Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth | MLK

Tha Màrtainn Luther King Jr. ainmeil mar neach a strì an aghaidh gràin-cinnidh, ach bha e an-sàs gu mòr san strì airson ceartas eaconamach cuideachd. Tha Eòghan a’ coimhead ris na tha ri ionnsachadh fhathast on t-Searmonaiche Thiomail a chaidh a mhurt o chionn 50 bliadhna.

Air a’ bhalla ann am mansa m’ athar, bha obair-ghrèise a rinn mo mhàthair leis na faclan o Ghnath-fhacail 29:18 fighte innte; “Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth”. Tha an rann sin a’ crìochnachadh le “ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.”

O chionn leth-cheud bliadhna air an 4mh den Ghiblean, chaidh An t-Urr Màrtainn Luther King Jr a mhurt ann am Memphis. Bha e 39.

An oidhche roimhe, thuirt e san òraid mu dheireadh aige “Chan eil sinn ag ràdh ri Ameirigea ach ‘Bi fìor ris na thuirt sibh air pàipear.’”

Is e sin a thug King seachad, taisbeanadh a bha stèidhichte air an lagh, air bun-stèidh nan Stàitean, ach cuideachd air an lagh aig Dia san robh e a’ creidsinn. Seo am fear a thug fianais seachad gu daingeann – a chleachd cumhachd na nàire agus neart a chreidimh airson na Stàitean Aonaichte a ghluasad mean air mhean air an t-slìghe gu ceartas.

Tha an òraid “Tha mi air a bhith aig Bàrr na Beinne” mar fhàisneachd, ach bidh fios aig fada a bharrachd air an òraid as ainmeile aige, “Tha Bruadar Agam a thug e seachad anns an Lunasdal 1963.

Nuair a chluinneas sinn na faclan o bhruadar King “Gum bi mo cheathrar chloinne bige beò ann an nàisean far nach bi iad gam breithneachadh a thaobh dath an craicinn, ach a thaobh sùsbaint an caractaran.”, bidh sinn ro thric a’ diochuimhneachadh nam faclan mu dheireadh sin, “susbaint an caractaran”.

Ma bha susbaint a’ charactair a’ cur dragh oirnn, cha bhiodh an Trumpach anns an Taigh Gheal, agus cha bhiodh spivs is bumailearan Bhrexit air ar dùthaich a reic dha na Ruiseanaich is na Saudis. Chan e a-mhàin gun robh King airson saoghal saor o ghràin-cinnidh is gràin-creidimh a bhith ann, ach saoghal far an robh ceartas agus càirdeas ann. Gu dearbh, chaidh “Tha Bruadar Agam” a libhrigeadh aig a’ Chaismeachd air Washington airson Obraichean agus Saorsa.

Seo fear a thuig nach robh an strì airson còraichean a stad le còraichean bhotaidh dha na daoine dubha, ach gun robh e a’ crochadh air siostaman ùra agus eaconamaidh cothromach a chruthachadh, a chuireadh às do dh’anaceartas is do bhochdainn tro ghràdh, tro agape. Tha cuid ag ràdh gur e an leithid de smaoineachadh a chuir às dha.

Thuig King gun robh an sgaradh as motha ann eadar na h-uachdaran agus na h-ìochdaran, gun robh iadsan ann an cumhachd a’ cur sìos air na daoine beaga. Is beag an t-iongnadh gun tug iad Comannach air mar dhìteadh, gun robh King a’ cur an cèill Diadhaireachd na Saorsa aige fhèin, dh’fhàs e na bu raidigiche is na bu raidigiche mar as sine a dh’fhàs e. Dh’fhàs e na bu choltaiche ri Malcolm X, nuair a bha Malcolm air fàs nas coltaiche ri Màrtainn mus d’fhuair e fhèin bàs.

Aig cnag na cùise, tha cumhachd ann. Ma tha na structaran poilitigeach fhathast a’ taobhadh dha na h-uachdaran, chan eil e gu diofar ma tha cuideigin boireanta, geidh, dìreach, ciorramach, thar-ghnèitheach, Niseach, Rubhach, dubh, buidhe no geal aig an stiùir, agus susbaint a’ charactair aca a dhìth. Tha dithis bhoireannaich air a bhith aig stiùir na Rìoghachd Aonaichte, agus ’s iad air a bhith ceart cho mì-chothromach agus borb ri fear sam bith a bha a’ fuireach ann an 10 Sràid Dhowning. Agus ’s ann anns an eachdraidh againn fhèin, ’s iomadh Gàidheal a rinn cron gun tomhas air a’ Ghàidhlig agus air a’ mhuinntir fhèin.

Latha an-diugh, dh’fhaodte a ràdh nach eil feum air còraichean cànain ma tha sinn beò ann an Gàidhealtachd a tha fhathast ga falamhachadh gach bliadhna, far a bheil prisean fearainn cho àrd. nach eil dòigh air thalamh (no pun intended) gum faigh òigridh an àite greim air, far nach eil obraichean seasmhach daingeann, far nach eil rudan a’ dol sna coimhearsnachdan a bhios a’ toirt air an òigridh eallach a’ chànain a thogail is a chur gu feum.

Ann an saoghal na Gàidhlig, thathar gu tric a’ cluinntinn bho ar n-urchairean mòra an fhacail “lèirsinn”. Ach ’s e taisbeanadh tha dhìth oirnn, an sluagh a tha ann an dìth. Slìghe air adhart, seach ceann-ùidhe. Dè nì sinn airson an siostam air fad atharrachadh dhuinn, seach a bhith ag obair taobh a-staigh siostam a bha gar cur sìos fad linntean?

Is fhiach e èisteachd ris na searmonan agus na h-òraidean aig King, uair is uair eile. Tha iad fhathast a’ seasamh a-mach, agus feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh e gu smior, na Chriosdaidh le creideamh daingeann. Ach tha gu leòr anns gach rud airson brosnachadh is togail a thoirt do neach no sluagh sam bith a tha fo smachd, no fo uallach ge b’ e dè bhios iad a’ creidsinn. Tha e a’ cur ceist ron luchd-èisteachd an-còmhnaidh ‘Dè tha’ ann am blueprint do bheatha?’.

Chan e naomh a bh’ ann. Cha robh ann an King ach duine, fear a strì le ana-miannan, fear a bha ceart cho lag ann an iomadh dòigh nach eil sinn a’ faicinn a-nis as dèidh leth-cheud bliadhna ga chaoidh is ga thionndadh na shàr-eisimpleir do dh’Ameirigea agus dhan t-saoghal. Tha am pios seo le Mychal Denzel Smith anns The Atlantic a’ togail cheistean inntinneach mu dheidhinn buaidh King. Ach fhathast, còrr is leth-cheud bliadhna, tha an fhìrinn a chur e an cèill cho deatamach ’s a bha i riamh.

Is fhiach e dhuinn coimhead ri King agus ionnsachadh bhuaithe, agus le sin tha an cothrom againn ar cùl a chul ri lèirsinn agus a choimhead ri taisbeanadh mar ar slìghe air adhart. Chan eil an t-slìghe a’ stad, cha tig ceann air ar cuairt, ach feumaidh sinn cumail oirnn a’ caismeachd mar Ghàidheil. Feumaidh cuideigin a dhol gu bàrr na beinne is a choimhead a-null. Cò nì an taisbeanadh sin dhuinn mar shluagh? An tusa a bhios ann?

An uairsin, agus chan ann roimhe, bidh e comasach dhuinn, mar shluagh, a dhol a-steach gu Tìr a’ Gheallaidh.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach