‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS

Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh.

Ceumannan air adhart a thaobh ìre na Gàidhlig, ach fhathast mì-riarachail ann an cuid a dhòighean

Dh’fhosgail taisbeanadh ùr ann an Taigh-thasgaidh Nàiseanta na h-Alba an t-seachdain-sa, Wild and Majestic, a tha a’ leantainn sgeulachd ìomhaigh phoblach na h-Alba bho ar-a-mach nan Seumasach air adhart gus an latha an-diugh, le cuideam sònraichte air a’ bhuaidh a bh’ aig Oisean Sheumais Bhàin MhicMhuirich air a’ ghluasad romansach eadar-nàiseanta, agus air an dòigh a ghabhadh ri cleachdaidhean Gàidhealach eile a leithid a’ bhreacain uallaich is a’ phìob mar shamhlaidhean nàiseanta Albannach. Tha an taisbeanadh a’ ruith gu 10 Samhainn is tha tiocaidean rin ceannach air an doras no bho làrach-lìn (£10, £8.50 luchd a’ pheinnsein, £7.50 oileanaich / gun obair, saor an asgaidh do bhuill an Taigh-thasgaidh).

Tha seo a’ tighinn as dèidh dhan Taigh-thasgaidh breith chruaidh fhaighinn bho luchd na Gàidhlig airson dà thaisbeanadh eile a chùm iad bho chionn goirid, air na Seumasaich (2017) agus na Ceiltich (2016), anns nach robh mòran Gàidhlig idir. A thaobh taisbeanadh nan Seumasach, thuirt an Taigh-tasgaidh aig an àm nach robh cus Gàidhlig anns an taisbeanadh leis gur e sgeulachd “Eòrpach” a tha iad ag innse, an àite sgeulachd “chumhang” ceangailte ris a’ Ghàidhlig. Chuir a’ bhuidheann-iomairt Misneachd caismeachd air dòigh airson fianais a thogail air beulaibh an Taigh-thasgaidh is bha mu dhà fhichead duine an làthair. Sgrìobh Misneachd chun an taigh-thasgaidh beagan mhìosan air ais nuair a thàinig am follais gu robh an taisbeanadh ùr air fàire, is fhuaireadh gealladh bhuapa gum biodh barrachd Gàidhlig na lùib an triop seo.

Tha e soilleir gu bheil an ìmpidh seo air buaidh a thoirt air luchd an Taigh-thasgaidh oir tha an ìre de Ghàidhlig is de luaidh air cultar Gàidhealach fada nas fheàrr an turas seo, an dà chuid a thaobh cleachdadh a’ chànain agus susbaint an taisbeanaidh. Tha na prìomh bhùird-fhiosrachaidh dà-chànanach air feadh an taisbeanaidh is bhathas ag obair còmhla ri dà neach-rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig airson sreath de chriomagan fiosrachaidh mu “Sheallaidhean Gàidhealach” a chruthachadh.

A dh’aindeoin sin, tha laigsean is beàrnan ann fhathast, agus chì sinn am bi na th’ ann de dh’adhartas anns na taisbeanadh seo a’ toirt buaidh sam bith air cleachdaidhean an Taigh-thasgaidh nas fharsainge, a tha fhathast sgrathail lag a thaobh na Gàidhlig an taca ri buidhnean coltach ris, mar Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus an Leabharlann Nàiseanta. Anns an lèirmheas seo bheirear seachad puingean a-mach à còig airson ìre na Gàidhlig ann an diofar ghnèithean den taisbeanadh.

 

prìomh bhùird-fhiosrachaidh – 5/5

Tha na prìomh bhùird-fhiosrachaidh gu tur dà-chànanach. Tha a’ Ghàidhlig anns an aon chlò is an aon mheud ris a’ Bheurla. Tha a’ Ghàidhlig snasail, deas-bhriathrach, agus cha do mhothaich mi do mhearachdan gràmair no litreachaidh sam bith. ’S e eadar-theangachadh sgileil a th’ ann gun a bhith ro dhlùth ris a’ Bheurla.

 

bùird-fhiosrachaidh eile – 0/5

Tha na bùird-fhiosrachaidh eile, a leithid nan sanasan a tha a’ mìneachadh nithean fa leth a th’ air an taisbeanadh, ann am Beurla a-mhàin. Mar a tha àbhaisteach ann an suidheachaidhean den t-seòrsa seo, tha na h-acairean de spàs bàn ann far am b’ urrainn tionndadh Gàidhlig a bhith. Cha robh e air a bhith neo-phractaigeach ann an dòigh sam bith; ach fhathast tha leisge air choreigin ann an oidhirp bheag nas fhaide a dhèanamh gu dèanamh cinnteach gum biodh a h-uile rud ann an Gàidhlig (no sgillinn no dhà a bharrachd a chosg air eadar-theangachadh).

Chan e ceist acadamaigeach no shamhlachail a-mhàin a tha seo. Do dh’oileanaich is sgoilearan Gàidhlig a tha a’ tadhal air an taisbeanadh seo – agus bhithinn an dùil leis a’ phiseach a tha tighinn air foghlam Gàidhlig nach bi iad tearc – ’s e call cothrom dha-rìribh a tha seo tòrr fhaclan is abairtean Gàidhlig ionnsachadh. Leughaidh iad mu dheidhinn dirk anns an t-sanas ri taobh an nì sin ach chan ionnsaich iad gur e “biodag” a’ Ghàidhlig a th’ air, mar eisimpleir.

 

sanasachd – 0/5

A-rèir coltais ’s e Fiadhaich Glòrmhor an tiotal Gàidhlig air an taisbeanadh ach cha bhiodh fios agad air sin bho na brataichean is na postairean a tha a’ sanasachd an taisbeanaidh, a tha ann am Beurla a-mhàin. A-rithist tha tòrr rùm air na nithean seo airson Gàidhlig a bhith ann, rud a tha a’ fàgail amharas gu robh luchd na Taigh-thasgaidh a’ feuchainn ri cho beag Gàidhlig a chur gu feum ’s a b’ urrainn dhaibh faighinn às leis, seach fìor spiorad an dà-chànanachais a bhrosnachadh.

 

làrach-lìn – 0/5

A-rithist tha taobh-duilleig an taisbeanaidh air làrach-lìn an Taigh-thasgaidh ann am Beurla a-mhàin, ged a tha luaidh ann air na tha de Ghàidhlig is de ghuthan Gàidhealach anns an taisbeanadh fhèin.

 

leabhran “seallaidhean Gàidhlig” – 3/5

Tha leabhran “seallaidhean Gàidhealach” ri thogail aig toiseach an taisbeanaidh anns a bheil teacsa Gàidhlig a’ toirt seachad barrachd fiosrachaidh mu na cuspairean fon phrosbaig tro shùilean Gàidhealach. ’S e Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Ùisdean Cheape bho Shabhal Mòr Ostaig a chruthaich na h-earrannan seo. Tha cuid de na teacsaichean seo air bùird-fhiosrachaidh dhà-chànanach cuideachd.

Tha tionndadh Beurla den leabhran ri fhaighinn cuideachd, is tha àireamhan ann an cearcaill òir air an làr leis na faclan “Gaelic views” (ann am Beurla a-mhàin) aig diofar phuingean air feadh an taisbeanaidh.

Tha seo a’ cumail aire an neach-tadhail air seallaidhean Gàidhealach gun teagamh is a’ dèanamh cinnteach gu bheil guthan nan Gàidheal aig teis-meadhan a’ ghnothaich ann an dòigh nach robh fìor idir ann an taisbeanadh nan Seumasach. Air an làimh eile, tha faireachadh ann fhathast gu bheil na guthan Gàidhealach seo car air an iomall, air a chur ris an taisbeanadh mar ath-smuain, agus tha sgaradh os ìseal ann eadar na prìomh bhùird fhiosrachaidh ùghdarrasach, le guth gun a bhith bho àite no sealladh sònraichte sam bith, ma b’ fhìor – an guth ceannasach Beurla, Breatainneach, oifigeil – agus an “guth Gàidhealach” seo, a tha taobhach, connspaideach, gun a bhith cho ùghdarrasach. Mar a tha an làrach-lìn ag ràdh: Each section of the exhibition will include exploration of themes from a Gaelic-cultural perspective, and throughout the exhibition filmed interviews will reflect a range of perspectives, including Gaelic voices, on some contested historical themes about the period.

Bhon t-sealladh seo, bhiodh e air a bhith na b’ fheàrr, ma dh’fhaodte, nan robh na seallaidhean Gàidhealach seo fillte a-steach ann am prìomh sgeulachd an taisbeanaidh gu ìre nas motha. Bhiodh e cuideachd meadhanach furasta dhan neach-thadhail an sreath de “sheallaidhean Gàidhealach” a chall gu tur – cha mhòr gun do mhothaich mi dhan stannd far a bheil na leabhrain is mi tighinn a-steach. Bu chòir barrachd de na leabhrain a chlò-bhualadh is gum biodh an luchd-obrach air deasg nan tiocaidean a’ toirt lethbhreac do gach neach-tadhail anns an rogha cànain aca.

 

taisbeanaidhean lèir-chlaistinneach – 3/5

Bha bhidiothan aig toiseach is aig deireadh an taisbeanaidh ann am Beurla a-mhàin, le fo-thiotalan Beurla. Bhiodh e math nam biodh roghainn Ghàidhlig ann airson nam bhidiothan seo. Bhiodh e furasta gu leòr guth Gàidhlig a chlàradh. Bha cuideachd sgrìnichean eadar-ghnìomhach an siud ’s an seo far an robh agallamhan le sgoilearan cliùiteach ri chluinntinn. Bha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart is Ùisdean Cheape a’ nochdadh uair is uair. Bha fo-thiotalan Beurla ann airson an dà chuid an fheadhainn a bha a’ bruidhinn ann am Beurla is ann an Gàidhlig. Bha còir fo-thiotalan Gàidhlig a bhith ann cuideachd airson an luchd-labhairt Gàidhlig.

Bha roghainn de cheòl Gàidhealach ri fhaighinn air aon de na sgrìnichean, le òrain is fuinn air an toirt seachad le Ainsley Hammil, Robbie Greig, Eddie Seaman agus Norrie MacÌomhair. Bha iad seo air an clàradh a dh’aona ghnothach airson an taisbeanaidh, a-rèir coltais.

 

susbaint – 4/5

Bha an t-susbaint farsaing is domhain agus cnuasachadh gu leòr ann air a’ bhuaidh shòisealta is eacanomaich a bha an lùib nan atharrachaidhean a thàinig air a’ Ghàidhealtachd tro na linntean a tha fon phrosbaig. Bha pìosan làidir ann, mar eisimpleir, air a’ chreich a rinneadh air na Gàidheil le feachdan an riaghaltais agus laghan mì-chothromach as dèidh Chùl Lodair, agus na Fuadaichean is ciont nan uachdaran. Tha aithris gu math làidir aig Tom Devine ann an aon de na bhidiothan anns a bheil e ag ràdh gur e “glanadh eitneach” a bh’ anns na Fuadaichean air Ghàidhealtachd, is gu robh gràin-cinnidh an aghaidh nan Gàidheal mar shluagh nan lùib ann an dòigh nach robh fìor mu na Fuadaichean a ghabh àite air Ghalldacht is anns na Crìochan. Tha earrann ann mu dheidhinn ar-a-mach sòisealta agus mu strì an fhearainn. Chan eil cus anns an leabhar-iùil mu na gnèithean seo den chùis, ge-tà.

Tha earrann mhath ann anns na bùird-fhiosrachaidh mun ghràin-chinnidh a bha cumanta ann an irisean is bileagan Sasannach an aghaidh Albannaich san fharsaingeachd anns an ochdamh linn deug. Tha e inntinneach ge-tà, is a’ leigeil fhaicinn cho cuingealaichte ’s a tha am beachdachadh san taisbeanadh air seallaidhean nan Gàidheal fhèin, nach eil guth air na dòighean aoireil, gràineil san robh Gàidheil a’ coimhead air na Goill is na Sasannaich aig an àm, mar a tha ri fhaicinn anns an Oran do na Cìobairibh Gallda le Ailean Dùghallach (Tuath is Tighearna, deas. Dòmhnall Meek, 1995, tdd. 47–53).

 

nithean Gàidhealach san taisbeanadh – 3/5

Tha cuid de nithean luachmhor, tàbhachdach Gàidhealach rim faicinn san taisbeanadh, a leithid Leabhar Dearg Chlann Raghnaill. Chan eil cus air a dhèanamh den Leabhar ge-tà. Ged a tha a’ chonnspaid mu Oisean Sheumais MhicMhuirich aig cridhe a’ chuspair, chan eil cus mìneachadh air dè gu buileach an ceangal a bh’ ann eadar seann laoidhean na Fèinne agus na dàintean a chruthaich MacMhuirich. B’ urrainn dhaibh a bhith air earrann à laoidhean na Fèinne, le eadar-theangachadh, a chur an cois earrann à obair MhicMhuirich airson na h-eadar-theangachaidhean is na coltasan eadar na dhà a chur an cèill nas soilleire.

 

leabhar-iùil – 2/5

Tha leabhar-iùil dealbhaichte làn-dathte Wild and Majestic: Romantic Visions of Scotland le Patrick Watt agus Rosie Waine ri cheannach aig an taisbeanadh (£9.99) anns a bheil a’ mhòr-chuid de shusbaint an taisbeanaidh. Gach beagan dhuilleagan tha na teacsaichean “Guthan nan Gàidheal” bhon taisbeanadh ri fhaighinn ann an Gàidhlig is am Beurla, ach seach sin, tha an leabhar ann am Beurla a-mhàin, is chan eil tionndadh Gàidhlig ri fhaighinn. Chan eil fiù ’s na teacsaichean Gàidhlig bho na prìomh bhùird-fhiosrachaidh air an gabhail a-steach san leabhar.

Ged a tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Ùisdean Cheape ainmichte anns an fhiosrachadh fhoillseachaidh mar ùghdaran nan earrannan “Guthan nan Gàidheal”, cha nochd na h-ainmean aca air a’ chòmhdach no air an taobh-duilleig tiotail. A bheil e cus ri iarraidh gum biodh na sgoilearan Gàidhealach cliùiteach seo, a chuir gu mòr ri ar n-eòlas air na cuspairean seo is ris an taisbeanadh fhèin, air an ainmeachadh gu co-ionann ris na sgoilearan Beurla seo? Tha e cur nam chuimhne suidheachadh nan roinnean Ceiltis is Gàidhlig ann an oilthighean na h-Alba, far an tric a nì “oidean” le Gàidhlig bho thùs tòrr mòr den obair theagaisg, fhad ’s a tha na h-obraichean òraidiche is àrd-ollaimh le pàigheadh nas àirde ann an làmhan luchd-ionnsachaidh, no daoine gun Ghàidhlig an latha an-diugh idir, airson a’ chuid as motha. Bu chòir dhuinn a bhith mothachail air na cumhachdan structarail a tha ag adhbhrachadh nan suidheachaidhean seo.

 

luach an airgid – 3/5

Phàigh mi £7.50 is mi nam oileanach airson tiocaid dhan taisbeanadh; ’s e £10 a’ phrìs làn. Chuir mi seachad mu dhà uair a thìde ann gu àm dùnaidh an taigh-thasgaidh nuair a bha agam ri falbh gun cothrom a bhith agam coimhead gu dlùth air a’ phàirt mu dheireadh den taisbeanadh. Cheannaich mi an leabhar-iùil cuideachd, air a bheil £9.99.

Nam bithinn airson a dhol air ais bhiodh agam ri £7.50 eile a phàigheadh – cosgais a tha a’ fàs caran mì-reusanta, gu h-àraid do dhaoine air tuarastal ìosal no gun obair. ’S truagh nach eil iad a’ leantainn eisimpleir cuid a thaisbeanaidhean eile (a leithid Lùchairt Taigh an Ròid agus Jorvik ann an Eabhraig) far am faod thu dhol air ais uiread a thursan ’s a thogras tu saor an asgaidh fad bliadhna as dèidh a’ chiad chuairt.

Dh’fhaodte a ràdh gu bheil an Taigh-tasgaidh a’ dèanamh airgead air dualchas nan Gàidheal ach a’ dùnadh a-mach Ghàidheal fhèin leis na prìsean àrda seo, gu h-àraid ann am baile far a bheil cosgais na beatha cho àrd.

 

leabhraichean is bathar gan reic sa bhùth – 1/5

Cha robh leabhraichean sam bith ann an Gàidhlig no mu dheidhinn Gàidhlig no seallaidhean Gàidhealach anns a’ bhùth aig doras an taisbeanaidh, ach a-mhàin an leabhar-iùil fhèin, is am Penguin Book of Scottish Verse aca, anns a bheil dàin Ghàidhlig gu leòr. ’S iongantach gu bheil The Essential Scots Dictionary agus an Collins Scots Dictionary rin ceannach ach chan eil càil coltach a thaobh Gàidhlig ann. Tha seo cur nam chuimhne nuair a bha an Gruffalo ann am Beurla Ghallda aig an oifis thurasachd ann an Steòrnabhagh o chionn beagan bhliadhnaichean, ach cha robh an tionndadh Gàidhlig ann. Bha beàrnan iongantach eile ann, mar eisimpleir cha robh guth air leabhar sgoinneil Tom Devine mu na fuadaichean.

Seach na leabhraichean, ’s e trealaich tartain is a leithid as motha a bha ri cheannach, a tha a’ tighinn ri cuspair an taisbeanaidh ’s dòcha, ach nach eil ro eadar-dhealaichte bhon bhathar a tha ri fhaighinn ann am bùth turasachd sam bith ann an Dùn Èideann – cothrom caillte rudeigin car eadar-dhealaichte a thairgsinn, ma dh’fhaodte.

 

beusalachd nan sponsairean – 1/5

’S e prìomh sponsair an taisbeanaidh Baillie Gifford, companaidh stiùiridh in-ionmhais a fhuair breith airson a bhith an sàs ann am malairt na h-armachd is an tombaca. Tha seo a’ tighinn beagan mhìosan as dèidh do luchd-strì Extinction Rebellion fianais a thogail am broinn an Taigh-thasgaidh Nàiseanta aig dìnnear do Chlub Ola na h-Alba. ’S dòcha gum bu chòir dhan Taigh-thasgaidh beachdachadh a-rithist air na ceanglaichean a th’ aige ri companaidhean mòra cronail mar seo. Bu chòir dhan stàit cuideachd airgead gu leòr a thoirt do stèidheachaidhean poblach den t-seòrsa seo gus nach bi iad an crochadh air taic-airgid phrìobhaidheach.

 

cànanan eile is so-ruigsinneachd – 1/5

Mas math mo thuigse, tha an taisbeanadh ri fhaighinn ann am Beurla agus, gu ìre, ann an Gàidhlig a-mhàin. Chan eil na teacsaichean ri fhaighinn ann an cànan sam bith eile a tha a’ fàgail nach faigh luchd-tadhail bho dhùthchannan cèin mòran às mura h-eil Beurla mhath aca. A-rèir figearan an Taigh-thasgaidh fhèin, tha mu 40% den luchd-tadhail aca a’ tighinn bho dhùthchannan mar Sìona, a’ Ghearmailt is an Fhraing.

A thaobh so-ruigsinneachd san fharsaingeachd tha tionndadh ann an clò mòr de na teacsaichean Beurla ri fhaighinn aig an doras, ach chan eil seo ri fhaighinn ann an Gàidhlig, no cànan sam bith eile. Mar a tha àbhaisteach anns na suidheachaidhean seo, bithear a’ dìochuimhneachadh gu bheil Gàidheil le ciorram ann leis am bu toil cothrom fhaighinn rudan a leughadh no a chluinntinn nan cànain fhèin gun tionndadh dhan a’ Bheurla dìreach air sàillibh a’ chiorraim aca. Chanainn gu bheil seo a’ tighinn bho bhith coimhead air “Gàidhlig” mar eacarsaich ann an tic a chur ann am bocsaichean, seach a bhith a’ frithealadh air feumalachdan luchd na Ghàidhlig mar dhaoine ann an dòigh a tha cothromach, co-ionann.

 

Gàidhlig anns an Taigh-thasgaidh Nàiseanta san fharsaingeachd – 1/5

A dh’aindeoin an adhartais a thaobh ìre na Gàidhlig anns na taisbeanadh seo, tha inbhe na Gàidhlig anns a’ chòrr den Taigh-thasgaidh fhathast dìblidh suarach. Chan eil ainm an Taigh-thasgaidh no fiosrachadh sam bith ann an Gàidhlig aig na prìomh dhorsan, ged a tha rùm gu leòr ann seo a chur ris. Tha mapa ann an Gàidhlig ri fhaighinn aig an doras ri taobh mhapaichean ann an grunn chànanan eile. Anns an earrainn mu “Rìoghachd na h-Alba” (far am bi an Leabhar Dearg ri fhaicinn mar as àbhaist) tha beagan bhùird-fhiosrachaidh mu na Gàidheil le tiotalan dà-chànanach, ach chan eil càil den teacsa fhèin ann an Gàidhlig, a dh’aindeoin na tha am Plana Gàidhlig aca a’ cumail a-mach (td. 9). A thaobh an làraich-lìn aca, tha tionndadh Gàidhlig den fhiosrachadh “Ullaich do thuras”, agus tha am Plana Gàidhlig ri fhaighinn fo “Our Organisation”. Chan eil Gàidhlig sam bith no luaidh air a’ Ghàidhlig air a’ phrìomh thaobh-duilleig ge-tà, is chan eil am beagan Gàidhlig a tha ann furasta a lorg.

Chan eil oifigeir Gàidhlig aca, agus chan eil luchd-obrach sam bith a tha fileanta sa chànan, a-rèir an dàrna Plana Gàidhlig aca, a chaidh fhoillseachadh ann an 2017 agus a cheadachadh le Bòrd na Gàidhlig. Tha suaicheantas Gàidhlig aca bho 2013 a tha ga chleachdadh ann an àitean “co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig” leithid bhrathan-naidheachd – ach chan eil e cudromach gu leòr airson a chleachdadh gu poblach air soidhneachan anns an Taigh-thasgaidh fhèin, is chan fhaca mi e fiù’s air an t-sanasachd airson an taisbeanaidh “Wild and Majestic”.

A-rèir a’ Phlana Ghàidhlig aca, tha iad ag aithneachadh bho fhreagairtean dhan cho-chomhairleachadh aca air a’ Phlana gu bheil iarrtas ann bho choimhearsnachd na Gàidhlig gum biodh oifigeir Gàidhlig agus ìomhaigh chorporra ùr dà-chànanach aca, ach gur e molaidhean a th’ annta seo “a thaobh nan goireasan a th’ againn an-dràsta agus nam prìomhachasan againn san àm ri teachd nach eil nar comas”. Chan eil e soilleir carson a tha na rudan seo cho fada thar an comais, nuair a tha buidhnean dualchais is eachdraidh eile a tha stèidhte ann an Dùn Èideann is air feadh na dùthcha a’ dèanamh fada nas fheàrr, a’ gabhail a-steach Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀES), Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba is eile.

Tha bùird-fhiosrachaidh dhà-chànanach aig ÀES aig tòrr de na h-àitean a tha fon cùram; tha ìomhaigh chorparra dhà-chànanach aca le gealladh gum bi seo a’ nochdadh air èididhean an luchd-obrach gu lèir, air gach carbad, agus air stuth-sgrìobhaidh; tha prògram foghlam Gàidhlig aca a chleachd 4,000 de sgoilearan is de luchd-teagaisg; is tha oifigeir Gàidhlig aca. Tha oifigeir Gàidhlig aig a’ Phàrlamaid cuideachd, agus dà-chànanachas iomlan a thaobh shoidhneachan san togalach agus gu leòr de na bileagan fiosrachaidh. Tha an Leabharlann Nàiseanta air Wikipedian Gàidhlig is cuidiche didseatach Gàidhlig fhastadh san àm a dh’aom.

Tha e soilleir, ma-thà, gu bheil fada bharrachd a b’ urrainn dhan Taigh-thasgaidh Nàiseanta a dhèanamh nam biodh iad a’ coimhead ris na h-eisimpleirean a tha buidhnean eile a’ toirt seachad, is gu bheil leisge air choreigin am measg cheannardan an Taigh-thasgaidh seo dhèanamh, is dòighean-smaoineachaidh seann-fhasanta aig cuid dhiubh a nochd anns na thuirt iad mu thaisbeanadh nan Seumasach. Tha e an urra ri luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ cumail ìmpidh air an Taigh-thasgaidh gus na dòighean-smaoineachaidh sin atharrachadh.

Ach tha cuid den choire air Bòrd na Gàidhlig cuideachd, a bhios a’ toirt beannachd dha na Planaichean Gàidhlig laga tha seo nuair a b’ urrainn dhaibh ceumannan nas làidire iarraidh air buidhnean. Tha ceist an Taigh-thasgaidh Nàiseanta samhlachail gu ìre mhòir aig a’ cheann thall; ach ’s e ceist nas cudromaiche a th’ ann a thaobh cuid de bhuidhnean eile le planaichean Gàidhlig cianail lag, a leithid Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, far a bheil cruaidh fheum air seirbhisean Gàidhlig nas fheàrr a fhreagras do dh’fheumalachdan is cofhurtachd luchd-cleachdaidh sheirbhisean so-leònte. Tha dleastanas air na meadhanan Gàidhlig cuideachd ceasnachadh fada nas gèire a thoirt air co-dhùnaidhean suarach Bhòrd na Gàidhlig a thaobh planaichean Gàidhlig agus air na buidhnean fhèin.

’S e ball de Mhisneachd a th’ ann an Gille-chrìost MacGill-Eòin a ghabh pàirt anns a’ chaismeachd an aghaidh laigsean a thaobh ìre na Gàidhlig ann an taisbeanadh nan Seumasach ann an 2017, agus a tha air a bhith an sàs san iomairt gus ìmpidh a chur air an Taigh-thasgaidh adhartas a dhèanamh bhon uair sin.

– Gille-chrìost MacGill’Eòin

https://www.nms.ac.uk/exhibitions-events/exhibitions/national-museum-of-scotland/wild-and-majestic/

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach