Dùthchannan na sitige


Tha na pàipearan-naidheachd a’ bruidhinn air ciamar a chaidh na faclan “shithole countries” aig an Trumpach (no Dòmhnall Iain, mas fheàrr leat) eadar-theangachadh air feadh an t-saoghail. Saoilidh mi gum biodh e math nan sgrìobhadh daoine na tionndaidhean Gàidhlig aca sna “beachdan” fon phìos seo gus sreath a thòiseachadh. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa air? Fàg freagairt.

Seo aon tionndadh agam airson cùisean a chur gu dol:
dùthchannan na sitige
 
Seo na bh’ aca ann an cànain eile:
 
Corèanais: dùthchannan nam baigearan
Iapanais (NHK): dùthchannan salach
Iapanais (BBC): dùthchannan an òcraich
Iapanais (Jiji Press) dùthchannan mar an toileat
Sionais (Taiwan): dùthchannan anns nach beir eòin uighean (fear neònach)
Serbia: àitean sa bheil madaidhean-allaidh a’ dàireadh
Vietnam: dùthchannan grod/dùthchannan salach/dùthchannan breun (a rèir a’ chraoladair)
Voice of America (Tàidh): dùthchannan an t-salachair
Sluagh-phoblachd na Sìne: droch dhùthchannan
 
Ann an dùthchannan leithid na Frainge, na Spàinn ’s na Portagail, cha robh “toll” air a chleachdadh, ’s chuir iad “dùthchannan a’ chaca” air an abairt.
 
Anns a’ Bheilg, thug na Flànrasaich an gnàth-fhacal fhèin “dùthchannan nan clachan (magairlean)” air.
Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa air? Innis do bheachd fon naidheachd seo.
 
*AFP BB News
 
 
 
 
Share

One thought on “Dùthchannan na sitige

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach