Far An Do Thachair Sear Ri Siar; Alba Is Bengal

Thug Albannaich buaidh air iomadh ceàrn dhen t-saoghal, ach ’s ainneamh a chluinnear iomradh air an dlùth cheangal a bh’ann eadar Alba agus Bengal.

Tagore          Burns Rabindranath Tagore                                                                         Raibeart Burns

Feumaidh gur ainneamh a chluinnear òran Innseanach ga sheinn aig seisean ciùil Albannach; ach sin mar a thachair. Thuit an fhìdheall agam sàmhach mar a rinn na h-ionnsramaidean uile cho math ri guthan garbha nam mith-sheinneadairean Albannach a bha nar cuideachd; is dh’èirich guth binn tè Innseanaich a bha air a bhith na suidhe, na tost ann an oisean a’ bhàir. A rèir an t-seanchais a thug i seachad às dèidh dhi an t-òran a sheinn, bha buinteanas aige ri Alba ri linn ’s gur e dreach Innseanach air ‘For Auld Lang Syne’ le Raibeart Burns. Chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd Tagore a bhuineadh do sgìre Bengal sna h-Innseachan. ‘S e adhbhar pròis dhuinn mar Albannaich gu bheil uiread de bhuaidh air a bhith aig cultar na h-Alba ann fad is farsaing air feadh an t-saoghail. Ach bha beagan tàmailt an cois mo chuid pròis nuair a thàinig e a-steach orm nach robh mi cho eòlach air dualchas nan Innseachan no an obair aig Tagore.

Nuair a chuir mi romham seo a chur ceart le bhith a’ faighinn a mach beagan a bharrachd mun bhàrd cha robh mi an dùil gum faighinn lorg air sgeul a dhaingnicheas dlùth cheangal eadar Alba is Bengal.

Bha Tagore (1861 -1941) na fhamhair am measg luchd-ealain. Ged as ann as motha a choisinn e chliù mar bhàrd, sgrìobh e cuideachd nobhailean, sgeulachdan goirid, òrain, dhealbhan-chluich is cunntasan siubhail. Mar nach robh seo gu leòr bha e cuideachd na pheantair, na fheallsanaiche poileataigeach, chruthaich e nòs ùr dannsaidh is bha e gu mòr an sàs ann a bhith a’ brosnachadh foghlam. B’ e a’ chiad duine bho taobh a-muigh na Roinn-Eòrpa a choisinn an duais Nobel ann an 1913. Am measg an 2,230 òrain a sgrìobh e bha 3 dhiubh stèidhichte air òrain a sgrìobh Burns. Chan e àireamh mhòr a th’ann ach tha iad a’ samhlachadh na buaidh a bha aig cultar na h-Alba air cultar Bengal na linn-sa.

Na bhalach ag èirigh suas ann am Bengal bhiodh Tagore eòlach gu leòr air muinntir is dualchas na h-Alba, le Albannaich ceithir timcheall air. Bha na h-Albannaich gu mòr an sàs ann an obair na h-impireachd le mòran dhiubh nan tàmh ann am Bengal is gu sònraichte ann am prìomh-bhaile na sgìre Kolkata; no Calcutta mar a dh’aithnichear e aig an àm; a bha cuideachd na phrìomh-bhaile dhen Raj.

Dìreach mar a bha gu leòr Albannaich ag obair don Hudson Bay Company agus Companaidh an Iar-Thuath ann an Canada bha gu leòr Albannaich an sàs ann an Companaidh nan Innseachan an Ear fada mus tàinig an Raj gu bith. Dh’obraich iad mar bhiurocratan, mharsantan, thìdsearan, innleadairean, miseanaraidhean, tuathanaich is saighdearan is bha iad mar phàirt de gach raon beatha an àite. Bha dithis mhac aig Raibeart Burns fhèin am measg an iomadh Albannach a chaidh a Bhengal an cois arm Companaidh nan Innseachan an Ear. Tha fianais nan Albannach ri faicinn chun an latha an-diugh anns na h-ainmean Albannach a tha air an snaigheadh air aghaidhean nan seann togalaichean far an lorgte companaidhean malairt Albannach aig aon àm agus air na clachan-uaighe a lorgar ann an cladh nan Albannach ann an Kolkata.

Tha e coltach gum biodh an teaghlach aig Tagore eòlach air cuid mhath de na daoine air cùl nan ainmean seo leis gun robh iad fhèin ri gnìomhachas is malairt. Bha Seanair Tagore, Dwarkanath, na fhear gnìomhachais eadar-nàiseanta a thadhail air Alba grunn tursan. Tha e na shamhla air am meas a thugadh dha an seo ann an Alba gun deach saorsa baile Dhùn Èideann a bhuileachadh air. Cleas nan uachdaran Innseanach aig an àm chuir an teaghlach aig Tagore e a-null a Bhreatann nuair a thàinig e gu ìre gus ceum a thoirt a-mach. Ach cha robh mòran ùidh aig Tagore ann am foghlam foirmeil is ghluais e gu Lunnainn far am fritheileadh e na taighean-cluiche is na tallachan-ciùil. Fhuair e loidseadh le teaghlach Albannach agus is iomadh oidhche a chuireadh e seachad an cuideachd an triùir nighean aig an teaghlach aig an robh liut air seinn is cluich a’ phiàna. B’ ann aig na consartan neo-fhoirmeil seo a chuir Tagore eòlas air na h-òrain aig Burns.

‘S e cùl-shràide eachdraidheil, inntinneach a th’ann an ceangal a’ chiùil Albannaich is Bengali ach tè a tha a’ riochdachadh dàimh cultarail nas fharsainge a thug buaidh air cruth nan Innseachan san latha an-diugh. Aig an aon àm ’s a theann Albannaich ri tuineachadh anns na h-innseachan bha an soillseachadh Albannach a’ tàrmachadh aig an taigh. Thug iad feallsanachd an t-soillseachaidh a-null leotha is chuir iad an gnìomh e tro na buidhnean anns an robh iad an sàs; na buidhnean riaghlaidh, an eaglais is na miseanan, agus gu sònraichte tro na buidhnean foghlaim. Rinn cuid de mhuinntir nan Innseachan gàirdeachas ris na beachdan ùra a thabhainn dhaibh modhan sòisealtais an dùthcha fhèin, ga cur fon phrosbaig is a’ dealbhadh slighe air adhart son na dùthcha. Thug an fheallsanachd a dh’èirich às buaidh air poileataigs is air stèidh na dùthcha ùire a thàinig gu bith le neo-eisimeileachd ann an 1947.

Lean an dàimh eadar Tagore is Alba tron dlùth-chàirdeas a bh’aige ris an ailtire Albannach Patrick Geddes. Sa chonaltradh chunbhalach eatorra bhiodh iad a’ beachdachadh air farsaingeachd de chuspairean eadar poileataigs, foghlam, àiteachas, leasachadh is saidheans is thàinig toradh a’ chonaltraidh gu buil anns an oilthigh eadar-nàiseanta a chruthaich Tagore ann am Bengal an Iar leis an airgead a fhuair e an cois duais Nobel is a dhealbhaich Geddes.

Chan eil teagamh gur e sgeulachd ùidheil is chudromach a th’ anns an dàimh eadar Bengal is Alba ach air adhbhar air choireigin ’s e tè a tha air a dhol air dìochùimhne gu ìre mhòr. An taca ri eachdraidh nan Albannach ann am ceàrnan eile dhen t-saoghal leithid Canada is Sealainn Nuaidh is beag an t-iomradh a thathar a’ toirt oirre. ‘S dòcha gur ann air sgàth a’ bhuinteanais aice ri impireachd is colonachd, is gum b’fheàrr leinn, mar Albannaich, a bhith a’ smaoineachadh oirnn fhìn mar dhream as motha a dh’fhuiling aintighearnas aig làmhan càich is nach sinn a dhèanadh an aon rud air daoine eile. Ach chan eil math dhuinn a bhith a’ cur eachdraidh nach tig rinn an dàrna taobh is le bhith a’ dèanamh seo tha cunnart ann gun caill sinn na pìosan dheth às an do dh’èirich math.

Tha comharran air nochdadh o chionn greis gu bheilear a’ tòiseachadh air rud beag a bharrachd aithne a thoirt do na ceanglaichean eadar Alba is Bengal. Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a chur ri glèidheadh ailtireachd ann am Bengal aig a bheil buinteanas ri Alba. Ann an 2012 chaidh ionad airson rannsachadh na h-obrach aig Tagore a chur air bhonn mar phàirt de dh’oilthigh Napier ann an Dùn Èideann.

Dh’fhàg a’ chuid as motha de na h-Albannaich na h-Innseachan ri linn neo-eisimeileachd na dùthcha ach bhon uair sin tha gu leòr de mhuinntir Bengal air tighinn a dh’Alba a dhèanamh an cuid dachaighean a-bhos an seo. Gu cothromach ’s iad a-nis a tha a’ cur ri cultar ar dùthch’-ne.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach