Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse

Chaidh èiginn na gnàth-shìde a ghairm le Nicola Sturgeon nas tràithe dhen bhliadhna, ach dè tha sin a’ ciallachadh do dh’Uibhist a Deas, fear de na prìomh àiteachan a tha fo chunnart ri linn atharrachadh na gnàth-shìde? Anns an ath cheud bliadhna, dh’fhaodadh stoirmean nas treasa, cho math ri sruthlaidhean mòra cumhachdach nan cois, bristeadh tro choilleagan a’ mhachaire, a’ cur às do choimhearsnachdan agus fearann-croitearachd, mar a chuala sinn on Oll Stiùbhart Angus a bha a’ bruidhinn aig symposium coimhearsnachd Cheòlais air 23 dhen Iuchar.

Dè tha gu sònraichte a’ fàgail Eilean Uibhist fo chunnart? Tha dà rud ann: àrainneachd Eilean Uibhist fhèin, agus mar a dh’fhaodas crìonadh na gnàth-shìde buaidh a thoirt air a’ mhuir agus eile a tha a’ cuairteachadh an eilein. ’S e uisge (agus sàl) am prìomh dhùbhlan a th’ aig Uibhist sa chàs seo.

Seann Loch Dhalabroig ann an Cille Pheadair

Tha “còrsa so-mhillidh” (vulnerable coast) air taobh an iar de dh’Uibhist, a’ ciallachadh gu bheil còrsaichean maotha (soft coasts) ann – am machair a tha na thalamh ìseal air a bhreacadh le lochan agus boglaichean faisg air ìre na mara. Tha cladaichean air taobh an iar an eilein, anns a bheil na còrsaichean maotha seo, cuideachd fosgailte do làn-neart a’ Chuain Shiair. (Mar a chualas, ’s iad na ceitheir còrsaichean as so-mhillidhe ann an Alba: taobh an iar Uibhist, Tiriodh, Ìle agus Sanndaigh an Arcaibh. ’S iad na h-àiteachan as motha fo chunnart ann an Uibhist: Am Baile Sear, Abhainn Thobh’, Cille Pheadair agus Cill Donnain/An Ròdha Glas.)

Còrsa maoth agus cladach so-mhillidh Uibhist

Cho math ris an àrainneachd seo, tha mar a dh’fhaodas buaidhean crìonadh na gnàth-shìde, èirigh ìre na mara nam measg, a’ co-obrachadh ri chèile a’ fàgain gur dòcha gun tèid suidheachadh a chruthachadh a dh’adhbhrachadh call nach beag air àrainn agus stòras an eilein.

Cò iad na buaidhean agus na feartan tìreil sònraichte seo, ma-thà?

  1. Èirigh Ìre Dhàimheach na Mara (Relative Sea-level Rise tha rannsachadh air sealltainn gu bheil am muir ag èirigh nas luaithe ann an Uibhist, fa chomhair na tìre, na tha e san àbhaist ann an Alba. (Tha grunn adhbharan airson seo, èirigh tìreil bho bhrùthadh cudrom na deighe o chionn deich mìle bliadhna nam measg.) Ann an Uibhist, tha èirigh ìre na mara faisg air 6mm sa bhliadhna.
  2. Sruthladh na Mara ri linn Stoirm – tha raointean mòra de cheilpe (stamh) a’ fàs fon t-sàl a-mach o chladach taobh siar Uibhist. Tha na coilltean-ceilpe seo a’ dìon an eilein o làn-neart nan stuadh. Stèidhichte air rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an Nìrribhidh, thathar dhen bheachd gum faodadh gum bi na coilltean-ceilpe seo a’ sùghadh suas ri 90% de neart nan tonn a dh’èireas às a’ Chuan Shiar gu bristeadh air cladaichean Uibhist. Ach, ri linn èirigh ìre na mara, atmhorachd na mara ri linn brùthadh ìseal agus sruthladh stoirm (storm surge), tha dùil gun èirich neart nan tonn os cionn dhuilleach nan stamh, a’ fàgail gum fuiling cladaichean Uibhist fo làn-neart nan tonn a’ bristeadh orra.
  3. Talamh Ìseal – fad co-dhiù 300 bliadhna, bhiodh machair Uibhist ga dhrèineadh a’ cleachdadh siostam toinnte de lìgidhean, truinnsichean agus geataichean-uisge. Tha an drèineadh air a bhith cho soirbheachail ’s gun deach cuibhreannan mòra de thalamh-àitich a shaoradh bhon mhuir. ’S e machair Cille Pheadair a’ phrìomh eisimpleir ann an Uibhist a Deas, far an deach Loch Dhalabroig – loch-sàile – a thràghadh thar còrr is 200 bliadhna bho c.1744, a’ fosgladh talamh ùr do dh’àiteachas. Ach, tha seo a’ ciallachadh gu bheil roinntean mòra de dh’fhearann fo ìre an reothairt ann an Uibhist. Ged as e Cille Pheadair a tha as motha fo chunnart an seo (’s gun ach slisneag bheag de mhealbhach a’ cumail na mara a-mach), tha àiteachan eile an leithid Chill Donnain agus Thobha Mòir fo chunnart.
  4. Drèineadh – bho chionn fada, bhiodh truinnsichean agus geataichean-uisge gan cleachdadh gus fìor-uisge, a shileadh air an eilean mar uisge, a leigeil às an eilean. Tha grunn eisimpleirean eachdraidheil againn (mar Sgeir a’ Chlòidhein aig Beul an Toim), agus chan eil an siostam air atharrachadh on 18mh linn. Ge-tà, tha na geataichean-uisge car seann, a’ fàgail nach eil iad cho èifeachdach leis mar a dh’èirich ìre na mara o chaidh an ùrachadh mu dheireadh. Tha seo a’ fàgail gu bheil ùine nas giorra ann eadar na làin far an gabh uisge a leigeil a-mach. Ma thig uisge trom trom (le cuid de mhodalan gnàth-shìdeil ag innse gum faod an Rìoghachd Aonaichte fhàs fada nas fhliche ro 2080), bidh ìre an uisge anns an eilean ag èirigh cho àrd is nach b’ urrainn dhan t-siostam-drèinidh dèiligeadh ris na bhiodh ann de dh’uisge, ag adhbhrachadh thuiltean.

    An Lige Mòr ann an Loch Olaidh an Iar

Nan tigeadh stoirm mhòr, le sruthladh mara na cois a bhristeadh a-steach tro choilleagan a’ mhachair, cuide ri uisge trom a dh’adhbhraicheadh tuiltean, dh’fhaodadh pàirtean mòra dhen mhachair a bhith air an call. Cho math ri sin, tha dragh gum brist an sàl a-steach gu fìor-uisge nan lochan, a’ salannachadh an uisge a tha mar àrainneachd do fhiadh-bheatha agus eile.

Ann am beagan fhaclan, sin agaibh an càs gàbhaidh a tha ro Eilean Uibhist an-dràsta, air fhianaiseadh le còrr is 10 bliadhna de rannsachadh is dian-sgrùdadh. Tha an rannsachadh sin air beachd a thoirt dhuinn air dè dh’fhaodadh tachairt do dh’aon choimhearsnachd eileanach ann an Alba.

Ciamar a tha sinn dol a lorg fuasgladh air an trioblaid ioma-thaobhach seo? A bheil fuasgladh ri lorg idir? Cò air a bheil an t-uallach a’ laighe gus fuasgladh fhaighinn, neo ro-innleachd a chur ri chèile airson dèiligeadh ris an èiginn? Stòras Uibhist? Comhairle nan Eilean Siar? Ùghdarrasan Poblach mar SNH neo Coimisean na Croitearachd? Riaghaltas na h-Alba? Riaghaltas na RA?

Dh’fhaodadh gur e Uibhist a’ chiad choimhearsnachd ann an Alba a dh’fhuilingeas gu susbainteach ri linn crìonadh na gnàth-shìde. Tha an èiginn ann, ach cò tha dol a dhèanamh rud ma dèidhinn?

Tha an aithris seo uile stèidhichte air òraid an Oll. Stiùbhart Angus, a lìbhrigeadh aig Symposium Cheòlais air 23 dhen Iuchar, 2019.

– Liam Alastair Crouse

 

Share

3 thoughts on “Èiginn na Gnàth-shìde ann an Alba: Uibhist | Liam Alastair Crouse

  1. Ceist dhut, a Liam Alasdair. An dèanadh siostam de ligean nas doimhne, leis na coilleagan air an daingneachadh, an gnothach air a’ mhachair a chòmhnadh bhon mhuir?

    Nan tòisicheadh an iomairt an-dràsta dh’fhaoidte gun dèanadh an Riaghaltas rudeigin mòr ma deidhinn an ceann 10 bliadhna!

    Ceist eile: cò dhiubh, Uibhist no na Tìrean Ìsle/an Òlaind, as motha a tha fo chunnart?

    • 1) Thathar am beachd nach e siostam de lìgidhean nas doimhne an dòigh air adhart, leis gu bheil iad mar-thà air am bogadh gu h-ìre fo ìre àird na mara, a’ fàgail nach eil iad cho èifeachdach ’s a bha. Thathar a’ bruidhinn air siostam de lìgidhean nas àirde, ge-tà, gus uisge tuilteach a leigeil a-mach aig amannan èiginneach nuair nach dèan an siostam a th’ ann an gnothach.

      Feumaidh na coilleagan a bhith air an daingneachadh agus tha SNH air beagan obrach a dhèanamh mu choinneamh seo agus an dùil an tuilleadh a dhèanamh. Thathar cuideachd dhen bheachd gum feum casg a chur air crodh a bhith a’ miastadh a’ mhurain is gainmheach nan coilleagan.

      Tha mi air ceist Pàrlamaid fhaighneachd mun chuspair seo agus chì sinn dè chanas iad; agus tha aire Stòras Uibhist, an oighreachd coimhearsnachd, air a’ chàs.

      2) Deagh cheist, agus tè do nach eil freagairt agam. Tha sgilean agus eòlach anabarrach aig luchd-einnseanaraidh na h-Òlainde air lìgidhean – gu dearbha tha beachd aig cuid gura h-iad a chladhaich lìgidhean Uibhist a Deas an toiseach leis cho toinnte ’s a tha iad! Mar a thuigeas mi an gnothach, ’s e an t-seòrsa siostaim a th’ aca san Òlaind a dhèanadh feum ann an Uibhist, ach feumaidh sinn an gluasad a thòiseachadh an-dràsta. Tha diofar dhùbhlan ann cuideachd, mar eisimpleir, chan eil dìon neo inbhe arc-eòlasach aig na lìgidhean, neo poileasaidh ann air mar a bu chòir a bhith a’ coimhead às an dèidh agus an glanadh, agus cuid a chruitearan a bhios rin glanadh uaireannan a’ dèanamh barrachd cron dhan t-siostam air sàilleibh aineòlais. Chan eil mòran fiosrachaidh idir idir ann mu na lìgidhean, agus deagh chuid dheth air a thasgadh ann an inntinnean na coimhearsnachd.

  2. Pingback: An t-Sìde agus A’ Bheul-aithris |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach