Gàidhlig Mhanainneach ann an 10 faclan

Sheachain an t-Eilean Manainneach, no an t-Eilean Seunta mar a chanadh ris ann an seann duan, a bhith air a tharraing a-staigh do dh’Alba mar a’ chuid eile de dh’Innse Gall anns na Meadhan Aoisean, agus cha robh i riamh mar phàirt de dhùthaich eile, no fiù ’s den Aonadh Eòrpach. Chan eil e na iongnadh ma-thà gu bheil na Manainnich a cheart cho neo-eisimeileach a-thaobh cainnt is gu bheil uiread a dh’fhaclan anns a’ Ghàidhlig (no “Gaelg”) aca air a bheil coltas glè àraid is annasach do Ghàidheil Albannach.

 

Ned Maddrel: an dùthchasach mu dheireadh aig an robh y Ghaelg bhon ghlùin

Ned Maddrel: an dùthchasach mu dheireadh aig an robh y Ghaelg bhon ghlùin

1. Moghrey mie (Mochthrath maith)

Madainn mhath.

 

2. scooyrit (= ‘sgùrte’, bhon Bheurla scour)

air mhisg. Nuair a bhios duine air splaoid, canaidh sinn gu bheil e goaill y scooyr (a’ gabhail an sgùir).

 

3. peiagh / peccagh (peacach)

neach, duine. An àite bhith a’ faighneachd ‘a bheil duine sam bith a-staigh?’, canaidh Manainneach ‘a bheil peacach air bith a-staigh?’ (vel peiagh erbee sthie?).

 

4. s’liklee (is “lioclaidh”, bhon Bheurla likely)

is dòcha. Bidh na Manainnich cuideachd ag ràdh ‘is “like” leam’ an àite ‘is toil leam’ (s’laik lhiam).

 

5. cha ’saym (cha ’s a’m)

chan eil fhios a’m.

 

6. Cur dou eh (Cuir domh e)

Cha bhi luchd-labhairt na Gaelg a’ sèimheachadh ‘dhomh’, ‘dhut’, is mar sin air adhart. Agus cha bhi sinn a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar na gnìomharan ‘thoir’ agus ‘cuir’.

 

7. aeg, airh (òg, òr)

Ann an cuid a dh’fhaclan far am faighear am fuaim ‘ò’ ann an Alba is ann an Èirinn, bidh na Manainnich ag ràdh m.e. ‘èg’ is ‘èr’.

 

8. sleih (sluagh)

Ann an Gàidhlig Mhanainneach tha ‘daoine’ (deiney) a’ ciallachadh ‘fireannaich’. Mar sin bidh sinn ag ràdh ‘sluagh’ (sleih) air son ‘daoine’ (a’ ciallachadh buidheann de bhoireannaich is de dh’fhireannaich) mar as àbhaist. Tha am facal air fhuaimneachadh rudeigin mar ‘slaoigh’.

 

9. Mannin (an t-Eilean Manainneach)

Bidh na Gàidheil Albannach mar as trice caran troimh-chèile a thaobh dè chanas iad ri ar n-eilean-ne. ’S e dìreach ‘Manainn’ (Mannin) as cumanta a bhios againne, ach is glè ainneamh a chluinneas tu sin aig bilean Albannach, ged a tha iad toilichte gu leòr a bhith ag ràdh ‘Leòdhas’ an àite ‘Eilean Leòdhais’ no ‘an t-Eilean Leòdhasach’. A-rèir coltais ’s e ‘an t-Eilean Manainneach’ an t-ainm traidiseanta aig na h-Albannaich (tha mi air rudeigin mar ‘an t-Eilean Meanaireach’ a chluinntinn ann an Ìle), ach dhìochuimhnich a’ chuid as motha de na Gàidheil Albannach sin agus ’s e ‘Eilean Mhanainn’ as bitheanta a bhios aca san latha an-diugh, is iad a’ leantainn air pàtran na Beurla, air neo ‘an t-Eilean Mhanainn’, ged nach eil sin a’ dèanamh ciall sam bith a-thaobh gràmair!

 

10. çhengey ny mayrey (teanga na màthar)

an cànan màthaireil. Ainm cumanta a bhiodh aig na seann Mhanainnich air a’ chànan aca. Tha çhengey (teanga) air a ràdh mar ‘teine’. Is beag iongnadh ma-thà nach cluinn thu ‘teine’ a’ ciallachadh rud a loisgeas anns a’ Ghàidhlig Mhanainneach; ’s e aile (a dh’fhuaimnichear mar ‘aigheal’ no fiù ’s ‘aingeal’) am facal àbhaisteach. Mothaichibh cuideachd an ginideach mayrey (‘màthara’ no ‘mèth’ra’ a-thaobh fuaim) a tha aig moir (màthair no ‘mò’ir’ a-thaobh fuaim).

 

Tha Dàna a’ toirt taing do Gille-chrìost MacGill’Eòin airson an liosta seo a chruthachadh. Gura mie ayd!

A bheil dualchainnt sònraichte agad? Am bu mhath leat liosta sgrìobhadh dhuinn? Cuiribh fios thugainn.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach