Dùbhlan Shanjeev | BBC Alba

Feumaidh mi ràdh an toiseach gu bheil mi measail air Sanjeev Kholi. Cuideachd, mar neach a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig mar inbheach agus a bhios ga teagasg do luchd-ionnsachaidh eile, tha ionnsachadh na Gàidhlig air fear de na cuspairean as fheàrr leam. Mar sin, ’s e briseadh-dùil a bh’ ann dhomh gun robh am prògram seo caran lag.

Chuir an cleasaiche comadaidh roimhe Gàidhlig ionnsachadh, taobh a-staigh sia mìosan, gu ìre a bhiodh math gu leòr ’s gum b’ urrainn dha bhith na phreasantair air a’ phrògram rèidio, ‘Siubhal gu Seachd le Pluto”. Ach chan e sin a-mhàin a thug air Sanjeev Gàidhlig ionnsachadh; ’s ann à Leòdhas a tha teaghlach a mhnaoi, agus mar fhear a chaidh a thogail ann an taigh dà-chànanach, tha ùidh aige ann an cànain co-dhiù.

Dè bha ceàrr air a’ phrògram, ma-tà? Uill, cha b’ ann le Sanjeev fhèin a bha an trioblaid. Bha e follaiseach bhon toiseach gun robh e dha-rìribh airson a’ chànain ionnsachadh, ged a bha stiùiriche a’ phrògraim a’ dèanamh a dìcheall, aig amannan, fealla-dhà a dhèanamh dheth. Cha robh an guth-aithris na chuideachadh na bu mhotha; bha e coltach ri bhith ag èisteachd ris an fhear air Come Dine With Me.

A’ chiad rud: bha fada cus Beurla sa phrògram. ‘S beag an t-iongnadh, bidh sibh a’ smaointinn. ‘S e BBC Alba a th’ ann. Ach chan eil mi dìreach a-mach air seo bho thaobh chòraichean cànain: ’s e deasbad eile a tha sin.

Airson prògram mu dheidhinn ionnsachadh na Gàidhlig, cha robh mòran Gàidhlig ri cluinntinn. Bha cha mhòr a h-uile duine a’ cleachdadh na Beurla còmhla ri Sanjeev, ged a bha cruaidh fheum aige air cothroman a chuid Gàidhlig a chleachdadh. Bha tidsear sa chlas aige a’ bruidhinn Beurla ris. Bha a thidsear phrìobhaideach a’ bruidhinn Beurla ris. Bha Beurla fiù ’s aig a’ chù-chaorach ann an Leòdhas ris an do thachair e.

Nise, tha mi a’ tuigsinn gum biodh e doirbh prògram gu tur ann an Gàidhlig a chruthachadh le duine aig nach eil Gàidhlig fhileanta, ach cha do rinn iad oidhirp sam bith sin a dhèanamh. Agus, gu mì-fhortanach, chan eil sin ach a’ dearbhadh na tha cus dhaoine a’ creidsinn mar-thà: gun urrainn dhut Gàidhlig ionnsachadh tro bhith a’ bruidhinn ma deidhinn ann am Beurla.

Nan robh mi fhìn a’ coimhead air a’ phrògram ’s beachd agam Gàidhlig ionnsachadh, cha bhithinn air mòran brosnachaidh fhaighinn às. Cha do thadhail Sanjeev air institiud nàiseanta ionnsachadh na Gàidhlig (oir chan eil tè againn). Cha do bhruidhinn e ri eòlaiche ann an ionnsachadh inbhich. Cha deach e gu Sabhal Mòr Ostaig. Cha do rinn e cùrsa bogaidh. Bha e a’ faighinn beagan oideachaidh ceart gu leòr, ach cha robh e coltach gun robh iad a’ leantainn cùrsa stèidhichte idir. Cha robh aige ach faclair, CDan agus uair de dh’oideachadh neo-fhoirmeil gach seachdain – na dearbh rudan a bhiodh aig luchd-ionnsachaidh sna linntean mus deach Achd na Gàidhlig a stèidheachadh (agus tha fhios againn dè cho soirbheachaill a bha sin). Bha e leis fhèin, cha mhòr. ‘S e dùbhlan a bha sin gun teagamh.

Rud eile: cha d’ fhuair Sanjeev an cothrom bruidhinn ri duine sam bith a bha air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantas. Thachair e ri mòran daoine aig an robh Gàidhlig bho thùs; bhruidhinn e ri cù (ann am Beurla); fhuair e leasan air a’ phìob mhòir (ann am Beurla). Ach cha d’ fhuair e an cothrom còmhradh onarach a chumail le daoine a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig gu soirbheachail mar inbhich. Cha d’ fhuair e comhairle no sgeulachdan no brosnachadh bhuapa. Nam bheachd-sa, bhiodh am prògram na b’ fheàrr nan robh iad air an cothrom seo a ghabhail.

Aig amannan, chunnaic sinn sealladh den t-seòrsa prògraim a dh’fhaodadh a bhith ann. Bha dàimh nàdarra, chàirdeil ann eadar Sanjeev agus oide, Màiri NicArtair. Cuideachd, fhuair e deagh chomhairle bho Charina NicLeòid (’s i an aon neach a bha ga cheartachadh, cha mhòr). Agus bha còmhradh inntinneach cuideachd eadar Sanjeev, a bhean agus a peathraichean, mu dheidhinn cleachdadh chànain am broinn theaghlaichean dà-chànanach – intergenerational transmission, mar a their iad. Ach aon uair ’s gun deach iad faisg air faireachdainnean fìrinneach, thàinig an còmhradh gu crìoch.

Aig deireadh a’ phrògraim, rinn Sanjeev a’ chùis air Siubhal gu Seachd. Bha e air sgriopt ionnsachadh mar phiorraid, coltach ri cuid mhath de dhaoine a bhios air an àrd-ùrlar gach bliadhna aig a’ Mhòd: làn Gàidhlig fad beagan mhionaidean, ach an dèidh an dèanadais, cha eil e comasach dhaibh còmhradh a chumail sa chànan. A bheil luach ri lorg an sin?

Nuair a chaidh Sanjeev gu cuirm nam Balach Bhatarsaigh ann an Glaschu, thuirt fear dhiubh, “I’ve been trying to learn Gaelic since I was six,” agus rinn iad uile gàire. ‘S tric a chluinneas tu daoine ag ràdh gu bheil iad air a bhith a’ feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh fad deich, còig deug, fichead bliadhna, agus tha e caran èibhinn, ann an dòigh dhubh. Tha na mìltean de dhaoine againn ann an Alba a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, ach chan eil sinn air siostam a stèidheachadh a bheir gu fileantas iad. Aig a’ cheart àm, tha an cànan a’ crìonadh, agus an dùbhlan againn a’ fàs nas motha.

– Rhona NicDhùghaill

‘S ann leis a’ BhBC a tha an dealbh gu h-àrd.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

2 thoughts on “Dùbhlan Shanjeev | BBC Alba

  1. Duine comasach, dubhlan mor, ach dubhlan a ghabhas a choilionadh agus tha mi an dochas gun cum e a’ dol gus am bi e comasach air program a dheanamh as aonais sgriobt. Tha Rhona air cnag na cuis a chur an ceill, ge-ta. Thathas a’ suileachadh fhathast gur e rud annasach a thachras gle ainneamh a th’ ann an ionnsachadh na Gaidhlig gu fileantas … ged a tha na miltean againn air a dheanamh mar-tha. (Agus seadh, nam biodh sracan rim faiginn air a’ mheur-chlar seo, bhithinn air am pios seo a litreachadh ceart cuideachd!)

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach