhainn an Trumpaich). Agus tha sin a’ fàs an sgaraidh nas mò agus nas mò eadarainn. Agus sin an dòigh ’s gu bheil beàrn ann eadar ar tuigse, mi fhìn ’s na Trumpaich.

’S e poileataigs sòisealta tha seo, eadar na daoine ‘foghlamaichte’ agus na daoine ‘nach eil cho foghlamaichte’, mar a thuirt an Trumpach fhèin an latha roimhid. Chan iongnadh, mar sin, gun do nochd am Palin mhòr a chur taic ris. Chan iongnadh ged a thigeadh Iòsaph Sia-phac.

Bidh na daoine seo a’ coimhead orra fhèin mar underdogs. Tha iad a’ feuchainn ris an status quo atharrachadh, agus an coise sin, den bheachd gu bheil na meadhanan nan aghaidh. Agus tha iad ceart, gun teagamh. Nuair a thig muinntir a’ BhBC, mar eisimpleir, a bhruidhinn riutha sna loidhnichean taobh a-muigh chòcasan, chan eil sin ach a’ daingneachadh creideas nan Trumpach gu bheil na naidheachdan gun sgot neo buntanas sam bith ris a’ mhòr-shluagh. An claon-bheachd libearalach, mar a th’ aca air. Saoilidh iad nach eil fhios idir aig an saoghal fharsaing air na bhitheas a’ tachairt air ìre bhunaiteach sna Stàitean.

Gu h-inntinneach, bidh na Sandarsaich a’ smaointinn an dearbh rud sin. Feel the Bern, mar a theireas iad, a cheart cho misneachail ’s a thuirt iad Yes We Can. ’S e buaidh nam millenials tha seo. Canaidh na naidheachdan aon rud, ’s leughaidh sinne an caochladh air Facebook. Amhail mar a bh’ ann ri linn na h-iomairt airson neo-eisimealachd ann an Alba.

Seadh, na millenials. B’ iad a’ bhuidheann a bha a’ saodachadh an deasbaid air aghaidh san #indyref. Agus a-rèir artaigil an NPR, ’s e a’ chuibhreann-bhòtaidh as mò a th’ annta sna Stàitean, ’s dh’fhaodadh gun dèan iad an diofar mòr san Taghadh.

San àbhaist, cha bhi mi a’ toirt for dha na Taghaidhean gus na beagan mhìosan ron Taghadh fhèin. Cus iolach. Ach ’s dòcha gum bu chòir – mar a thuirt mo nàbaidh sna Stàitean… ‘ceart, òigridh na dùthcha, ’s leibh-se a’ chumhachd. Na dèan brochan dheth!’

Trobhad, aon uair eile…

– Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach