Dòtaman | Mun chuairt, mun chuairt fad 30 Bliadhna

Donaidh

Tha “an Gàidheal as ainmeile ann an Alba” trithead bliadhna a dh’aois am bliadhna-saDh’fhaighnich Dàna ri feadhainn dè bha anns an òran Dhòtamain as fheàrr leotha ? Saoil dè thagh iad ?

Uill, eadar gach connspaid mu fho-thiotalan agus susbaint Bheurla m.s.a.a. aig BBC Alba, air 17mh latha den Dàmhair am bliadhna, ruigidh craoladh Gàidhlig clach-mhìle eachdraidheil. Bidh e a’ còmharrachadh deich bliadhna air fhichead on a chaidh a’ chiad phrògram de Dhòtaman a chraobh-sgaoileadh dhan dùthaich.

Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil am prògram chloinne seo le fear le feusag agus giotar, adan gorach, mùirneag laghach a thug cuideachadh dha agus dà phigheid a bha comasach air an uair innse fhathast a’ seasamh mar fhear dhe na prògraman as ainmeile ann an Alba agus, gu math no dona, mar thè de shàr-ìomhaighean nan Gàidheal leis mar a chaidh a chraoladh ann an linn ceithir sianailean aig an aon àm ri prògraman Beurla. Iomadh neach gun fhacal Gàidhlig nan ceann ach Dòtaman ann an Alba!

Feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh Donaidh MacLeòid air buaidh a thoirt air a’ chànan le a chuid-obrach còmhla ris na h-Òganaich ach ma chanas tu Gàidhlig ris a’ mhòr-chuid de Ghoill eadar aois 45 is 25 air an t-sràid, is cinnteach gur e am facal “Dòtaman” a’ chiad fhacal a chluinneas tu. Mar shamhla air seo, aig Duaisean FilmG cha mhòr gun do stèidhich Des Clarke an spiel air fad aige (sa Bheurla) air Dòtaman nuair a bha e a’ toirt seachad duais agus bha Donaidh fhèin an lathair, toilichte gu leòr fèineagan a thogail còmhla ris an fheadhainn òg (is feadhainn nach robh cho òg). Bha luchd na Beurla air am beò-ghlacadh ceart cho mòr ri luchd na Gàidhlig.

Tha Donaidh air a dhol air adhart ann an Craoladh na Gàidhlig, a’ stiùireadh is a’ riochdachadh iomadh prògram agus tha e air tilleadh ri seinn còmhla ris na h-Òganaich agus ri preasantadh, le DIY le Donnie. Ach bidh e an-còmhaidh ceangailte ris na h-adan, faoileag ann no às.

Chuir Dàna ceist air feadhainn a bha a’ coimhead air Donaidh agus a luchd-taic: na mùirneagan; Rhoda, Cathy Bhàn, Anna Mhoireach is Màiri NicAonghais, agus na pupaidean; Nelson is Napoleon, Cagnaidh is Crotal agus Ealasaid is Oighrig.

Chuir sinn ceist orra : “Dè an t-òran as fheàrr leat agus cuimhne as fheàrr a tha agad air Dotaman?” tha iomadh cuimhne ann ach a dh’innse na firinn tha aon òran a’ seasamh os cionn càch, saoil dè tha ann….?

Evelyn Coull NicLeòid (Ex Dè an-Nis?, Ciorstaidh ann am Machair)

“Tha mi an dùil gur e Einnsean, Tractar agus Bhan [an t-òran as fheàrr leam]. Bha mi ann am Bun-sgoil Fhidigearraidh. Cha robh sinn ann an GME ach a h-uile madainn a bhiodh e air, chuireadh an tidsear air e. Bhiodh sinn a’ dannsa timcheall a’ bocadaich ri na h-òrain; mi fhìn agus Catherine Mary agus Donna.”

Iain Murchadh Mac a’ Mhaoilein (Tidsear bun-sgoil is seinneadair)

An Tractar a th’ Agam-sa dh’fheumainn a ràdh! No Einnsean, Tractar agus Bhan… Tough one. ‘S dòcha a’ chiad fhear.”

“An cuimhne as fheàrr agam dheth… Na bonaidean a bh’ air agus an dà isean ag èigheachd na h-uaireach!”

Somhairle MacDhòmhnaill (Ex Dè an-Nis?, Tidsear, agus sgrìobh a mhàthair Catrìona NicDhòmhnaill, nach maireann, mòran òrain Dhòtamain)

An Tractair gun teagamh! Agus a’ chuimhne… a’ coinneachadh ri Donnie aig aois 4 no 5 agus bha mu cho star struck gun deach mi a dh’fhalach fon leabaidh nuair a choisich e a staigh gu taigh piuthair mo mhàthar ann an Glaschu!”

dotaman1

“geansaidh dearg, trì chords agus an fhirinn”

 

Calum MacLeòid (Neach-cuideachaidh Pàrlamaideach)

Fuar, fuar, òrdagan is corragan, gun teagamh sam bith. Agus a thaobh an cuimhne as fheàrr leam bha mi air leth measail air Nelson is Napoleon aig deireadh a’ phrògraim!”

Coinneach Mac a’ Ghobhainn (Rapal, BBC Radio nan Gàidheal)

“Ceist dhuilich a tha seo! Chanainn an “seann chlasaig”, Einnsean Tractor agus Bhan. Steigte nam cheann gach trup a chluinneas mi e, ach chan eil mi idir a’ gearain – ach a-mhàin an trup a bha e air Siubhal gu Seachd is thoisich mi ga sheinn is uinneag a’ chàir fosgailte ann an Inbhir Nis…”

“Chan eil fhios ‘am a thaobh cuimhne – ach bha e mar gu robh One Direction, Elvis Presley agus Ronaldo air a thighinn a Leòdhas an trup a chunna Coisir Òg a’ Bhac e bho chul a bhus aig Mòd trup!)”

le Seumas Charity

feineagan leis na fans aig filmG

 

Janice Ann NicAoidh (Aileag, BBC Radio Nan Gàidheal)

“ ‘S e Einnsean, Tractar agus Bhan a b’ fheàrr leamsa ach tha e duilich dìreach aon a thaghadh!”

“Bha am pìos nuair a bhiodh iad a’ cruthachadh dealbh le litir a’ còrdadh rium gu mòr, “eil fhios agaibh dè an litir a th’ againn an-diugh??” – loved it! – ach bha an uair a’ còrdadh rium cuideachd le Nelson agus Napoleon.”

Victoria Kilgour (Preasantair, TMF 2015)

“Feumaidh mi ràdh Einnsean, Tractair… ’S cinnteach nach e sin am freagairt a bha thu a’ lorg…”

Is cinnteach gum bi prògram sònraichte aig BBC Alba ach dè mu dheidhinn Latha Dhòtaman far am bi a h-uile sgoilear sna bun-sgoiltean a’ cur orra, air no a’ dealbhachadh adan Dhòtaman? Clach air càrn prògram a mhaireas ann an cuimhne an t-sluaigh gun teagamh.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach