le Eòghan Stiùbhart
B’ àbhaist dhan fhaoileig mhòir na tuinn a riaghladh
’s a’ creachadh stòras nan cuantan ’s i a’ sgiathlaich
’s ged bha i ceart cho làn de chac ’s tha an-diugh innte
bha beagan glòir fhaoin ann am meud a sgiathan
A-nist bidh i a’ riaghladh nan sìtigean
a’ biathadh a h-àil le sgudal is slìseagan
a’ sgriachail ’s a’ sàrachadh le sput is diobhairt
agus ’s i a’ seirm gu h-àrd gur i bànrigh nan tìrean