Falaich thu fhèin mar chùlanach
am broinn do sheòmair chadail
a dh’ullaich do mhàthair chaomh dhut,
bhon a tha buirb air do thòir.
Buirb thapaidh nach do stad
gus do chiont a chur an teagamh,
cha d’ chuir ’ad ceist anns a’ chasaid
a chuala thu nad sheasamh.
Chan ann gun fhios a bha thu
dar ràinig ’ad do stairseach fhèin,
is cha do dh’fhan thu ann
a bhith gearrte às mar loch-bhlèin.
Stuigeadh annad na coin
bho stèisean gu port-adhair,
feadh frìthean an àrd-bhaile ー
ach, ghabh na h-ùmpaidhean sgàth.
´S ann nach robh iad eòlach ort,
’us chan fhac’ ’ad broinn do mhàileid;
shaoil iad thu bhith teicheadh bhuap’
seach a dhol am bad do nàmhaid.
Le Steaphan Mac Risnidh