Druim ghoirt agus gisreagan!

Chaidh pàirt dhen aiste seo fhoillseachadh le Comunn Gàidhealach Ameireagaidh o chionn beagan bhliadhnaichean.

Sa chidsin chumhang, air mo dhinneadh eadar am bòrd-dìnnearach agus cunntair an stòbha, bha mi ag ullachadh anns a’ Mhàrt 2016 airson eilthireachd a dh’Iapan o Alba. Thog mi bogsa trom loma-làn leabhraichean ʼnam ghurraban ach, leth na truaighe, nach ann a bha ceannach agam air!

Seachdain ach beag ri tighinn gu latha m’ imeachd, agus mi cho fallain ris a’ bhreac thuige seo, ʼs ann a bha mi a-nis ʼnam laighe air an leabaidh lem dhruim cho goirt ʼs nach b’ urrainn dhomh èirigh. Rinn mi gurraban nuair a thog mi am bogsa, agus ʼs ann ʼnam chrùban a bha mi fad trì latha an dèidh sin nuair a bha ultaichean troma ri chur a-null gu tìr chèin ron latha imrich.

Tha seo a’ cur smuain orm gun robh ar sinnsir buailteach air buidseachd no sìthichean a choireachadh airson thubaistean, beag no mòr, a thigeadh air daoine aig amannan a bha mì-iomchaidh dhaibh. Saoil, nan tigeadh leum-droma air a’ cho-choisiche agam san t-seann aimsir, agus e ag ullachadh gus gabhail air siubhal, dè an comharra a bheireadh e às?

Tha saobh-chràbhadh o shean air toirbheartas de sgeulachdan fhàgail san latha a th’ ann, agus tha suim mhòr agamsa orra — ge be cò no càit às a bheil iad. Bho chionn greis, thug mi fa-near co-choltasan aig sgeulan Iapanach a leugh mi agus seann-sgeulan Gàidhlig as aithne dhomh. Bu toil leam, a-rèiste, coimeas neo-choileanta a dhèanamh eatorra anns an aiste bheag seo.

Bho chionn grunn bhliadhnaichean, bha mi a’ leughadh sgeulachd (Diluain ʼs Dimàirt ʼs Diciadain) san leabhar “The Book of Arran” mu fhigheadair crotach a thug toileachas cho mòr do na sìthichean (sìbhrich ann an Gàidhlig Arainn) ʼs gun tug iad a’ chroit far a dhroma. Ge-tà, rinn iad a choimhearsnach crotach eile “dà uair na bu chrotaiche” nuair a mhill esan am port a bha iad a’ seinn. Aig bonn an sgeòil, laigh mo shùil air nòta ag innse gun robh sgeulachdan Iapanach ann coltach ris an tè seo, ach gur e fliodh air bathais am peanas, seach croit air a sparradh air druim.

Cha do thòisich sgoilearan Iapanach air mith-sgeulan na tìre a rannsachadh gus na 1960an, ach a-nis gheibhear na deicheadan mhìltean de sgeulachdan dùthchasach air an rannsachadh. Coltach ri sgeulachdan Gàidhealach, tòisichidh mòran dhiubh le pàtrain shuidhichte, cleas “Uair dha robh saoghal”; “Bha siud ann uair”, msaa. Tha còig prìomh mhith-sgeulan Iapanach ann air a bheil fèill aig an t-sluagh agus a tha air nochdadh ann an iomadh riochd. Canar sgeulachdan “Muromachi” riutha bhon a tha iad a’ buntainn don linn ‘Muromachi’ (1392-1573, 1333/36-1573).

Is e “Urashima Taro” sgeulachd Iapanach eile a tha glè aithnichte fhathast agus a thug gu m’ aire coltasan ri sgeulachdan Gàidhealach a thaobh plòta na stòiridh. Tha seo eadar-dhealaichte bho na sgeulachdan Muromachi san t-seagh gu bheil eileamaidean dhith stèidhichte air eachdraidh. Mar sin, buinidh e do na seann-sgeulan anns nach fhaighear na foirmlean suidhichte a gheibhear anns na mith-sgeulan. An seòrsa aig a bheil càirdeas fad às ri seann phearsachan is tachartasan a bha uair fìor ged a chaidh an atharrachadh thar nan linn.

San tè seo, sàbhailidh iasgair òg, Urashima Taro, sligeanach a bheir leis e gu lùchairt Rìgh nan Dràgon fo uachdar a’ chuain mar thaing. Gabhaidh e gaol air bana-phrionnsa agus cuiridh e seachad trì bliadhna ann. Thig an cianalas air agus nuair a nì e airson tilleadh don t-saoghal bhon tàinig e, bheirear dha ‘seotal draoidheachd’ le rabhadh gun a fhosgladh. Mo thruaighe, fosglar e agus air ball, thèid e na sheann duine liath ʼs chan aithnich e duine no togalach am baile àraich oir tha 500 bliadhna air a dhol seachad seach na trì a chaith e anns an lùchairt sheunta air grunnd na mara. Ann an sgeulachdan Gàidhealach a leugh mi a tha fìor choltach ris na tha a’ tachairt ann an Urashima Taro, mar as trice, thèid am fear a-steach do shìthean agus thig e a-mach ʼna dhuine liath, aosmhor mus crìon e gu luaithre.

Chan eil agam ach sop às gach seid an-seo, ach ma tha sibh a’ gabhail tlachd à sgeulachdan Gàidhealach agus na creutairean sìthe is eile à Gàidhealtachd is Galltachd na h-Alba, is cinnteach leam gun còrd sgeulachdan Iapanach dhen leithid ribh cuideachd.

Le Steaphan Mac Risnidh

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach