Gàidhlig aig Fèisean Dhùn Èideann

A bheil àite sam bith ann an Alba a tha nas trainge na Dùn Èideann anns an Lùnastal?

Tha prògram nam Fèisean loma-làn comadaidh, chuirmean-ciùil agus dràma –  agus tachartasan Gàidhlig nam measg.

A bheil càil agaibh ri cur ris an liosta?  Leig fios dhuinn!

Fèis Dhùn Èideann aig Summerhall

Tha stiùiriche Summerhall, Rupert Thomson, air prògram Gàidhlig a chur air dòigh am bliadhna.  Ann an agallamh còmhla ris an Scotsman, thuirt e, “Tha mi ’n dòchas gum bi seo a’ sealltainn do dhaoine cho domhainn ’s a tha cultar na h-Alba.”

Return-to-the-Voice1-300x300“Tilleadh gu Guth”

7mh – 21mh den Lùnastal, 9f agus 10.30f, Cathair-eaglais Naomh Giles. £13-£15.

Tha am buidheann dràma Pòlainneach, Teatr Pieśń Kozła (Òran a’ Ghobhair), air taisbeanadh ciùil ùr a chruthachadh, ’s iad air brosnachadh fhaighinn bho na seann òrain Albannach a th’ ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.  Ron chuirm fhèin, thèid cuirm-chiùil eile a chumail le seinneadair Gàidhlig diofraichte an làthair gach oidhche.

Barrachd fiosrachaidh agus tiocaidean an seo.

 

Mac-Beathea1-300x300

“MacBheatha”

11mh – 24mh den Lùnastal, an Demonstration Room aig Summerhall. 2f, £9-£12.50

Dithis chleasaichean, aon uair a thìde agus an dealbh-chluich as ainmeile a-riamh a bha stèidhichte ann an Alba.  Ma chaill sibh e aig an Citizens Theatre ann an Glaschu an-uiridh, seo cothrom eile dhuibh. Gabhaibh e!

Tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean an seo.

 

Brùth an seo airson barrachd thachartasan bho phrògram Summerhall a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus ri mion-chànain eile.

Fèis nan Leabhraichean

Chaidh a h-uile tiocaid a reic mar-thà son an tachartais le Aonghas Pàdraig Caimbeul, ach bidh gu leòr eile a’ dol aig Fèis nan Leabhraichean.

Aonghas Dubh“Aimhreit ’s Aithreachas”

Disathairne 9mh den Lùnastal, 2.30f aig an RBS Garden Theatre. £8-£10.  

Bidh Aonghas MacNeacail, Daibhidh Eyre agus Gillebrìde Mac Ille Mhaoil a’ bruidhinn ri Catrìona Mhoireach air bàrdachd agus òrain a’ Chogaidh Mhòir.

Barrachd fiosrachaidh agus tiocaidean an seo.

 

DG & MM“Gael-Lit with International Reach”

Disathairne 23mh den Lùnsatal, 2.30f aig an RBS Garden Theatre. £8-£10.  

Còmhradh agus fealla-dhà le dithis sgrìobhadairean soirbheachail, Donnchadh MacGillìosa agus Màrtainn Mac an t-Saoir.  Ann an Gàidhlig agus Beurla.

Barrachd fiosrachaidh agus tiocaidean an seo.

Cuideachd, bidh Màrtainn Mac an t-Saoir am measg nan sgrìobhadairean a bhios a’ bruidhinn aig tachartas ann am Beurla, Major-Minor: Language and Nations, mu bhith a’ sgrìobhadh ann am mion-chànan.  Disathairne 16mh den Lùnastal, 2f.

 

‘S ann le Doug Whellar a tha prìomh dhealbh an artaigil.  Chaidh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach