Dualchainnt Ìle ann an 10 Faclan

An deach thu riamh a dh’Ìle? An do ghabh thu iongnadh nuair a ghlaodh thu ‘thalla’ ri cù agus thàinig e gad ionnsaigh? Seo dhut, 10 faclan a bheireadh cobhair dhut ann an Eilean an Uisge-Bheatha.

 

Fionnlagan © Brian Turner
Fionnlagan © Brian Turner

1. Gun robh math agad

Seo a’ bheannachd a bheir muinntir Ìle dhut, agus tha cuideachd air a cleachdadh an àite ‘mòran taing’. Tha seo glè fhaisg air na tha fhathast air a cleachdadh ann an Èirinn is Eilean Mhanainn. Coltas eagallach fada air an abairt ach their a’ mhòrchuid ann an dòigh nas giorra i: ‘Gura math a’d’.

 

2. Stuth

Tha seo cumanta an àite rud/dad/càil. Cuideachd tha ‘gun stuth’ a’ ciallachadh ‘saor ’s an-asgaidh’ (gratis).

‘Dè tha dol an-diugh? Chan eil stuth.’

 

3. Chan eil odds

Abairt a chaidh a’ ghoid à Beurla tha mi a’ creidsinn ach a tha ‘ag obair’ ’sa Ghàidhlig gun teagamh. A’ ciallachadh ‘Chan eil e gu diofar/dè ’n diofar’.

 

4.Shiubhail e/i

Tha seo air a chleachdadh airson fear no tè a bhàsaich. Dòigh caran socair, airson daoine a-mhàin.

 

5. Thalla!

Ann an Ìle is feadhainn de na h-eileanan timcheall, tha sinn ag ràdh ‘Thalla’ far am bidh sgìrean eile a’ cleachdadh ‘Thig/trobhad an seo’.

Is airson a dhol air tòir chuideigin a tha a’ teicheadh, theireamaid ‘Falbh!’.

 

6. Rèidh

‘A’ bheil sibh fhathast a’ sgrìobhadh an tràchdais dhòrainnich ud?’ ‘Tha, chan eil mi rèidh.’

A’ ciallachadh ciùin agus crìochnaichte, mar as trice an àite ‘deis/ullamh’.

 

7. A’ mothachainn

‘Tha mi a’ mothaichainn ciontach nach eil mi a’ sgrìobhadh an-dràsta.’

Cha chluinnear ‘a’ faireachdainn’ ann an Ìle tric.

 

8. Prìseil/baibheil

Tha am facal ‘sgoinneil’ air fàs gu math cumanta fad is farsaing.

‘Tha sin prìseil/baibheil!’ aig na h-Ìlich. ‘Baibheil’ – /bɤival/.

 

9. Cosmhail ri

An àite ‘coltach ri’.

‘Tha am postaidh ud cosmhail riut. ”

 

10. Dòrainn

Tha am facal air a chleachdadh ann an Ìle airson pian na h-inntinn agus pian chorporra.

‘Tha dòrainn uabhasach orm leis mar a chaidh an daorach a-raoir agus mi rèidh leis an tràchdas.’

 

Tha Dàna a’ toirt taing do Euan aig Ionad Chaluim Chille Ìle airson cuid mhòr den liosta seo a chruthachadh. Gur robh math agad!

Tuilleadh a dhìth ort? Seo liosta nas fhaide de dh’fhaclan a chaidh an trusadh airson Seanchas Ìle.

Faigh tuilleadh a-mach mu Ghàidhlig Ìle.

 

A bheil dualchainnte sònraichte agad? Am bu mhath leat liosta sgrìobhadh dhuinn? Cuiribh fios thugainn.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach