Feamainn mar Bhiadh

master

’S ann san Iapan a thòisich mi air feamainn ithe agus a bharrachd air bathar-bìdh eile à Àisia, mar sabhs sòigha, nùdallan soba, bhineagar rus, fras seasamain, tha feamainn an dèidh grèim daingeann fhaighinn am measg nan cnogan ’s nam pacaidean ann an stòr cidsin an taighe. Dh’fhalbhainn gu taigh-bìdh agus ’s e sùgh konbu, seòrsa de stamh (feamainn dubh, no ceilp), a bhiodh anns a’ bhrot a thigeadh an cois nan truinnsearan eile, no bhiodh sgeilbheagan tana nori, càirdeach ri slòcan (seòrsa de dh’fheamainn dhearg), a’ sgeadachadh an ruis agus a’ phrìomh thruinnseir. Chan eil for aig na h-Iapanaich nach e rud àbhaisteach an fheamainn a chleachdadh ann an iomadh dòigh, oir tha i cho stèidhichte ’nan dualchas bìdh.

An-diugh an Alba, a-mach bho phacaidean nori agus konbu, bidh mi a’ ceannach mo chuid feamad bho chompanaidh stèidhichte an Dún na nGall, Èirinn, oir ’s iadsan na h-aon daoine as aithne dhomh a tha a’ reic feamainn thioram don mhòr-shluagh mar bhiadh. Tha fhios agam gu bheil companaidh feamad sna h-Eileanan an Iar a bhios a’ reic bathar maise air a dhèanamh de dh’fheamainn, ach cho fad ’s as aithne dhomh, chan eil iad ga reic mar bhiadh. Bidh mi a’ cur a dh’iarraidh air-loidhne i, agus bidh iadsan aig www.seaveg.co.uk ga cur gu luath gam ionnsaigh oir tha oifis aca ann an Roslin, Meadhan Lodainn.

Feamainn

Bhuapasan, gheibhear mircean alaria esculenta (ris an canar gruaigean ann an cuid de sgìrean) a tha coltach ri wakame undaria pinnatifida, duileasg palmaria palmata, slòcan porphyra umbilicalis (càirdeach ri nori porphyra), an cairgean chondrus crispus (sa bheil stuth slamanach (carrageenan) coltach ri agar agar), smeartan saccharina latissima, imleag himanthalia elongata agus iad uile air an tiormachadh leis a’ chompanaidh seo gus nach eil agad ach am bogadh ann an uisge fuar mun dèanar còcaireachd leotha. Tacan an dèidh sin, ataidh iad dìreach mar gum biodh iad fo uachdar na mara, agus gabhaidh an ithe mar sin fhèin, gun am bruich idir, mas e sin do thoil. ’S e am mircean as tric’ a bhios mis’ a’ cleachdadh, agus chanainn gu bheil an fhèill as motha san àird an ear air a dhlùth-charaid wakame. Tha an dà sheòrsa làn tacsa agus cha lasaich iad do mhionach tuilleadh ’s a chòir! Chì thu san dealbh seo gur e an duilleag mhòr ris an canar wakame san Iapanais agus gun can iad mekabu ris an duilleach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air na seòrsachan feamad againne air Youtube leis a’ bhideo “Feum à Feamainn”.

Bheir mi dhuibh reasabaidh airson brot churrain le dinnsear, seasamain agus mircean, agus seo na dh’fheumas tu:

Print

Cnap dinnseir air a mhin-ghearradh

Cnap ìm no spàin ola

Currain, tòrr dhiubh, air an gearradh mar as àbhaist.

Grunn phìosan de chas ’s rùsg a’ mhircein, air at ann an uisge fuar; air neo, nì wakame à bùth-bìdh Àisianach a’ chùis

Corra spàin fras seasamain ghil

Uiread de shùgh mairt-fheòil, circe, no luibhe a lìonas poit

Salann ’s piobar

An Dòigh

  1. Leagh an t-ìm no teasaich an t-ola ann am poit agus bruich an dinnsear airson mu dhà no trì mionaidean.
  2. Cuir a-steach na currain agus bruich sin airson mu cheithir no còig mionaidean eile, ga mheasgachadh gu math.
  3. Cuir ann craiteachan salainn ’s piobar, a rèir do mhiann.
  4. Lìon a’ phoit leis an t-sùgh feòla no glasraich agus thoir gu goil e.
  5. Cuir am mircean gearrta agus fras seasamain gheal ann, agus cuir am brot gu caoin-bhruich fad fichead mionaid no mar sin.
  6. Nuair a bhios na currain tais gu leòr, ’s urrainn dhut am pronnadh le plocan air neo a h-uile rud a choimeasgachadh gu mìn ann am blender nuair a bhios am brot air fuarachadh.

– Steaphan MacRisnidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach