Gàidheil Albannach aig Féile na Gealaí | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

Bha tiocaidean an-asgaidh a’ dol aig Féile na Gealaí – fèis-chiùil Ghaeilge – do Ghàidheil na h-Alba gus na bannan a neartachadh eadar Gàidheil òga dà thaobh Sruth na Maoile. Seo Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, a fhrithealaich an fhèis, ag aithris.

Fèis iongantach aca an Èirinn a-rithist is Féile na Gealaí seachad airson bliadhna eile. Gach bliadhna bidh an fhèis seo a’ toirt spionnadh is brosnachadh dhuinn uile a bhios an làthair, ach cuideachd is gort an coimeas eadar nas urrainn dhaibh a dhèanamh ann an Èirinn agus an saoghal a th’ againne ann an Alba. Ma gheibh iad an cothrom, mholainn do gach neach-labhairt na Gàidhlig a dhol dhan fhèis seo airson faicinn dhaibh fhèin cho nàdarra `s a tha e do luchd òga na Gaeilge an cànan sin a chleachdadh airson fealla-dhà, spòrs is craic a ghabhail fad an latha is fad na h-oidhche. Am bliadhna bha sinn fortanach gun d’ fhuair buidheann de luchd-labhairt na Gàidhlig an cothrom a dhol ann. Bha co-dhiù ceithir daoine deug againn, gun luaidh air Niteworks iad fhèin a bha a’ cluiche Oidhche hAoine!

© Féile na Gealaí

Mura h-eil sibh air cluinntinn mu dheidhinn Féile na Gealaí, `s e fèis bheag Ghaeilge a th’ ann a thèid a chumail sa bhaile bheag annasach Ráth Chairn ann an Conntaidh na Midhe. Chan fhada an t-àite bho Bhaile Átha Cliath, mu uair a thìde, is mu dhà uair bho Bheul Feirste, agus le sin `s iongantach dha-rìribh gu bheil Gaeilge cho làidir aca fhathast san sgìre. Gidheadh, mhìnicheadh eachdraidh shònraichte an àite an t-adhbhar air an sin. Chaidh am baile a chruthachadh sna 30an le Éamon de Valera nuair a thàinig sluagh à Conamara air rotharan gu Baile Átha Cliath gus iarraidh air an Taoiseach talamh torrach a thoirt dhaibh. B’ adhbhar, ars iad, gun robh iad ann an Conamara sa chiad àite gun do chuir Cromwell a-null iad! Co-dhiù no co-dheth, fhuair iad an talamh, ach cha robh muinntir an àite, `s dòcha, cho toilichte le sluagh às a’ Ghàidhealtachd a’ gluasad a-steach is a’ gabhail sealbh air cuid den talamh aca. Ma dh’fhaoidte gur ann mar thoradh air sin a tha an uimhir dhiubh fhathast a’ cumail ris a’ Ghaeilge!

© Màrtainn Mac a Bhàillidh

Co-dhiù, thòisich cùisean gu math mì-ghealltanach dhuinne a ràinig an t-àite caran tràth sa mhadainn às dèidh turais mhì-shealbhaich gu ruige Phreastabhaig, air sgàth stailce aig Port-adhair Ghlaschu. Cho luath `s a bha na teantaichean againn shuas ann am Pobal na mPuball, thòisich an dìle-bhàite a bha na sgòthan dorcha a’ bagairt. Rinn sinn an aon rud a b’ urrainn dhuinn ann an suidheachadh mar sin, chaidh sinn a dh’fhaighinn fasgadh sa phub ann am Baile Átha Buí! Pinnt no dhà den stuif dhubh a-steach, `s drama Powers airson neart, chaidh sinn a-mach `s dè fhuair sinn ach a’ ghrian a’ dearrsadh! Leis an oidhirp a chuir na h-eagraichean a-steach don fhèis, bha iad airidh air cothrom na Fèinne a thaobh na h-aimsire.  Tha iadsan, Edel, Hannah Rua, Éanna is Tadhg, am measg eile, a chuireas an fhèis air dòigh agus muinntir Ràth Chairn fhèin, a tha cho blàth is càirdeil, airidh air tòrr molaidh.

Bha feadhainn againn ann roimhe, mi fhèin nam measg, ach thug an fhèis buaidh mhòr air an fheadhainn a bha ann airson a’ chiad turas. Bha gu leòr dhuinn cuideachd aig an fhèis ùir Beò san Eilean Sgitheanach o chionn ghreis, agus ged a bha sin brosnachail bhon t-sealladh againn ann an saoghal na Gàidhlig (agus da-rìribh spòrsail, chòrd e rium glan), bho shealladh cleachdadh cànain co-dhiù, cha robh coimeas eadarra. Fad an dà latha is an dà oidhche bha a’ mhòr mhòr chuid a’ bruidhinn as Gaeilge, fiù `s rinne nach robh cho comasach sin sa chànan. Ach rinn sinn a’ chùis le tòrr oidhirp  blas na Gaeilge a chur air ar cuid Ghàidhlig, agus le tuigse is foighidinn bho ar caraidean Èireannach! Nuair a tha thu cleachdte ri beatha an t-Sabhail Mhòir chan eil dòigh nach biodh e drùidhteach an uimhir de dh’òigridh a chluinntinn `s iad a’ cumail ris a’ Ghaeilge fad na h-oidhche ge brith dè bha a’ tachairt, no gu dearbha cho anmoch `s a dh’fhàs e! Nist, chan e ‘s nach eil an cuid thrioblaidean fhèin acasan cuideachd, ach tha e comasach dhaibh fèis mar seo a chur air dòigh is na ceudan de dhaoine a tharraing ri chèile a bhruidhneas Gaeilge fad an t-siubhail.

© Féile na Gealaí

A thaobh a’ chiùil ge-tà, tha mi air cluinntinn iomadh uair aig na h-Èireannaich nach eil iad cho math ‘s a tha sinne air rudan ùra a dhèanamh leis an tradaisean. Bha seo fìor mu na chunnaic sinn am-bliadhna aig an fhèis. Bha e follaiseach gun robh fèill mhòr air Niteworks againne is am measgachadh de dh’òrain tradaiseanta agus nòsan gu tur co-aimsireil. An coimeas riutha, bha na còmhlain Èireannach cha mhòr uile a’ dèanamh òrain ùra sa Ghaeilge ann an stoidhlean gu math eadar-dhealaichte, bho cheòl Meatailt, Hip hop, Indie, seinneadairean Pop, gus an Gangsta Rap aig Kneecap agus an DJ, Dathaí! Tha e uabhasach math an seòrsa stutha seo fhaicinn sa chànan, ma tha thu dèidheil air gus nach eil!, ach `s e Clann Mhic Ruairí an aon chòmhlan a thug seachad ceòl tradaiseanta Èireannach. Ma tha eud sam bith aca rinne is ann a thaobh na dòigh anns a bheil Niteworks, INYAL, WHɎTE, ach cuideachd leithid Beinn Lì, Eabhal, Tide Lines agus Trail West a’ toirt air adhart ceòl agus òrain Ghàidhealach ann an cruth ùr.

`S e seo an ceathramh turas a chumadh Féile na Gealaí is tha am prògram air fàs, is iad a’ frithealadh bhlasan eadar-dhealaichte a thaobh a’ chiùil, ach cuideachd diofar aoisean. Bha Fèis Theaghlaich ann don chloinn, agus cuideachd prògram de rudan tron latha, yoga tro Ghaeilge, co-fharpais eadar Alba agus Èirinn – a’ cluiche Pictionary le òrain Ghàidhealach (a bhuannaich iad-san, mas fhìor, ach `s e fix a bh’ ann!) cabaret LGBTQ+ neònach spòrsail agus REIC, mar a chanas iad, aithris bhàrdachd. Bha coinneamhan aca cuideachd air an t-slighe air adhart don fhèis, a tha fhathast gu math ‘làmh-dhèanta’ is air a chuir air adhart le feadhainn òg dìcheallach dealasach. Gach bliadhna cuiridh iad a’ cheist, “Cuin a bhios Féile na Gealaí agaibh an Alba?”, ach mar a sheall Beò dhuinn, `s e fèis a chur air dòigh dìreach pàirt den strì, feumaidh tu gu leòr dhaoine a lorg a tha comasach, agus deònach, Gàidhlig a bhruidhinn fad 48 uairean de chraic, de dh’òl is de chòmhradh. Ach chan eil teagamh nach tug Féile na Gealaí togail-inntinn agus brosnachadh don fheadhainn dhìcheallaich a dh’fhalbh ga fhrithealadh.

– Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

An bhliain is mó ag Féile na Gealaí go dtí seo

Chruinnigh na céadta duine ó gach cearn den tír le chéile i Ráth Chairn Glas na Mí ag an deireadh seachtaine le haghaidh Fhéile na Gealaí 2019.Ó thús beag in 2016, tá an fhéile cheoil agus champála do na Gaeil ag dul ó neart go neart. Bhí scoth an cheoil le cluinstin ó leitheidí Niteworks Roisin Seoighe, Daithí, Clann Mhic Ruairí, Emma Ní Fhíoruisce , Méabh Ní Bheaglaoich agus KNEECAPSeo chugaibh blaiseadh beag den chraic agus den cheol ó Féile na Gealaí 2019Hannah Rua Edel Ní Churraoin Éanna Ó Cróinín Caoimhe Ní Chathail John Prendergast Ciara Ní É Cara Park Ráth Chairn Glór na nGaelConradh na Gaeilge PEIG.ie NÓS BLOCtg4 MOLSCÉAL Raidió na Gaeltachta (Oifigiúil) Raidió Rí-Rá Raidió Fáilte 107.1FM Raidió na Life Emma Ní Fhíoruisce Roisin Seoighe Tadhg Ó Grífín

Gepostet von Meon Eile am Donnerstag, 20. Juni 2019

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach