Fernando Ricksen

Anns na làithean dubhach seo airson luchd-leantainn Rangers, bha cothrom ann na duilgheadasan aca a chur an dàrna taobh airson latha agus an aire a thoirt do dh’fhear aca fhèin aig a bheil trioblaidean fada nas motha, Fernando Ricksen. Bha Iain Mac a’ Ghobhainn à Tiriodh ann.

10945749_10152672052481693_5800820619383150019_n

Air Didòmhnaich an 25mh latha den Fhaoilleach, chaidh geama carthannas Fernando Ricksen – eadar Fernando’s All Stars agus Rangers XI – a chluich aig Ibrox Stadium ann an Glaschu.

’S e seann laoch Rangers a bh’ ann an Ricksen ach tha e a-nis a’ fulang tinneas uabhasach ‘Motor Neurone Disease’, tinneas nach gabh leigheas agus a bheir bàs pianail, slaodach do dhaoine.

Chan eil Ricksen ach trithead ’s a h-ochd bliadhna a dh’ aois ach tha e follaiseach gu bheil an tinneas seo a’ dèanamh cron uabhasach air. Thàinig e a-mach air Pàirc Ibrox gu fuaim cho làidir ’s a chuala cluas a-riamh am broinn an àite ainmeil sin.

Chluich Ricksen barrachd air trì ceud geama leis an sgioba agus bha e ainmeil leis cho cruaidh agus cho dìoghrasach ’s a bha e air a’ phàirc. Ged a bha e follaiseach gu robh an dìoghras fhathast aige, cha b’ e seo am Fernando Ricksen air an robh mi fhìn agus uiread de luchd-leantainn eile eòlach.

Bha e lag ’s e a’ cleachdadh a h-uile neart a bh’ aige airson an latha seo. Cha robh comas aige bruidhinn neo coiseachd gu ceart agus, ged a bha e a’ bualadh a bhasan ri chèile, bha e a’ dèanamh seo gu lag às aonais an neart a bh’ aige nuair a bha e na chluicheadair.

Bha barrachd air ceathrad ’s a h-aon mìle neach am broinn Ibrox- a’ sealltainn dha dìreach cho measail ’s a bha iad air. ’S bha e follaiseach dìreach cho measail ’s a tha Ricksen air Rangers agus an luchd-leantainn aca – fhad ’s a thàinig e a-mach às an tunail, bha na deòir a’ ruith bho a shùilean ’s e a’ bualadh a làmhan ri chèile, ag aithneachadh gach taobh den phàirc ’s e a’ toirt taing dhan a h-uile duine a thàinig dhan gheama. Bha deagh liosta de sheann chluicheadairean anns an dà sgioba, le Teddy Sheringham, Jorg Albertz, Andy Goram agus Peter Lovenkrands uile a’ cluich.

Bha e gu math truagh a bhith ga fhaicinn san staid sgràthail seo, ach tha mi toilichte gun robh mi ann airson latha cho cudromach dha. ’S e latha cudromach dha fhèin agus dhan nighean aige, Isabella, a bha seo. Latha far an robh cothrom aig an luchd-leantainn airgead a thogail dha Ricksen, dha Isabella agus dha MND Alba.

Gu cinnteach, bu chòir dhan a h-uile duine (agus neach-leantainn no dithis aig Celtic nam measg) a ghabh pàirt anns an latha seo a bhith gu math pròiseil asta fhèin airson a dhèanamh cho sònraichte dha Fernando, Isabella agus an teaghlach air fad.

– Tha Iain na chluicheadair bogsa aig a’ chòmhlan-ciùil Trail West.


– Fiosrachadh mu Fhernando Ricksen

– Rugadh Fernando Ricksen ann an Heerlan, Limburg anns an Olaind 27 An t-Iuchar 1976
– Thòisich e a’ cluich aig Fortuna Sittard agus AZ Alkmaar
– Chaidh e do Rangers ann an 2000 fo stiùir Dick Advocaat
– Bha toiseach-tòiseachaidh gu math doirbh aige ann an Glaschu, a’ faighinn coire airson call 6-2 gu Celtic ann an 2001.
– B’ e a’ chiad chluicheadair ann an Alba a-riamh a fhuair binn le fianais bhideo airson ‘breab karate’ air Derek Riordan ann an 2000.
– Dh’ fhàs e ann an cliù airson euchdan air a’ phàirc ach bha trioblaidean aige far na pàirce cuideachd, ri linn na dibhe.
– A dh’aindeoin gach trioblaid, thog e Cupa na h-Alba trì tursan, agus am Prìomh Lìog agus Cupa na Lìge dà thuras an urra.
– Chaidh e dhan Ruis ann an 2006 gu Zenit St Petersburg far an robh Dick Advocaat aig an àm. Bhuinnig e Lìog na Ruis agus Cupa UEFA fhad ’s a bha e thall.
– Choisinn e dusan ceap eadar-nàiseanta dhan Olaind.
– Thill e gu Fortuna Sittard ann an 2010 mus do sguir e a chluich nuair a chaidh a dhearbhadh gu robh Motor Neurone air.
– Chaidh a thoirt a-steach gu “Hall of Fame” Rangers ann an 2014.
– Tha càs Ricksen air buaidh a thoirt air gach taobh den sgaradh ann an Glaschu, le Celtic a’ toirt tabhartas de £10 mìle dhan mhaoin. Dh’fhuiling an Leòghann Lisbon, Jimmy Johnstone ri linn MND cuideachd.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach