Fo-thiotalan loisgte – tha rathad nas fheàrr ann

Cead o Creative Commons

Fo-thiotalan Beurla air an tàthadh ri prògraman Gàidhlig – carson?

Tha e coltach gun lean MG ALBA agus BBC Scotland orra le fo-thiotalan loisgte seach feadhainn a ghabhas cur am falach; ach fhuair luchd-iomairt gaidhlig.tv dearbhadh bhon BhBC an Lunnainn nach leig iad a leas.

  Le Liza Storey

Tha sinn mothachail gu bheil MG ALBA, am buidheann a tha os cionn BBC Alba còmhla ri BBC Scotland, air brath a sgaoileadh bho chionn ghoirid (tron ‘bhlog’ aca, air 7 an t-Iuchar 2015), is iad a’ bruidhinn air BBC Alba, fo-thiotalan agus ‘seirbheisean-taice do luchd-coimhid’.  Tha sinn toilichte gu bheil iad a’ toirt suil air a’ chuspair.

Tha sinn a’ cur fàilte air briathran MG ALBA cuideachd nuair a chanas iad: “bu chòir an roghainn a bhith aig an neach-cleachdaidh an cur am falach [fo-thiotalan], agus thèid obrachadh air fuasgladh teicnigeach a lorg ma tha e idir comasach.” (blog MG ALBA, 07/07/2015).

A’ togail air a’ phuing sin, bu toil leinn fhìn beachd neo dhà a thoirt seachad agus beagan mìneachaidh a dhèanamh mu dheidhinn cothruim ùire a th’ air nochdadh: cothrom air nach eil MG ALBA a’ bruidhinn.

Ann am fiosrachadh sgrìobhte ùr (02/07/2015) a fhuair sinn bho Urras a’ BhBC, am buidheann-riaghlaidh a tha stèidhichte ann an Lunnainn, tha am BBC air dearbhadh gun gabh fo-thiotalan Beurla a bhith ann mar roghainn do luchd-amhairc air BBC Alba an‑dràsta fhèin – air Freeview àbhaisteach – an àite a bhith loisgte air prògraman. Ghabhadh an ceum ùr a chur an-sàs nan togradh luchd-riaghlaidh an t‑seanail, MG ALBA agus BBC Scotland.

Dh’iarr Urras a’ BhBC air eòlaiche a tha ag obair aig a’ BhBC coimhead ri cùisean às leth gaidhlig.tv.  Ro 2013 air Freeview, eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de sheanailean eile, cha robh e comasach (a-rèir a’ BhBC) roghainn a bhith ann air BBC Alba ma bhathar ag iarraidh fo-thiotalan a bhith falaichte. Dh’fheumadh iad a bhith loisgte, thuirt am BBC, neo gun a bhith ann idir. Tha e air a bhith nas fhasa, aig ìre teicnigeach, fo-thiotalan a bhith ann mar roghainn air siostaman leithid Sky, Virgin agus Freeview HD. Ach seo an rud: tha gnothaichean air atharrachadh bhon uair sin.  Chan eil leisgeul losgaidh ann tuilleadh.

Seo na thuirt Urras a’ BhBC ri gaidhlig.tv san Iuchar 2015:

‘I’m sorry it has taken a while, but I have now received some information from the BBC Executive in response to your further query about Freeview bandwidth and capacity, and BBC Alba.  The information comes from a Senior Reception Interference Analyst with BBC Digital.

“in 2011, BBC ALBA launched on the BBC Freeview multiplex, PSB1 Scotland.   In 2013, through efficiency improvements, we were able to release some capacity on PSB1 Scotland to return some of the radio stations which were taken away to accommodate the launch of BBC Alba…”

Tha post-dealain Urras a’ BhBC a’ leantainn, agus seo gu h-ìseal an earrann as cudromaiche:

“Reviewing our current capacity on PSB1 Scotland, we should have enough capacity [for BBC Alba] to run a single out-of-vision subtitle stream.”*

Ann am brath eile bho Urras a’ BhBC a tha a’ togail air seo, tha iad a’ dearbhadh ge dè a th’ ann an ‘out-of-vision’:

“I can confirm that out-of-vision subtitles are optional, therefore they can be switched on and off according to preference.”

Tha e soilleir: tha eòlaichean-teicnigeach a’ BhBC ann an Lunnainn air dearbhadh gu bheil cothrom ùr ann co-cheangailte ri BBC Alba: an dràsta fhèin. Faodaidh fo-thiotalan Beurla  (neo fo-thiotalan Gàidhlig an àite fo-thiotalan Beurla, ma thogras sinn)  a bhith ann – falaichte – air prògraman BBC Alba air Freeview. B’ e suidheachadh Freeview an duilgheadas a bu mhotha agus tha fuasgladh againn a-nis.  Mu dheireadh thall, faodaidh luchd-amhairc agus luchd-ionnsachaidh leithid Maureen Hammond an ‘Tèip Tunnaig’ aca – an ‘Duck Tape’ mar a th’ aice fhèin air – a chur an dàrna taobh.

maureen_hammond_jpeg

Ann an dòigh, chan eil seo na iongnadh, seach nach eil fo-thiotalan trom air leud-banna (bandwidth). Seo na tha Neil Wren, eòlaiche fo-thiotalan ceangailte ris a’ chompanaidh Screen Systems, ag radh: “Subtitle bitrates are generally small and the impact of maintaining 1 or 2 languages is nothing in comparison to the other data in the stream.”  Tha Mike Manning, neach-deasachaidh a516digital, a’ cur ri sin: “Subtitles hardly take any bandwidth. While the picture may require a couple of Mbps, subtitles will take up less than 50kpbs (approx) of bandwidth.“

Chan eil leisgeul teicnigeach aig riaghladairean tuilleadh. ’S e ceist prìomhachais a th’ ann a-nis. Cò as cudromaiche: na Gàidheil (an dà chuid Gàidheil a dh’ionnsaich Gàidhlig agus feadhainn le Gàidhlig bho th­ùs) mar a tha sinne a’ creidsinn; neo, luchd na Beurla – an luchd-amhairc air a bheil MG ALBA a’ cur tuilleadh ’s a chòir cuideam?

Tha faclan MG ALBA ann an 2015 a’ cur uabhas oirnn:

‘We have English content because we have normalisation objectives.” (MG ALBA Public Consultation report, 2015)

‘Normalisation’ airson cò? Tha MG ALBA gu math fosgailte mu dheidhinn: ’s ann airson luchd na Beurla a tha an ‘normalisation’ seo. Chan eil guth air an ‘àbhaisteachadh’ as cudromaiche: prògraman de gach seòrsa –   tro mheadhan na Gàidhlig – air seanail telebhisein làidir do na Gàidheil. Sin agad an ‘àbhaisteachadh’  neo ‘normalisation’ a tha riatanach: cothrom do na Gàidheil, tron chànan aca fhèin, misneachd, fiosrachadh, conaltradh agus tlachd fhaighinn tro na meadhanan, gun Beurla a bhith air a sparradh orra gach mionaid.

Mar a thuirt Stuart Dunmore à Oilthigh Dhùn Èideann, agus feadhainn eile roimhe, tha an àrainneachd aon uair ’s gum fàg thu an sgoil gu math cudromach. Dè math dhuinn ginealach ùr na Gàidhlig a bhrosnachadh, mur eil duais ann dhaibh? Dè seòrsa àrainneachd a tha MG ALBA a’ moladh, aon uair ’s gu bheil Gàidheil nan inbheach?  Bha an t-Oll. Eithne O’ Connell, à Oilthigh Dublin City, cho ceart ri ceart, nuair a thuirt i san aiste eirmseach aice air gaidhlig.tv  “… it seems reasonable to say that there is something bogus about the claim that an Irish or Gàidhlig language programme broadcast with open English subtitles is in any meaningful way really serving the linguistic needs of its speakers.”

Ma tha MG ALBA dha-rìribh  “a’ taobhadh le rud a ghabhas cur dheth” (am ‘poileasaidh’ fo-thiotalan ‘oifigeil’ aca)  nì iad gàirdeachas le naidheachd ùr a’ BhBC.

Bho 2016 air adhart, bidh dleastanas foirmeil ùr a’ tighinn air BBC Alba ceangailte ri ‘seirbheisean do luchd-coimhid’. Ge-tà, cò shaoileadh gum biodh MG ALBA a’ putadh fo-thiotalan loisgte ceangailte ri seo mar-thà? Sin an dearbh rud a tha iad a’ dèanamh anns a’ bhlog aca air 7mh an t-Iuchar, far a bheil iad ag radh:

“bidh sinn ag obair air ciamar as fheàrr a thèid fo-thiotalan airson daoine aig a bheil duilgheadasan claisneachd a chur air barrachd phrògraman. Aig an ìre seo faodar a ràdh gu bheileas a’ coimhead air fo-thiotalan eadar-theangachaidh a bhith loisgte a‑steach…”

Ma tha MG ALBA a’ moladh gum bi fo-thiotalan Beurla ‘loisgte a-steach’ bho 2016 air adhart, feumaidh iad beachd eile a ghabhail. Ma tha rud sam bith loisgte gu bhith ann – biodh e loisgte ann an Gàidhlig.  Cò, taobh a-staigh MG ALBA, a tha a’ moladh Beurla a-rithist? Bu toil leinn faighinn a-mach.

Mar a tha fhios aig a h-uile duine againn, tha gnothach aig BBC Scotland ri seo cuideachd. Ann an 2014, sgrìobh sinn gu Ceannard BBC Scotland, Coinneach MacGuaire. Mar fhreagairt, thuirt e nach robh fuasgladh ann a thaobh fo-thiotalan Beurla loisgte. Tha sinn an dòchas, ann an 2015, gun gabh Ceannard BBC Scotland ris nach ann mar sin a tha an gnothach a-nis.  Agus mar Ghàidheal, tha fios gum put Coinneach MacGuaire airson fo-thiotalan Gàidhlig, an àite fo-thiotalan Beurla?

fo-thiotalan_Dana

“Mar Ghàidheal, putaidh Coinneach MacGuaire, ceannard BBC Scotland, airson fo-thiotalan Gàidhlig”, nach put?

Tha sinn an dòchas gun gabh an dà bhuidheann-riaghlaidh, MG ALBA agus BBC SCOTLAND, ceum ùr còmhla, agus gun cuir iad às dha na fo-thiotalan loisgte Beurla sa bhad, mar a thuirt sinn a-cheana bho chionn dà mhios.

Bu toil leinn taing mhòr a thoirt don BhBC ann an Lunnainn airson dearbhadh gu bheil e comasach fo-thiotalan mar roghainn a bhith ann.

Seo cothrom ùr. Tha rathad nas fheàrr ann.

Liza Storey

Twitter @gaidhligtv

 

Iomraidhean agus fiosrachadh iomchaidh
* Post-dealain bho Tara McBride, Correspondence Coordinator, Urras a’ BhBC: ceann-latha 02/07/2015
** Post-dealain bho Urras a’ BhBC 06/07/2015

***Litir gu MG ALBA AGUS BBC SCOTLAND BHO GWEN BOWIE, AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL, AILEAN DÒMHNULLACH, LOUISE EDMONDS, MAUREEN HAMMOND, ALISON KINNAIRD, RUAIRIDH MACIOMHAIR, ROBBIE ANNDRA MACLEÒID, AONGHAS DUBH MACNEACAIL, ISHI NICILLEATHAIN, MORAG NICLEÒID, PROFESSOR ROBERT PHILLIPSON, DES SCHOLES, TOVE SKUTNABB-KANGAS, LISA STOREY Agus bha feadhainn eile a’ cur taic rithe cuideachd.

Tuilleadh fiosrachaidh teicnigich
Eisimpleir – Arqiva A multiplex, Sky News on Freeview:
Le taing do Mike Manning, fear-deasachaidh, a516digital
Cosgaisean
Chan eil an teicneòlas daor – seo tuilleadh fiosrachaidh

 

Share

One thought on “Fo-thiotalan loisgte – tha rathad nas fheàrr ann

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach