Fèin-aithne is foghlam Gàidhlig

Tha foghlam Gàidhlig cho deatamach do mhaireannachd na Gàidhlig ’s gu bheil Dàna toilichte naidheachdan a sgaoileadh mu dheidhinn. Seo naidheachd bho cho-labhairt thidsearan Gàidhlig An t-Alltan o chionn ghoirid, agus criomagan inntinneach bho àm san robh clann air am peanasachadh ’son Gàidhlig a bhith aca san sgoil. 

Bho churraicealam coimheach gu fear a bhrosnaicheas fèin-aithne – dh’inns prìomh òraidiche, Morair Mhinginis, don cho-labhairt na tha air atharrachadh do chlann-sgoile Ghàidhlig.

le Katie Laing

AN-DIUGH ’s e an co-dhùnadh mòr mu choinneamh pàrantan na cloinne aig aois bun-sgoile, an cuir iad iad gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no gu ‘prìomh shruth’ na Beurla.

Ach bha latha ann – duilich ’s gu bheil e do chuid againn dealbh a dhèanamh dhe seo – nuair a bhiodh clann bheag a bha a’ fàgail tèarainteachd na dachaigh airson a’ chiad uair gam faighinn fhèin ann an àite coimheach far nach bruidhneadh duine an cànan aca.

Tha seo coltach ri às-dùnadh no iomallachadh cho piantail ’s a b’ urrainnear a dhèanamh. Ach do mhòran de luchd-bruidhinn na Gàidhlig de aois shònraichte a thogadh air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, b’ e seo an fhìrinn nuair a chaidh iad don sgoil.

Bha am fèin-fhiosrachadh aca cho cumanta ’s gun deach amalachadh gu daingeann ann an sgeulachd na Gàidhealtachd. Mura bitheadh gun robh e fìor, ’s e mith-sgeul a bhiodh ann.

’S math dh’fhaoidte nach robh càirdean na bu shine a chaidh tron àmhghar seo aig cuid mhath de na riochdairean a bha aig a’ cho-labhairt do thidsearan Gàidhlig san Aghaidh Mhòir an t-seachdain sa chaidh (30 Sultain agus 1 Dàmhair) – ach chuala iad bho fhear a bha ann agus a dh’fhuiling, am prìomh òraidiche, Morair Mhinginis, Ruaraidh Iain MacLeòid.

A’ bruidhinn ron cho-labhairt, thug e fa-near na bha air atharrachadh ann an siostam an fhoghlaim agus mar a tha e a’ toirt fada barrachd cumhachd do dh’òigridh an-diugh.

A’ coimhead air ais air an àm aige fhèin na Ghàidheal òg sna 50an agus sna 60an, thuirt e: “Nam chnuasachadh tha mi a’ dèanamh càineadh. Chan ann air an luchd-teagaisg agam – bha tidsearan mìorbhaileach agam – ach air a’ churraicealam agus air structar an fhoghlaim aig an àm.

“B’ e curraicealam coimheach a bh’ ann. Cha deach a lìbhrigeadh sa chànan againn fhèin. Cha do theagaisg e mòran dhuinn mun chànan, mun chultar, mun eachdraidh, no mu shaidheans nàdarra na h-àrainneachd fhiosaigich timcheall oirnn.

“A dh’innse na fìrinn, chòrd an sgoil riumsa gu mòr, bho là gu là. Ach a’ coimhead air ais, chì mi nach do theagaisg e mòran dhomh mu cò mi, cò leis mi, cò mo dhaoine, agus dè mo dhualchas.

Fèin-aithne – sin cnag na cùise. Cha deach ar fèin-aithne fhèin a dhearbhadh no a bhrosnachadh ann an dòigh sam bith.”

Bha Ruaraidh Iain ann an Sgoil Phort nan Long, a bha na ‘Junior Secondary’, agus ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh mus do thog e air a dh’Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum a dhèanamh ann an lagh. Tha Ruaraidh Iain a’ cuimhneachadh nach deach Gàidhlig idir a bhruidhinn san sgoil, ged a b’ e siud cànan na dachaigh – agus nan tidsearan fhèin, ged nach robh for aige air sin gus bliadhnachan às dèidh sin.

Thuirt e: “Tha rannsachadh a’ sealltainn gu math cunbhalach gu bheil clann aig a bheil dà chànan a’ dèanamh nas fheàrr gu h-acadaimigeach na clann aig nach eil ach aon chànan. Tha e dearbhte. B’ e an teachdaireachd sna seann làithean nach toireadh Gàidhlig thu a dh’àite agus gum bu chòir dhut a leigeil às gu sgiobalta. Tha sin cho gòrach. Carson a chreideadh duine sam bith gu bheil aon chànan nas fheàrr na a dhà?”

Cha b’ e dìreach cànan siostam an fhoghlaim a bha na dhuilgheadas. Bha agus an structar.

Ged a tha e duilich a chreidsinn an-diugh, dh’fhàillig an duin’-uasal cliùiteach seo an deuchainn ris an cante an 11-plus gus faighinn chun na h-àrd-sgoile. Dh’fhàillig agus a bhràithrean, Ruaraidh agus Tormod.

B’ ann dìreach air sgàth ’s gun d’ rinn an athair tagradh làidir às an leth chun nan ùghdarrasan, a fhuair an dithis aca cead a dhol a dh’Àrd-sgoil Phort Rìgh, air chùmhnant ’s gun dèanadh iad a’ chiad bhliadhna san àrd-sgoil ann an Sgoil Phort nan Long gus iad fhèin a dhearbhadh.

San àm ud, nam fàilligeadh tu an 11-plus, dheigheadh tu gu roinn na h-àrd-sgoile den ‘Junior Secondary’ agus dhèanadh tu clasaichean mar saorsainneachd, gàirnealaireachd agus eaconamas dachaigh – agus dh’fhàgadh tu an ceann trì bliadhna, aig aois 15, gun theisteanasan sam bith.

Tha e cha mhòr do-chreidsinneach a thaobh QC a tha an-dràsta na chathraiche air Cùirt an Fhearainn – a’ chiad neach le Gàidhlig san dreuchd – agus na chathraiche air Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh a bhràthair air adhart gu bhith na dhotair teaghlaich.

Thuirt Ruaraidh Iain: “’S e sin siostam a chuir bacadh air mìltean de chlann, chan ann a-mhàin air Ghàidhealtachd ach air feadh Alba, bho bhith a’ coileanadh a rèir an comasan.”

Tha e a’ creidsinn gur e am prìomh dhòigh sa bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ soirbheachadh, gu bheil e ag aithneachadh luach – luach cànain agus dhaoine fa leth. “Tha e a’ toirt dhaibh fèin-urram, agus tha e a’ ciallachadh nach bi iad a’ smaoineachadh orra fhèin mar shaoranaich den dàrna inbhe, mar a bha sinne.”

Ach gabhaidh piseach a thoirt air. Tha an “co-thàthadh moralta làidir agus an sealladh Crìosdail” a bha ann ann an làithean-sgoile Ruaraidh Iain a dhìth a-nis, saoilidh e.

“Bha teagasg a’ chreideimh ud air a chur annam aig ìre fìor thràth. Dh’ionnsaich sinn earrannan bho Leabhar Aithghearr nan Ceist san dachaigh, san sgoil agus san sgoil Shàbaid.

“Tha rudeigin aig siostam foghlaim a tha a’ teagasg dè as ciall don bheatha ann an clas a h-aon. A-nise, tha buaidh na h-Eaglaise co-dhiù air crìonadh mura h-eil i buileach air falbh.”

Bu toigh leis cuideachd barrachd sùbailteachd fhaicinn agus barrachd saorsa do thidsearan.

Tha spèis aige do fheallsanachd foghlaim Rudolph Steiner, a bhios a’ coimhead air an leanabh iomlan agus ag amas air taobh na h-inntinn agus na h-ealain a chothromachadh ris an taobh phractaigeach. Thuirt e: “Tha thu an-còmhnaidh airson saoranaich fhèin-mhisneachail a chruthachadh as urrainn coileanadh a rèir an comasan.

“Tha amharas agam gu bheil an curraicealam fhathast a’ stiùireadh ghnothaichean cus. Saoilidh mi gum bu chòir àite mòr a bhith aig mac-meanmna ann am foghlam san fharsaingeachd. Tha mi air mo tharraing beagan gu sgoiltean Rudolph Steiner.

“Chan eil eòlas mòr agam ach ’s e a’ phuing nach eil an cuingealachadh air falbh buileach às an t-siostam. Feumaidh curraicealam a bhith air a lìbhrigeadh ach saoilidh mi gun urrainnear a lìbhrigeadh le barrachd mac-meanmna.”

A’ bruidhinn air a’ cho-labhairt, thuirt e: “Chan eil am beatadh air a bhith a’ tighinn cruinn còmhla, aghaidh ri aghaidh, gus cluinntinn mu rudan a tha a’ dèanamh dragh dhuinn uile. Bidh e a’ toirt piseach air cleachdadh agus air misneachd. ’S e togail cridhe a th’ ann.”

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach