Eòlas agus Buil | Mar a tha modal a’ churaicealaim a’ tachdadh na Gàidhlig


drawings-on-wallTha an lùghdachadh air cuspairean a bhios luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh air AS4 air cron gun chiall a thoirt air a’ Ghàidhlig agus cànainean san fharsaingeachd. Tha Eòghan a’ cur impis air Riaghaltas na h-Alba a dhol air ais gu seann mhodal 8-5 a bha ag obair glè mhath a cheana.

B’ àbhaist dhuinn uile a bhith eòlach air mar a bha foghlam ann an Alba ag obair – bha thu a’ dèanamh bun-sgoil, an uairsin rinn thu a h-uile cuspair sa chiad dhà bhliadhna san àrd-sgoil mus do thagh thu ochd cuspairean airson AS3 is AS4 mus deach thu air adhart gu còig cuspairean air AS5 agus AS6. Dh’obraich e, agus bha mòran soirbheachais ann.

Ach an uairsin thàinig Curaicealaim airson Sàr-mhaitheis a-steach agus dh’atharraich an Curaicealaim fhèin, dh’atharraich na teisteanasan ach cuideachd dh’atharraich mar a bha an curaicealam ga libhrigeadh.

Tha mise a’ creidsinn anns na teisteanasan ùra – tha Ìre Nàiseanta a Còig fada nas fheàrr na bha Ìre Choitcheann agus Eadar-mheadhanach a Dhà airson sgilean labhairt is sgrìobhaidh a thoirt air adhart.
Tha mi cuideachd a’ creidsinn ann am freumhan Curaicealaim airson Sàr-mhaitheis, agus gun robh e ag amas air roghainn cheart a thoirt do sgoilearan,a ch tha mi a’ creidsinn cuideachd gun do shad sinn an leanabh a-mach le uisge an amair. Fhuair iad am modal airson a’ churaicealaim a libhrieadh gu tur ceàrr. Càite am faca sinn an aireamh 6-6-6 roimhne seo? Siostam diabhalt’ gun teagamh!

 

Chaidh am Foghlam Farsaing Coitcheann a leudachadh suas dhan Treas Bhliadhna, agus chaidh an aireamh de chuspairan a bhiodh aig sgoilear ri thaghadh ga geàrradh gu sia a-mhàin anns a’ mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan (ann an Earra-ghaidheil is Bòid chaidh iad sìos gu dìreach còig!). A-niste, chaidh seo a dhèanamh airson pearsanachadh agus roghainn a thabhann do luchd-ionnsachaidh, ach tha an dearbh rud calg-dhìreach an aghaidh sin air tachart.

 

Cha bhi pàiste air an dùthaich nach dèan Beurla agus Matamataig ann an AS4, mar sin sa bhad chan eil ach ceithir cuspairean ann ri thaghadh. Leis an fheallsanachd fhaoin nach eil ach cuspairean STEM cudromach a’ dol, tha a’ mhòrd-chuid de sgoilearan feumach air dà shaidheans a dhèanamh – stob eachdraidh no cruinn-eòlas ann, agus chan eil thu gad fhàgail ach le aon chuspair – agus mar sin tha a h-uile cuspair eile a’ sabaid airson ogsaidean.

 

Tha cànainean agus cuspairean cultarach is gnìomhach gan smaladh. ach tha seo gu h-àradih ri fhaireachdainn ann an cànainean – far a bheil misneachd a dhìth agus dùbhlan ann, bidh mòran sgoilearan a’ gabhail a’ chothruim cuspair a leigeil seachad. No ma tha thu an aghaidh Spòrs air a’ chlàr-ama, uill, ’s aithne dhomh dè dhèanainn-sa aig aois 15!
Tha am fianais ann – tha na h-àireamhan a’ dèanamh chànainean cho ìosal nach gabh e tuigsinn. Cia mheud luchd-ionnsachaidh nach tig a-steach dhan chànan leis nach b’ urrainn dhaibh Gàidhlig a thaghadh oir cha b’ urrainn dhaibh ach còig cuspairean a thaghadh aig aois 15? Cia mheud sgoilearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san deach na mìltean de dh’airgead a chur a bhios a’ fàgail na sgoile gun teisteanas sam bith sa chànan, agus a bhios a’ call an cuid Ghàidhlig gu sgiobalta? Is e cunnart mòr lathaireach a th’ anns a’ mhodal a tha ann an dràst dhan chànan againn.

 

Canar gum feum na teisteanasan ùra barrachd ùine airson a dhèanamh, agus gum feum na sgoilearan AS3 a chleachdadh airson am Foghlam Farsaing Coitcheann a chriochnachadh, ach tha an dà rud sin air suidheachadh adhbhrachadh a tha a’ cronachadh moral thidsearan, a’ caitheamh ùine sgoilearan agus a’ milleadh chànainean agus ealain ann an Alba.

 

Mo mholadh air ceannardan leithid Dhòmhnaill Iain Dhòmhnallaich aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a sheas an còraichean agus còraichean an luchd-ionnsachaidh le bhith a’ glèidheadh an t-seann shiostam. Tha e a-nis an urra ri Mgr Iain Swinney co-dhùnadh ciallach a dhèanamh, mar a rinn e le measaidhean aonaid an –uiridh, agus tilleadh gu modal a bha dearbhte, a bha freagarrach agus a bhios ag obair a-rithist. Mar nach tuirt Doileag “Working 8-5 it’s the way to make a living.” Ach tha feadhainn ann nach bi a’ mothachadh ris an t-suidheachadh a th’ ann agus thèid na h-aireamhan sìos agus sìos gus am bi sinn seachad.

Is e caraid nan Gàidheal a tha air a bhith ann an Swinney gu ruige seo. Is e atharrachadh air siostam na Bèiste seo an  rud a bu chàirdeil a b’ urrainn dha a dhèanamh.

 

@eoghanuig

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach