Eden – dìmeas air na mairbh is na beò

atque ubi solitudinem, pacem appellant. agus far an dèan iad fàsach, canaidh iad sìth ris. – Tacitus, Agricola


Airson fear-eachdraidh Ròmanach nach do chuir làrach-coise air talamh Chailleanach, agus a bha a’ sgrìobhadh mu dheidhinn beatha athar-chèile bliadhnaichean as dèidh làimhe, cha robh mòran sgrìobhaichean mu dheidhinn na h-Alba anns an robh fìrinn cho soilleir ris na faclan a chur Tacitus ann am beul a’ chinn-chinnidh Calgacus.

Thàinig sin a-staigh orm fhad ’s a bha mi a’ coimhead Eden, am prògram “Fìrinneach” ùr aig Channel 4 – air a fhiolmadh ann an Àrd nam Murchan. Trì daoine air fhichead a’ feuchainn ri beatha ùr a dhèanamh ann am Pàrras ùr, a-rèir na sanasachd.

Tha a h-uile rud a dhìth orra airson prògram a bhios tlachdmhor dhan luchd-èisteachd, tha beagan strì ann, tha e follaiseach gun do thagh iad daoine le sgilean agus comasan a chumas iad a’ dol ann an droch shìde agus tha sealladh-tìre cho brèagha ri àite fon ghrèin ann. A thaobh a’ phrògraim, bha gu leòr airson luchd-amhairc a ghreimeachadh agus a ghlèidheadh agus aig an ìre sin, chan eil mòran gearain a thaobh sin.

Tha tòrr bruidhne ann mu dheidhinn tòiseachadh às ùr, a’ teicheadh o shaoghal latha-an-diugh. Chan eil guth air carson a tha an t-àite seo falamh. Cha deach innse gur e fàsach innleata a tha seo. Mar Ghàidheil, is aithne dhuinn cò as còireach. Gu bheil e mar a tha e air sgàth dearmad agus dìmeas nan daoine mòra ann an Lunnainn, Dùn Èideann agus Inbhir Nis. Chaidh Seachdnar Fhir Chnòideart a thoirt gu lagha airson na thathar a’ taisbeanadh mar fhealla-dhà do mhuinntir Bhreatainn a’ Bhrexit.

Chan eil sinn ri ar faicinn no ri ar cluinntinn nar dùthaich fhèin, ach plus ça change, agus dhèanadh sin mise feargach gu leòr mura robh a’ bhuille as cruaidhe fhathast gar feitheamh.

Tha feansa mòr àrd a’ cuairteachadh na làraich – tha brùidean tèarainteachd ri faire – bho chionn latha no dhà, chuir iad an ruaig air feadhainn às an sgìre a rinn cuairt ann. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air còraichean aosmhor Albannach airson siubhal far a thogras sinn a chur gu aon taobh fhad ’s a tha am prògram ga dhèanamh. Tha ar còraichean air an sadail a-mach airson tlachd an luchd-amhairc ann an Lunnainn agus dhomh fhìn, tha sin na shamhla air an linn anns a bheil sinn beò.

Eoghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach