Foghlam Gàidhlig nan Eilean Siar

Thug Mgr Uilleam Dòmhnallach, Ceannard Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, seachad agallamh air Aithris na Maidne air 13/09/18 agus e a’ mìneachadh nach eil a’ Chomhairle an dùil sgoiltean Gàidhlig fa leth a thogail sna h-Eileanan an Iar, a rèir iarrtas bho phàrantan. Sgrìobh Liam Alastair Crouse freagairt.

Aig tòiseachd na linne seo, bha àireamh nas àirde de sgoiltean beaga anns na h-Eileanan an Iar anns an robh a’ chuid as motha den teagasg ga lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Mar eisimpleir, bha Sgoil Staoinebrig ann, anns nach robh foghlam Beurla ri fhaighinn. Nuair a dh’fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad airson an sgoil a dhùnadh, chaidh a ràdh “nach [robh] gin de na pàrantan toilichte gun [robh] a’ Chomhairle a’ bruidhinn air an aon sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar a dhùnadh.” Fo chùram, shir na pàrantan cuideachadh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh an sgoil a dhùnadh ann an 2008.

Dà bhliadhna roimhe sin, chuir pàrantan Uibhist a Tuath iarrtas dhan Chomhairle airson sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san eilean. Thuirt an t-iarrtas gum b’ fhèarr le naoinear anns gach deichnear de na pàrantan a bha ag iarraidh foghlam tron Ghàidhlig don chlann aca gun rachadh Sgoil Chàirinis a dhèanamh na sgoil Ghàidhlig fa leth.

Chaidh an sgoil a dhùnadh ann an 2016. Cha deach sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san eilean.

Ann an 2008, bha iomairt am measg phàrantan Bharraigh gus Bun-sgoil Eòlaigearraidh a dhèanamh na sgoil Ghàidhlig. Èisteachd bhon Chomhairle cha d’fhuair na pàrantan.

Ach tha a’ Chomhairle ag èisteachd ri roghainnean nam pàrantan a-nise, a rèir Uilleim Dhòmhnallaich, Ceannard an Fhoghlaim aig a’ Chomhairle. “Tha sinn air conaltradh ri pàrantan, agus tha sinn air conaltradh ri coimhearsnachdan bho chionn ghoirid cuideachd”, thuirt e, “agus tha iad gu soilleir nach e sgoiltean Gàidhlig a tha a’ mhòr-chuid ag iarraidh.”

Seach àrainneachdan Gàidhlig a stèidheachadh dhan chlann, tha a’ Chomhairle dol a thoirt prìomhachas do sgoiltean beaga ionadail. Feadhainn mar na sgoiltean beaga Gàidhlig a dhùin iad mar-thà. Nach math gu bheil a’ Chomhairle a’ seasamh airson nan coimhearsnachdan beaga Gàidhealach? Nach math gu bheil a’ Chomhairle a-nise a’ seasamh airson nan sgoiltean beaga?

’S e an ro-innleachd a th’ ann gun tèid barrachd sgoiltean “Gàidhlig” a dhèanamh, anns am bi sruthan Beurla, seach sgoiltean Gàidhlig, anns nach eil ann ach Gàidhlig. ’S e fìrinn na cùise gur co-ionann sgoil Ghàidhlig na Comhairle ri aonad Gàidhlig gach ùghdarras eile, mar a mhìnich Dr Aonghas MacLeòid ann an 2015.

Thuirt Dr Alasdair Allan BPA agus e a’ cur a thaic ris an inbhe ùr seo: “ma bhios inbhe Sgoil Ghàidhlig aig sgoil, bidh ethos tro mheadhan na Gàidhlig, bidh seirbheisean aig an sgoil tro mheadhan na Gàidhlig, agus bidh a’ Ghàidhlig na lingua Franca anns an sgoil.” Ach chan eil sin fìor. ‘S i a’ Bheurla, a tha aig gach duine-chloinne ann an sgoiltean na Comhairle, a gheibh làmh an uachdair seach a’ Ghàidhlig, nach eil aig ach beag-chuid. Mar a tha fios againn, nuair nach eil Gàidhlig aig gach duine anns an sgoil, daonnan ’s i a’ Bheurla a thèid a bhruidhinn nuair a thig iad còmhla.

Agus a thuilleadh air an dùbhlan sin, chan eil fiù ’s comas sa Ghàidhlig aig an dàrna leth de chlann nan Eilean Siar, a rèir aithisg a-mach air toraidhean a’ chunntais-shluaigh ann an 2011. Tha suidheachadh nan sgoiltean measgaichte sin, far nach eil Gàidhlig aig gach duine nam broinn, na shamhla air sgìre Chomhairle nan Eilean Siar. Mura atharraich rudeigin, tha suidheachadh gàbhaidh romhainn.

Ge-tà, tha adhbhar dòchais ann thuirt Mgr Dòmhnallach: tha a’ cheuded de chlann aois bun-sgoile a tha dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air èirigh a-nise gu timcheall air an leth chuid. Agus, tha a’ Chomhairle a-nis ag amas air 70% san àm ri teachd. Tha sin ri moladh.

Ach dh’fhaodadh iad fad a bharrachd a dhèanamh. Nuair a thill aon teaghlach air ais a dh’Uibhist à Glaschu an-uiridh, far an robh a’ chlann aca san Sgoil Ghàidhlig an sin, mhothaich iad nach robh a’ chlann aca idir a’ faighinn uiread a Ghàidhlig agus a b’ àbhaist iad anns a’ bhaile mhòr. Togaidh iad Beurla san sgoil “Ghàidhlig”.

Bidh na h-urracha mòra buailteach a bhith a’ cur cuideam air a’ choimhearsnachd, a’ leigeil ceann trom a’ ghnothaich gu daoine eile. “Cha chum an sgoil leatha fhèin Gàidhlig beò, ’s e coimhearsnachd a chumas Gàidhlig beò”. Uil, gu dearbha fhèin, chan e a’ Chomhairle a chumas beò i!

– Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach