O chionn seachdain fhuair mi an cothrom is an urram a bhith a’ cur fàilte air buidheann de 40 Màbhrach as leth Club Gàidhlig a’ Ghealbhain. ‘S ann a bha iad air chuairt a dh’Alba gus eòlas a chur air an dualchas is a’ mhion-chànan againne. B’ e oidhche air leth a bh’ ann, is sinn a’ dèanamh gàirdeachas ri cèol, dualchas is seanachas càch a chèile. Seo dàn a sgrìobh mi gus furan a chur orra.
A bhràithrean, A pheathraichean
Guma fialaidh bhios ar fàilte
Fada bho chèile thar cuain
Guma faisg sinn nar cridhe
Thar a’ chuain luainich
A shuathas ri ar cladach
Is e an làmh shìnte
A bheireas air ur dùthaich
An fhairge fhiadhaich
A sguab bho thìr sinn
Is i an sàl citheach
A thug sinn a-null
An ioma-ghaoth
A dh’iadhas ar creag
Is i a’ ghaoth fhial
A thug sibh a-nall
An t-àile faondrach
A lìonas ar sgamhan
Is e an t-adhar siùbhlach
Air an gin ur faclan
A’ choille bhuan
A chruthaich ur faclan
‘S i a’ choille dhian
A mhaireas nar n-inntinn
Am monadh is a’ bheinn
Tro fhireach is falachan
Is am fiadh brisg sinn
A ruitheas tro ur smuain
Am fuaran fiorghlàn
Chumas uisge ri dùthchas
Nach òl sinn às
A bhàthadh ar n-ìota
An cuan luaineach
A bhagaireas ar bàthadh
Cuireamaid coille bhuan
Chuireas bacadh air a bhuaidh
https://www.facebook.com/TeWanangaoAotearoa/?pnref=story