“Fonn an Rapair” | Natural Lorne Killaz

Dh’fhaoidte nach buin rap – mar as eòl dhuinn e – don t-saoghal Ghàidhlig, theireadh cuid. Ach tha Liam Alastair a’ coimhead air gluasadan san traidisean bho chionn ghoirid a tha a’ carachd ris an nòs seinne seo aig ‘Pàrtaidh an Dlùth-Chomainn’.

 

'The Cow Palace' ron a chreachadh

‘The Cow Palace’ ron a chreachadh

Air an dara deireadh-sheachdain às dèidh an Referendum mhòir, thruis luchd-taic neo-eisimealachd air croit ann am Baile a’ Chaolais a Tuath airson dà latha làn ciùil, dibhearsain, is comannachd. Aig ‘Pàrtaidh an Dlùth-Chomainn’, mar a bh’ aig Fear an Taighe air, bha còmhlan aithnichte leithid Dàimh, Na Peathraichean Friel, agus còmhlan dhe dhrumairean à Ghana a’ cluich air àrd-ùrlar taobh a-staigh sabhal agus trusgan ‘Bu Chòir’ orra.

Air oidhche Shathairne, dar a bha cuid den cheòl traidiseanta a’ socrachadh sìos, ach càch a’ fàs nas beothaile, thòisich rud ris nach robh dùil. Shreap an seinneadair comasach, Griogair Labhruidh – a chuir am pàrtaidh ri chèile, agus fear òg às an sgìre aig an robh a’ Ghàidhlig – Lobhdaidh MacRath, don àrd-ùrlar agus theann iad ri òrain. Ach cha b’ e seinn Ghriogair, mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear leis e, a bh’ ann, ach rapadh, le taic buille-à-beul (beatboxing) Lobhdaidh, a rinn e fhèin anns a’ chànan.

Tha seinn Ghriogair san àbhaist a’ còrdadh rium, ach bha seo na b’ iongantaiche buileach! B’ e an sealladh a bha romham sabhal làn de dhaoine aig nach robh a’ Ghàidhlig a’ breabadh fo bhuaidh buille-à-beul an fhir òig agus rapadh Gàidhlig Ghriogair, a’ crathadh a làimhe san èadhar (mar a dhèanadh Eminem) agus a’ tilgeil shèistean mun dìleab chultarail agus dualchas beò na Gàidhlig. Agus chùm an sealladh annasach sin a’ dol cuid mhath dhen oidhche: mòr-chuid dhe na daoine, nach tuigeadh facal dhen teachdaireachd phrìseil, a’ dannsadh ri ùp-àp (hip-hop) Gàidhlig.

'Am biadh a thèid os cionn gach bìdhe – snaois’

‘Am biadh a thèid os cionn gach bìdhe – snaois’

 

Rap Gàidhlig

A-nise, tha fhios agam nach b’ e seo a’ chiad uair a chaidh rap Gàidhlig a dhèanamh sa chànan. Bho chionn beagan mhìosan, bha Struileag a’ fastadh fear à Canada airson ‘cuir a-mach na loidhne’ san òran ùr ‘O mo dhùthaich’. Ach, dhomhsa dheth, cha robh an ceòl-taice a’ còrdadh ris na briathran ann, agus bha a’ phàirt a b’ fheàrr ’s a bu chumhachdail dheth an t-sèist nòsach dhen òran. Gu seachd àraidh rap, a bhuineas do rathaidean bochd’ a’ Bhronx, cha robh fìrinn às a’ cheòl, na mo bheachd-sa.

Ach bha rap Ghriogair rudeigin na bu fhreumhaichte – san dà chuid – ann an nòsan rap Ameireaganaich agus dualchas na Gàidhlig. Bha mise a-riamh a’ measadh Iain Lom mar aon de na gangstairean a b’ fheàrr a bh’ againn ann an saoghal na Gàidhlig. Cò, dar a rachadh duais a chuir air a cheann airson òran sgàiteach a rinneadh a’ magadh Mac Cailean Mòr, a thrialladh làitheachan a dh’astar gus a lìbhrigeadh aig doras caisteal mòr Inbhir Aora airson an duais fhaotainn. ‘Cò sibh?’ ‘Is mise Iain Lom.’ Cò ach gangstair; cò ach Iain Lom.

Agus bha cuid de dh’òrain Iain Lom an ceart cho math ann an riochd rap agus a tha iad san stoidhle nòsach. (Bidh cuid eòlach orm-sa a’ cur a-mach ‘Là Inbhir Lòchaidh’ ann an riochd nas rapaile às dèidh deoch neo dhà.) Gabhaidh tòrr òrain anns a’ Ghàidhlig an cur gu riochd rap (ged a b’ oil le cuid eile sin). Tha an ruitheam a’ lasadh tromhpa. Ach cuideachd ann an cuid, tha an fhaireachdainn ann. Creach? Rap. Murt? Rap. Ana-ceartas sòisealta? Rap.

Ach thug rap Ghriogair nas fhaide chun an dualchais an rud. Cha robh e a-mach air togail bà ach togail dùthchais. Agus cha b’ e seo a’ chiad uair ’s a theann Griogair ri rapadh. Chunnaic mi, bho chionn bliadhna no dhà, clàradh dheth fhèin a’ cur a-mach ‘Moladh Beinn Dòbhrainn’ fa chomhair buille-à-beul an fhir òig ud ann an Eige. Rap a chuireadh moladh air a’ Ghàidhealtachd, air an dualchas, agus air an dìleab a tha a’ tilleadh.

– Liam Alasdair

Coimhead air gailearaidh dhe na seann laoich rap o na linntean a dh’fhalbh:

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach