Dualchas suaicheanta Okinawa

Ghabh Steaphan cuairt do dh’eilean Okinawa fada gu deas air prìomh eileanan na h-Iapain ann am mìos an Iuchair.


Fad 450 bliadhna, bha Okinawa agus eileanan eile sa cheàrn sin fo uachdranas Rìoghachd Ryukyu gus an do ghabhadh thairis iad le Ìompaireachd na h-Iapain an 1879. Mar sin, chan fhaighear mòran iomraidh orra ann an leabhraichean mu dheidhinn cultar is eachdraidh na h-Iapain, oir ʼs ann a tha an dualchas suaicheanta fhèin aca agus cànan dùthchasach.

Buinidh Okinawais do theaghlach nan cànan Ryukyu ach tha làmh an uachdar aig Iapanais air Okinawais sa phrìomh eilean (Okinawa) gu h-àraidh am measg na h-òigridh a bhios a’bruidhinn Iapanais le blas Ryukyu orra. Ach, mus deach mi ann thug mi sùil air làrach-lìn sgoilearach coisrigte do na cànanan Ryukyu. Chuir mi a’ chiad fhacal Iapanach a thàinig gu m’ aire a-steach don einnsean-rannsachaidh, agus b’ e sin “Arigatou”. Thagh mi dualchainnt sgìre Shuri-Naha, agus ʼs e “Kapuchi” a thàinig am bàrr. Cha ghabhadh seo cleachdadh ach eadar càirdean ge-tà. An uairsin, chuir mi a-steach facal na bu mhodhaile buileach airson “taing” a thoirt do dhaoine — “Arigatou gozaimasu”. B’ e “Nifii Debiru” a thog ceann le faidhlichean fuaim.

Seo am facal a labhair mi ri boireannach gasta ann am bùth thìodhlaicean air prìomh-shràid Naha, ceanna-bhaile eilean Okinawa. Bha sinn a’ bruidhinn greis (san Iapanais) agus cheannaich mi botal de dheoch-làidir “Habu-shu” san lorgar nathair mharbh na laighe aig a’ bhonn, coltach ri cnuimhneag a’ tequila! Is e “habu” an t-ainm Okinawach air an nathair phuinnseanta a tha lìonmhor anns an eilean.

Bhlais mi air an deoch seo ann an izakaya (taigh-bìdh is dibhe) uair a thìde ro làimh agus chuir e branndaidh nam chuimhne le a mìlse agus dath. Bha na mnathan ann am bùth nan tìodhlaicean ro dheònach mo chuideachadh le fuaimneachadh “Nifii Debiru” agus le blasadan de na diofar sheòrsachan “Habu-shu”  a bh’aca. Dh’fhàg mi beannachd aca le sunnd agus sogan ʼnam cheann ’s mi air sgobag an-siud ʼs sgobag an-seo fheuchainn feadh na h-ùine sin.

20170720_124001209_iOSMadainn an dàrna latha againn ann an Okinawa, agus thog sinn oirnn gu eilean Zamami air bàt-aiseig mu dhà uair a thìde o Naha. Ann an Zamami, cha robh ach aon nì fa-near dhuinn, agus b’e sin a bhith gar failceadh fhèin anns an t-sàl ghorm, fìor-ghlan nach fhaighear ach anns na ceàrnaidhean as blàithe dhen t-saoghal.

Port Naha

Cha robh mòran ùine againn idir am math a ghabhail dhen tràigh agus dhen mhuir san robh uibhir de dh’iasgan dathach a’ snàmh fodhainn. Tha pailteas fiadh-bheatha a’ tàmh timcheall eilean Zamami. Am measg nan iasg a tha a’ còmhnaidh an lùib a’ choireil phrìseil, gheibhear feadhainn phuinnseanta leithid “a’choinein-mhara fhlùraich” (flower urchin), an èisg-chloiche (stonefish) a tha uaireannan marbhtach do dhaoine, agus an èisg-leòmhainn ruaidh (red lionfish). Ged nach robh sinn anns a’ chuan ach greis bheag, thugadh greim à òrdag mo chompanaich nuair a bha e ri fleòdradh air snàmhachan agus a chas na chrochadh san t-sàl. Ge-be dè an t-iasg a bh’ ann, tharraing e fuil ged a b’e lot beag a bh’ ann.

Nan dèanainn a’ chuairt gu Zamami a-rithist, dh’fhuirichinn aon oidhche aig a’ char as ghiorra anns an eilean, oir cha do dh’fhàg a’chiad bhàt-aiseig Naha gus deich uairean sa mhadainn, agus dh’fhalbh am bàta mu dheireadh o Zamami gu Naha aig mu ceithir uairean feasgar. Agus, cò nach eilticheadh bhith aig an tràigh air oidhche chiùin dhorch agus an sàl tlàth a’ sloisreadh ma chasan?

20170721_054911619_iOS

Nuair nach robh sinn ʼnar suidhe ris a’ ghrian ʼs i  cur maille air ar lèirsinn, bha sinn a’ tadhal air àiteachan aosmhor ann an eilean Okinawa. Leithid Caisteal Nakagusuku. Nad sheasamh air na mùirean, gheibhear sealladh sgoinneil air a’ Chuan Sèimh don taobh an ear, agus air Cuan Sìona an Ear don taobh an iar.

20170723_054623152_iOS

Tha mu thuaiream 300 làrach caisteil feadh sgìre Okinawa agus tha Caisteal Nakagusuku air fear de na tobhtaichean as dìonglèidhte dhiubh. Molar an tùr is innleachd ann an togail nam ballachan ʼs nam mùirean oir tha dòigh-càraidh clachan nan caistealan aig àm na rìoghachd Ryukyu air a cunntadh na b’ ealanta na bha e san Iapan aig an àm.

Chaidh a’ mhòr-chuid de Chaisteal Nakagusuku a thogail ro dheireadh na 14mh linn agus tha e mun aon mheud an-diugh ʼs a bha e nuair a ghluais Gosamaru, tighearna Chaisteal Zakimi, a dhachaigh gus tàmh ann an Nakagusuku an 1441. Tha meud làrach a’ chaisteil, aig 112,399 meatairean ceàrnagach am farsaingeachd, a’ buntainn don linn sin, agus 14,472 meatairean ceàrnagach an taobh a-staigh air na ballachan.

20170722_070619020_iOS

Is e “Sefa-utaki” làrach dualchais-chruinne eile san do thadhail sinn rè an turais againn timcheall Okinawa. Tha “Sefa-utaki” suidhichte ann an crìochan Baile Nanjo, agus lorgar iomradh air an àite seo sna h-uirsgeulan as aosta mu dheidhinn cruthachadh nan eileanan Ryukyu.

ʼS e seo an làrach naomh as beannaichte agus tha i air a gleidheadh an-diugh mar sheòrsa de thèarmaid sa bheil pailteas nàdair agus eadhon taistealaichean a thig ann a dhèanamh adhradh. Mus deach sinn a-steach còmhla ris an fhear-iùil a threòraich sinn le mìneachadh air na puingean a bu chudromaiche a thaobh an ionaid, rinn sinn boghadh spèiseil agus boghadh beag a-rithist nuair a dh’fhàg sinn e. Cromadh na colainn uachdraich air nòs na h-àird an ear.20170722_032244863_iOS

20170723_054644818_iOS

àisiaryukyuanais

 

 

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

2 thoughts on “Dualchas suaicheanta Okinawa

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach