Fhathast air an rathad | Willie Nelson @ 85

Tha Willie air a bhith air Abhainn an Uisge-Bheatha fad 85 bliadhna. Tha Eòghan a’ toirt deoch-shlàinte ris.

Is e “Highwayman” fear de na h-òrain “ceòl a tuath’ as fheàrr leis na Gàidheil ud a tha deidheil air “country”, agus an-diugh tha am fear a bhios a’ seinn a’ chiad rann den òran a’ comharrachadh ceithir fichead ’s a còig bliadhnaichean de chuairt air an talamh seo. Willie Uisdean Nelson.

Is fhada bhon a shiubhail Waylon agus Johnny, o chionn ghoirid dh’fhalbh Glenn agus Merle, tha Kris fhathast a-muigh an-sin a’ dol tron oidhche ach tha Willie fhathast a’ cumail air. ‘S e duine àraid a th’ ann. Fear a bhios fhathast a’ cluich beò as dèidh dha a bhith a’ tòiseachadh ann an 1955.

Chan eil guth coltach ris, tha an t-seinn aice àraid, mar nach eil e a’ cur oidhirp a-steach ach far a bheil faireachdainn ann an gach lìde. Tha an aon ghiotar air a bhith aice o 1969 “Trigger”, ’s e fhathast aige, tro theintean, tro thuill, agus tron staing a bha aige le chìsean. (Rud a bhios mòr air d’ aire ma bha thu a’ cur eòlas air an toiseach tro “King Of The Hill” sna 90an.)

Cuiridh e a chomharra fhèin air òran sam bith. Sàr-sgrìobhadair cuideachd, leis na h-òrain aice mar Crazy, Hello Walls, On The Road Again, mar ’standards” ceart cho ainmeil ris an fheadhainn bho “The Great american Songbook” a rinn e air Stardust

‘S e ruagaire a th ann an Willie ’s e air a bhith aig ceann iomadh iomairt a tha a’ dol an aghaidh chleachdaidhean ceòl a tuath. Chuir e a chùl ris an fhuaim Nashville, agus chruthaich e “Ceòl Fon Choill” cuide ri Waylon Jennings; tha clàran leithid Red Headed Stranger agus Shotgun Willie a’ seasamh a-mach an taca ris na clàran Nashville on linn sin.

Ach cuideachd, bha e riamh a’ cur taic ri cùisean eaconamach agus soisealta nach robh sna cumantas ann an Ceann a Deas nan Stàitean agus bhiodh e riamh a’ seasamh guaillibh ri chèile leis na h-ìochdaran – Farm Aid, còraichean LGBT, Bìth-chonnadh is eile. Nuair a bha na fògarraich a’ teicheadh nam milleanan à Siria, seo fear a sheinn an t-òran aige “The Promised Land” agus a thuirt gu poblach gun robh rùm gu leòr ann an Ameirigea dhaibh. Is mathaid gur e cus sa chuir air aon neach, gu h-àraidh seann Thexanach a tha math air giotar, ach chan eil mòran eile a bhiodh cho math mar chogais na dùthcha, nam biodh iad deònach èisteachd ris.

A’ leantainn air le sàr-chlàran mar Across The Borderline, Spirit, God’s Problem Child (Thoir an aire air Always On My Mind ge-tà, chan eil e idir cho math ’s a bhiodh an liuthad a reic e a’ sealltainn.) Tha Willie air am pàilteas chlàran fhoillseachadh (uaireannan dhà no trì san aon bhliadhna). Tha e air seinn le Dylan, Sheryl Crow, Toots Hibbert, Ray Charles agus Snoop Dogg – fear le meas mòr air ceòl agus air luchd-ciùil eile, agus iadsan measail air-san cuideachd. Fear umhail, uasal, dòchasach le gràdh na chridhe.

Is mathaid gum bi cuid agaibh a’ leughadh seo ’s a’ faighneach carson a tha Dàna a’ foillseachadh alt mar seo nuair a tha sinn air a bhith sàmhach treis agus an uiread de dh’ùpraid a’ dol a thaobh na Gàidhlig. Ach, ’s dòchas gu bheil Willie a’ toirt dhuinn eisimpleir fheumail airson an àm ri teachd. Feumaidh sinn a bhith a’ dol air adhart nar ruagairean gràdhach le gealladh agus dòchas ga thabhann dhan t-sluagh againn fhèin agus dhan t-saoghal air fad – agus le sin, bidh sinne fhathast nar seasamh aig an deireadh.

Na h-òrain Wille Nelson as fheàrr le Eòghan

Seven Spanish Angels

Promised Land

City Of New Orleans

Blue Eyes Crying The Rain

Angel Flying Too Close To The Ground

Shotgun Willie

Just Breathe

Agus airson spòrs…

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach