A’ leantail oirnn le dualchainntean, ’s e an t-ath eilean, Diùra chreagach nam fiadh, a tha fon phrosbaig.

1. Dad mionaid / dad thusa
Fuirich ort / fuirich mionaid. ‘Dad thusa a-nis gus an cuimhnich mi.’
2. Crìon
Beag. Patach crìon – Pàiste beag
3. Dìreag
‘Ornament’, ‘knick-knack’ cosail ri rudeigin a ghleidheadh duine air a’ bhreis os cionn a’ ghealbhain (teine). Is e ‘d’ cosail ri ‘d’ na Beurla a tha an seo is chan e am fuaim a gheibhear ann an ‘dìreach’.
4. Geoicheag
Ainm pàisteanta air muc. ‘Piggy’.
5. Diocan
Ainm pàisteanta air each. ‘Gee-gee’.
6. Patach
Pàiste
7. Breicmheas
Bracaist. Tràth-bidhe sa mhadainn. Bidh feadhainn ag ràdh an ‘mh’ agus feadhainn eile ga fhàgail às.
8. Cha lughaide
Is dòcha, theagamh, faodaidh e bhith.
9. Fìleadh
Sruth adhar fuar a’ tighinn a-staigh tro bheàrn a thaobheigin. ‘Draught’.
10. Fobharradh
Foghar. Tha an ‘o’ an seo cosail ris an ‘oi’ ann an ‘goil’, ‘goid’ is a leithid.
Na facail a chaidh a thoirt airson Ìle, bha iad air fad ri an cluinntinn ann an Diùra cuideachd, ach dìreach gun e ‘mìr’ a bu mhotha a bhiodh aca ann an Diùra seach ‘stuth’ airson ‘dad/càil/rud sam bith’.
Tha Dàna a’ toirt taing don Oll. Seòras Jones (http://www.gjls.co.uk) airson an liosta seo a chruthachadh. Gur robh math agad!
A bheil dualchainnte sònraichte agad? Am bu mhath leat liosta sgrìobhadh dhuinn? Cuiribh fios thugainn.
Tha an dealbh anns an àrainn phoblach.