Duilleagan Ùra air Craobh an Litreachais | Comann Litreachas Ghlaschu

ro_fhada_san_tsuidheachadh_seo

Garry Patrick Cooke agus Marcas O Siadhail Meinnearach ag innse dhuinn mun chaibideil ùir airson litreachas na Gàidhlig ann am Baile Mòr Ghlaschu.

Chaidh comann litreachais ùr a stèidheachadh ann an Glaschu o chionn ghoirid le grunnan charaidean aig a bheil ceanglaichean ri Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Glaschu is “Inbhich gu Fileantas”, prìomh bhuidheann luchd-ionnsachaidh inbhich sa bhaile mhòr. ’S e “Comann Litreachas Ghlaschu” ainm a’ chomainn seo.

Mar phàirt de Chomann Litreachas Ghlaschu, bidh club-leabhraichean ùr a’ coinneachadh uair sa mhìos, air gach treas Diciadain, san taigh-seinnse, an “Lios Mòr”, aig 6.30 feasgar.

Bidh buill den chlub-leabhraichean seo a’ leughadh leabhar eadar-dhealaichte gach mìos agus ’s e
Ro Fhada San t-Suidheachadh Seo le Alasdair Caimbeul a’ chiad leabhar a chaidh a thaghadh mar
“leabhar na mìosa”. ’S e nobhail ghoirid a tha seo a bhunnig a’ phrìomh dhuais mar “Leabhar na
Bliadhna” aig Duaisean Litreachais Dhòmhnaill Meek ann an 2015.

’S e lìonra a th’ ann an Comann Litreachas Ghlaschu. An taobh a-staigh an lìonra seo, bidh cothrom
aig Gàidheil Ghlaschu is caraidean na Gàidhlig beatha litreachail a’ bhaile mhòir a leasachadh.

Bidh an comann a’ toirt ri chèile nan daoine aig a bheil ùidh ann an litreachas na Gàidhlig agus nan
daoine aig a bheil ùidh ann an cùrsaichean litreachais. Bho àm gu àm, bidh ùghdar no dhà a chuir ri
stòras an litreachais Ghàidhealaich air aoigheachd aig buill a’ chomainn rè nan coinneamhan mìosail; agus, cuideachd, bidh blogaichean ann a bhios a’ toirt chothroman dha na buill de Chomann Litreachas Ghlaschu na beachdan aca air foillseachaidhean sa Ghàidhlig is sa Ghaeilge a chur an cèill.

Tha piseach air tighinn air litreachas na Gàidhlig thar nam bliadhnachan, gu h-àraidh bhon a chaidh an sreath leabhraichean air a bheil “Ùr-Sgeul” a stèidheachadh ann an 2003. Le bhith a’ coinneachadh ri chèile ann an Glaschu agus a’ brosnachadh chàich a chèile is dhaoine eile cuideachd, bidh buill a’ chomainn ùir ag amas air a bhith a’ cur taic ri sgrìobhadh is leughadh is deasbadan sa Ghàidhlig gach cuid an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh a’ bhaile mhòir.
San t-saoghal anns a bheil sinn beò, tha leabhraichean sa Bheurla rim faicinn air feadh an àite. Ach, a thuilleadh air na leabhraichean sin, tha am pailteas leabhraichean ann a chaidh a dheagh-sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus a chaidh a dheagh-dheasachadh is a dheagh-riochdachadh airson luchd-leughaidh an latha an-diugh. Nach bu chòir dhuinne aig a bheil comas leughaidh sa Ghàidhlig nas urrainn dhuinn a dhèanamh a dhèanamh gus inbhe nan leabhraichean seo ann an cànan nan Gàidheal àrdachadh? Leughamaid iad còmhla ri chèile!

Tha na foillsichearan, Clàr, air lasachadh-prìse de 25% a thabhann air an làraich-lìn ùir aca (www.clar.online) dha buill den chomann; agus tha an còd-lasachaidh ri fhaighinn bhon chomann.

Nach cuir sibh post-dealain chun a’ chomainn (aig comannlitreachasg@gmail.com) air a shon? Cuideachd, ’s urrainn dhuibh “leabhar na mìosa” fhaighinn bhon bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean ann am Partaig ann an Glaschu. ’S ann aig gach coinneamh a’ chomainn a thèid bruidhinn air an ath leabhar ri leughadh.

  • Garry agus Marcas

Bha a’ chiad choinneamh den chlub-leabhraichean aig Comann Litreachas Ghlaschu a’ tachairt
air Diciadain, an 15mh latha den Ghearran, 2017, aig 6.30 feasgar san taigh-seinnse, an “Lios Mòr”, ann am Partaig, Glaschu. Cùm sùil airson an ath choinneamh aig an duilleig Facebook aca.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Duilleagan Ùra air Craobh an Litreachais | Comann Litreachas Ghlaschu

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach