Gairm do cheòladairean Albannach : tha forfhais mhath oirbh san Iapan

Bho chionn faisg air mìos, chaidh Joy Dunlop agus Rachel Hair air turas-ciùil don Iapan airson a’ chiad uair a-riamh. Chaidh leotha gu math, agus seo agaibh aithris mu dheidhinn.

Bha nòisean aig Joy — seinneadair Gàidhlig is dannsair-ceum às an Òban— a-riamh turas a ghabhail don Iapan uair no uaireigin, agus cho luath ´s a thug ise agus a caraid  —  an clàrsair Rachel Hair — mun aire gun robh iarrtas gu leòr ann, cha b’ e ruith ach leum dhaibh falbh a-null.

Ged nach robh fios cinnteach aig Joy cò ris a bhiodh e coltach a bhith a’ seinn is a’ cluich is a’ dannsadh air beulaibh luchd-amhairc Iapanach, ʼs e innse na maraig a feuchainn. Rinn i fhèin agus Rachel airson bùthan-obrach a theagasg agus cuirmean-ciùil làn òrain, phuirt is fuinn a thabhann don t-sluagh san dà phrìomh bhaile, Tóiceó agus Osaka. Fhuair iad air an turas a chur air dòigh le taic is cuideachadh bho charaidean Iapanach, agus chaidh a cumail fad seachdain eadar an 8mh agus an 16mh latha dhen Ghiblean.

Tha dàimhean eadar ceòladairean Èireannach ʼs Iapanach stèidhichte bho chionn iomadh bliadhna a-nis, agus tha mòran de na na h-Iapanaich measail air ceòl na h-Èireann — an dà chuid a bhith ga chluich agus ga èisteachd. Dè cho eòlach a-rèiste ʼs a bha na h-oileanaich sna bùthan-obrach agus an luchd-èisteachd aig na cuirmean-ciùil air na puirt ʼs fuinn ʼs òrain Albannach?

buth-obrach Joy

Cha b’fhada gus an tug Joy agus Rachel an aire gun robh na h-Iapanaich fiosrach air an ceòl-san cuideachd, agus ged as dòcha nach robh iad mion-eòlach air na faclan Gàidhlig, ʼs ann a bha iad ro dheònach feuchainn orra. Thuirt Joy rium gun robh e ʼna adhbhar iongnaidh dhi cho luath ʼs a thog a cuid oileanaich na sèistean Gàidhlig a dh’ionnsaich i dhaibh.

Bha mi fhìn fortanach cothrom a bhith agam a dhol a choimhead air ceann-finid an turais aca: cuirm oidhche Dhòmhnaich, 16 Giblean, ann an Tóiceó. Bliadhnaichean air ais, dh’èist mi ri Joy a’ seinn Calum Sgàire ann an guth cho binn, tiamhaidh ʼs a shaoileadh tu comasach, agus b’ e sin a bha ʼnam chuimhne nuair a rinn mi suidhe ro thoiseach na h-iomairt.

Cha b’ fhada gus an do thuig mi, nach b’ e èisteachd a-mhàin a dh’fheumte airson luach a chur anns an t-seinn aig Joy. Dh’fheumainn coimhead air a h-aodann aig an aon àm, oir bha a h-aodann a’ cur brìgh nan seann òran Gàidhlig an cèill le mòr dùrachd eadar ʼs gum b’ e bròn bean-uasail a chaill a leannan, no aighear is gàire nam port-à-beul sunndach air an lìbhrigeadh ann an Gàidhlig spreigearra, grinn.

Bha clàrsaireachd Rachel pongail agus chòrd e rium a bhith ag èisteachd ris a’ chlàrsach fo dhuan mar chompàirt do sheinn Joy a cheart cho math ʼs a chòrd a’ chlàrsach fo fhonn rium. Cha b’ e fiù ʼs a’ chlàrsach aice fhèin a bha i cluich, ach cha mhothaicheadh tu do sin cho sgileil ʼs a bha an spioladh aice air na teudan. Bha aon de na puirt a rinn ʼs a rèitich i caoin, drùidhteach, agus aonan eile beothail, fonnmhor.

ard-urlar

Nise, bheir mi iomradh air na dannsaichean-ceum a rinn Joy. Fhad ʼs a bha i a’ dèanamh sùrdagan air an làr rinn mi iolach mar a tha sinn dualtach dèanamh aig seiseanan ciùil no cèilidhean gus an ceòladair, seinneadair no dannsair a bhrosnachadh. Uill, fhuair mi a-mach aig dealbh-chluich Kabuki bho chionn ghoirid, gu bheil e ʼna chleachdadh aig luchd-amhairc an-sin iolach a thogail mar chulaidh-brosnachaidh do na cleasaichean. Canaidh iad ‘ieru’ – bhon Bheurla ‘yell’ – ris an t-seòrsa èighe seo.  Is iongantach na co-choltasan a thig am bàrr eadar cultaran eu-coltach nuair a nithear beagan rùrachaidh fon uachdar.

 

Gabhaidh sùil a thoirt air fear de na bùthan-obrach aig Joy leis a’ bhideo seo shìos:

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach