Far am bi mi fhìn, ’s ann a bhios mo ….ramaghall.

Ri ramaghall / Cead o Chreative Commons

 

Còig faclan Gàidhlig a tha còir a bhith againn uile!

Thug Liam Alasdair dhuinn liosta de dh’fhaclan is abairtean àraidh a tha eadar-dhealaichte bhon Ghàidhlig stannardaichte san dòigh sa bheil iad air an cleachdadh ann an Ìle agus Diùra.

Ach, anns an fharsaingeachd, ma dh’fheumas tu taghadh, dè na 5 faclan Gàidhlig a tha còir a bhith againn uile? Dè na faclan as fheumaile? Seo an taghadh agam fhìn.

A bheil thu deiseil? Faigh greim air rudeigin ma-tà…

  1. FAR-RIATA

Tha rud ann mun Ghàidhlig a tha tarraingeach — tha fhios againn uile air sin — ach tha rud ann mun Ghàidhlig a tha a’ tarraing nan daoine as drola air uachdar na talmhainn. Seo am facal as fheumaile ann an saoghal na Gàidhlig.

Seall an duine sin, ’s e cho far-riata!

  1. LAPACH

Tha fhios gum faod daoine a bhith gu math mì-mhodhail mu dheidhinn rudan nach eil math. Air sàilleabh sin, thòisich iomairt a’ PhC Brigade, agus nach ann a tha iad air caismeachd a-steach do shaoghal na Gàidhlig. Cha ruigeadh iad a leas. Tha sinn uile cho modhail co-dhiù. An àite a bhith ag ràdh gun robh rudeigin, leithid prògram TBh, cho lapach ’s nach mòr gun do chuir e air mhàgaran thu ’s tu ga choimhead, canaidh tu “nach do chòrd e riut”. Sin ar freagairt a-nis airson chà mhòr a h-uile rud a tha LAPACH!

  1. BRONNACH

A’ cumail orm leis a’ PhC Brigade, tha deagh fhios gum faod daoine a bhith mì-mhodhail mu cholainnean càich agus mar sin, seach a bhith ag ràdh gu bheil cuideigin reamhar, canaidh tu gu bheil e “bronnach” – seadh, brù mhòr air. An aithne dhutsa duine bruidhneach, bronnach? Nach aithne? Tha thu cho breugach ’s a tha 67.8% de dh’fhireannaich an Alba bronnach (agus 62.4% de bhoireannaich “beagan tiugh”).* http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-15449752

Cead o Chreative Commons. https://www.flickr.com/photos/78428166@N00/9047681193/in/photolist-8GVh3M-8A7tgQ-eMvJpk-9yBgM6-bZVCc-dP65B3-732HgQ-9Bj7Qs-8hxvBQ-oQLiuF-jAouvw-Ly34m-5BQNNu-jAnt55-49Xze5-6bpdsk-kksAxn-6TqT5f-oFvDHU-7HbrDL-7ryzUw-5k1RHs-jAotqf-9n7pRa-9nasGq-9n7pWt-kkujps-6GLYw-5rwNAm-jAoAJy-e7tNPm-4SAfCW-2S2ouv-a28fQm-cpDoCS-2qjfUG-fxgMYd-cp27c1-a28v9D-4PXD6U-gvK1Eo-dbfKAC-31aJ8o-bUBkEH-dPVuvh-73GVgC-dbfzHz-kPs5ax-2ERyRu-ff5Hij/Cead o Chreative Commons

  1. Far am bi mi fhìn, ’s ann a bhios mo …. RAMAGHALL

’S toil leam am facal seo. Tha ramaghall na ghràin dhuinn uile ach aig an aon àm, bidh sinn uile ris ma gheibh sinn an cothrom. Agus, san latha an-diugh, ’s ann againn a tha an cothrom. Facebook, twitter, MySpace agus prògram Choinnich Dihaoine. Saoil am faigh mi cuireadh?

  1. CLOS

’S e am beul a labhras…. agus bhitheadh am facal seo feumail nam b’urrainn dhomh a dhearbhadh le gnìomh. Air an làimh eile, abair saoghal truagh a bhiodh againn gun duine a’ bruidhinn. Feuch agus gabh an trèan fo thalamh ann an Lunnainn no trèan sam bith ann an Tokyo nuair a bhios daoine a’ siubhal gu obair sa mhadainn. Gu math neònach…. chan eil duine fiù ’s a’ seinn.

 

Steaphan MacRisnidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach