Gàidhlig Shruighlea

Srui.GàidhSiud sin – mu dheireadh tha na soidhnichean dà-chànanach shuas aig stèisean-rèile Shruighlea, a’ gabhail a-steach an fhir mhòir air a bheil ‘Fàilte gu Sruighlea’. Tha cuimhn’ agam dìreach mun tàinig mi gu Oilthigh Shruighlea as t-fhoghar 2013 gun deach na soidhnichean dà-chànanach suas ann an Drochaid Ailein: b’ ann ag ullachadh air mo shon-sa a bha iad, nach robh? Sruighlea, an sgìre às an do shìolaich a’ Ghàidhlig, nach i?

Siud a shaoil mi an tòiseachd, agus nach mi bha ceàrr.

Dhomh-sa, mar dhuine a fhuair tùs-eòlas air coimhearsnachd na Gàidhlig tro phrospaig Èideanneach (agus sin nam inbheachd), cha do shaoil mi mòran de Shruighlea mar choimhearsnachd bhailteil na Gàidhlig.

Chaidh mi do choinneamh Mheur a’ Chomainn Ghàidhealaich triop as t-fhoghar, gus Gàidheil sgìreachd Shruighlea a choinneachadh, agus nach mi a ghabh an t-iongnadh leis cho pailt ’s a bha iad!

Seadh, rud beag sgapte am measg luchd na Beurla (nach eil sinn uile air a’ Ghalltachd?), ach fhathast le àireamhan an ìre mhath susbainteach. Cha robh fhios agam air an uiread de Ghàidheil a tha a’ fuireach ann an Drochaid Ailein! Mo nàire…

Ach, mo thruaighe, chan ann mar sin a tha an t-Oilthigh, gu mì-fhortanach. Tha fhios a’m gu bheil corra oileanach ann a thàinig às na h-Eileanan mun cuairt, ach tha iad sgapte buileach nas mò ann an cuan mòr na cànain eile.

Bho chionn beagan sheachdainean, thug caraid dhomh naidheachd mu strì chor na Gàidhlig aig Oilthigh Shruighlea anns na 70an. A-rèir coltais, b’ àbhaist gun robh ‘Comunn na Ghàidhlige’ anns an Oilthigh le tuilleadh air 50 ball. Bhitheadh iad a’ cumail chlasaichean Gàidhlig air an robh fèill mhòr .

Dh’fheuch an Comunn fiachail seo ri a’ Ghàidhlig fhaotainn a-steach do churraicealam an Oilthighe. Mar a thachair, ràinig e cùirtean an Oilthighe agus chaidh a dhiùltadh airson grunn adhbharan leithid nach b’fhiach airgead a chosg air cho beag feuma. Ach thuirt cuid den luchd-oibre gur e leth-bhreith an aghaidh mhion-chànain a bha air cùl a’ cho-dhùnaidh.

San aon artaigeal, thugadh iomradh air rùintean nan Làbarach Albannach gus inbhe cho-ionnan a thoirt don Ghàidhlig mu choinneamh na Beurla (mar a th’ aice an-diugh) ann an Alba air fad (’s chan ann dìreach sna h-Eileanan an Iar). A bharrachd, bha iad airson a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach don a h-uile Oilthigh agus anns gach raon foghlaim Albannach.

Aig an àm sin, cha robh ach aon mhionaid de chraoladh Gàidhlig ri fhaotainn air an rèidio gach latha. Uil, chan fhaigh thu a’ Ghàidhlig aig Oilthigh Shruighlea, ach gheibh thu Radio nan Gàidheal fad an latha. Rud beag perspective a tha sin, nach e?

– Liam Alastair Crouse

Share

2 thoughts on “Gàidhlig Shruighlea

  1. Rinneadh rannsachadh air Gàidhlig ann an Sruighlea ann an 2005 (‘Gàidhlig ann an Coimhearsnachd Shruighlea’ le Chas MacDonald) ach tha e coltach nach tàinig an t-uabhas às.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach