Gàidhealtachd Bhulgaria

unnamed-2

© Maria Ioveva

Chuir mise seachad mìos as t-samhradh a’ siubhail feadh Bhulgaria, am fìor ear-dheas na h-Eòrpa. Tha Bulgaria furasta gu leòr a ruigsinn, is iomadach itealan ‘buidseatach’ a tha a’ dol gu costa a’ Chuain Dhuibh no chun nam bailtean as motha. Bha mi fhìn gus cola-deug a chur seachad ag ionnsachadh Beurla do chlann Roma gun phàrantan, còmhla ri carthannas anns a bheil mi sàs san oilthigh.  Bha sinn uile stèidhichte ann an Veliko Tarnovo anns na beanntan mu thuath, a’ fuireach còmhla ri cailleach chòir aig nach robh facal Beurla.

‘S e baile àlainn a th’ ann an Veliko Tarnovo, ‘s bha i uaireigin dhen t-saoghal na phrìomh bhaile air Ìompaireachd Bhulgaria. Tha caisteal mòr an cois na h-aibhne a chaidh a chàradh leis na Comannaich. Tha am baile ga lasadh suas air an oidhche is mholainn dhol a choimhead air na solais seo a tha dìreach eireachdail. Tha slèibhtean uabhasach timcheall a’ bhaile le slighean son luchd-coiseachd. Shreap mi fhìn ’s mo charaid bho Veliko Tarnovo chun an ath bhaile, Arbanasi, a bha loma làn eaglaisean is taighean-manaich àlainn. Am broinn nan togalaichean seo, tha na ballachan air an còmhdachadh le dealbhan air a bheil dathan boillsgeach, cha mhòr coltach ri graffiti, a’ comharrachadh sgeulachdan bhon Bhìoball.

Bha mo chridhe trom a’ fàgail Veliko Tarnovo – na sgoilearan againn gu h-àraid. Bha a’ chlann tapaidh is deònach ionnsachadh, agus, ged a bha cuid dhiubh ciorramach, bha deagh fhios aca gum feumadh tu Beurla gus soirbheachadh ann am Bulgaria an là an-diugh. Tha ceist ri fhaighneachd, ge-tà, dè cho feumail ’s a tha na carthannasan oileanach seo a bhios gad chaitheamh am measg clann bheaga gun phàrant son treiseag bheag, gun diù dhan droch bhuaidh a dh’fhaodadh tighinn às.

Co-dhiù, b’ fheudar dhomh falbh gu Plovdiv, dàrna baile na dùthcha. Tha Plovdiv air a thogail eadar seachd bhruthaichean, coltach ris an Ròimh. Bidh sluagh an àite ag innse sgeòil gur i Plovdiv am baile as sine san Roinn Eòrpa. Le gu leòr làraichean Ròmanach, leithid caisteil, lainn-chluiche agus taigh-cluiche, ’s math dh’fhaoidte gu bheil criomag na fìrinn anns na tha iad ag ràdh! Chuir e iongnadh mòr orm gun robh an seann taigh-cluiche seo, air a chladhach a-mach as an ùir sna 60an, a-nis air a chleachdadh a-rithist son dràma is ceòl. Bha mi greiseag mhath am Plovdiv, a’ fuireach ann an ostail “Hikers” a mholainn glan son cho laghach ’s cho spòrsail ’s a bha an fheadhainn leis an robh e. Choinnich mi ri tè ag obair ann à Èirinn, agus abair fealla-dhà a bh’ againn a’ feuchainn ri còmhradh ri chèile nar dithis sa Ghàidhlig!

A thaobh biadh Bulgaria, ge-tà, chan eil tuilleadh ‘s a’ chòir ri ràdh. Bha a h-uile sgath cho saor, is dh’itheadh tu ann an taigh-bìdh son trì no ceithir a not a h-uile oidhche nam bu mhiann leat sin a dhèanamh. Ach chan eil mòran ri biadh traidiseanta Bhulgaria ach saileadan caran Greugach, no brot is stiubhan feòil a tha ro throm son mìosan an t-samhraidh. Mholainn falbh chun nam margaidhean son mheasan is glasraich ùra, no son criomaig mi-fhallainn thèid dhan bhèicear son banitsa (pigheann le càis feta).

SAMSUNG DIGIMAX A503

Nuair a bha mi air fàs sgìth de Phlovdiv, dh’fhalbh mi air òrdaig suas chun nam Beanntan Rodopaidh, a tha aig crìochan na dùthcha. Bha Beurla aig an fhear a thug lioft dhomh is bha e air a bhith an Alba son an oilthigh. Na b’ iongantaiche buileach, bha e cuideachd a’ seinn na pìoba! Bha e os cionn Fèis Phìoba Rodopaidh agus, leis gun robh mi fhìn ag obair air a’ phìob nuair a bha mi san sgoil, thug e fiathachadh dhomh falbh air chèilidh air an sgìre Smolyan. Dh’fheuch mi fhìn air an ionnsramaid, a tha dèante fhathast le craiceann caora no gobhair, ach cha deach ro mhath leam. Tha aon dos aig pìob Rodopaidh, tagsa ri pìob Bhulgaria fhèin aig nach eil dos sam bith. An fhìrinn innse, cha toil leam idir gleadhraich na pìoban gajda seo – tha iad ro bhinn, ‘s chan eil doimhneachd anns an fhuaim. Shaoil mi nach robh iad ach coltach ri sgreuchail na geòidh a bhios aig pìobairean òga ùra – ach cha robh mi a’ dol a ràdh sin ri mo charaid ùr! Bha e fhèin cho dèidheil air Alba, is bha e cinnteach às fhèin gun e Gàidheil a bh’ anns na daoine aige fhèin cuideachd. Leis gun robh e air tilleadh chun nam beanntan gus obair air urras fearann coimhearsnachd, ‘s dòcha gun robh e ceart an sgìre aige ainmeachadh mar Ghàidhealtachd Bhulgaria!

Dhìrich mu suas a’ bheinn a bha os cionn a’ bhaile Stikal, cliathaich na beinne làn chraobhan a chuir na Sovietaich. Chunna mi tobhta aig mullach na beinne is chaidh mi ga h-ionnsaigh. Abair gun do chlisg mi nuair a leum triùir chon mòr fiadhaich a-mach às an tobhta, eagalach a’ chofhurtaich. Choisich mi gu slaodach air falbh bhuapa ach thug am fear as motha dhiubh greim às mo chas. Uill, b’ fheudar dhomh an uair sin coiseachd dhachaigh le fuil a’ taomadh às. Is mo nàire, agus oidhche air tuiteam, thug mo charaid ùr orm sgrìob a ghabhail dhan ospadal a chionn ’s gun e cù-seilge a bha air mo bhìdeadh. Agus, mo bhusan air dhol sgàrlaid ag innse seo, sin mar a landaig mise ann am pàipear-naidheachd ionadail na sgìre fon tiotal – RURAL DOG BITES STUDENT FROM OXFORD!

Nàire nis gam shiabadh air falbh o shiorrachd Smolyan, rinn mi mo rathad gu Ardino, le seòladh nam phòcaid a thug cuideigin dhomh an Veliko Tarnovo. Bha i air iarraidh orm coinneachadh le bith-eòlaiche an Ardino aig an robh PhD bho Aimearaga, ach a thill dhachaigh chun an tuathanais aige. Bha am bith-eòlaiche seo dom b’ ainm Rady gu math còir rium, is fhuair mi deagh feed aige, leithid càisean is iogartan searbh bho na gobhair aca. Chuir mi seachad oidhcheannan fada ag òl mastika ’s a’ bruidhinn mu saidheans còmhla ris fhèin ’s ri chàirdean san cafaidh aca (an rùm-beòil aca, cha mhòr coltach ri ‘bothan’ Gàidhealach!). Ach a dh’aindeoin sin, ’s e baile Muslamach a bh’ ann an Ardino, is b’ e Turcais ciad chànan an t-sluaigh. Là bha seo, shreap an dithis againn suas a’ bheinn a bha os cionn a’ bhaile, ‘s aig a’ mhullach bha clach Thessolianach, le sgròbladh de dh’aibidil sgrìobhte air nach d’fhuair duine ciall às riamh. Ach ’s e caractar a bha ann an Rady is thug e orm tàileasg a chluich na aghaidh fad an fheasgair aig mullach na beinne seo. Chaill mise a h-uile turas!

An stail fhathast mum chas far an tug an cù greim às, bha an t-àm ann Ardino fhàgail is falbh a Sofia, prìomh bhaile na dùthcha, gus trèan fhaighinn gu Serbia. Ach ’s e sgeulachd son là eile a tha sin!

– Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach