‘Gairm nan Gàidheal’

Tha Iain Beggs a’ toirt iomradh air pròiseact sònraichte a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a thòisich a’ Chiad Chogadh, ‘Gairm nan Gàidheal’.

Seaforth Highlanders Memorial at Sunken Road - Fampoux - Pas-de-Calais - France

Thairis a’ Mhàrt bha Pròiseact nan Ealan (PnE) a’ ruith sreath de thachartasan iongantach sna h-Eileanan an Iar bho Bharraigh gu sgìrean an Tairbeirt, Chàirinis is An Rubha. B’ e Uibhist a Tuath is an Rubha na tachartasan mu dheireadh a chaidh a shealltainn (27mh-29mh Màrt).

Air tàilleibh ’s gum bheil mi ag obair aig PnE bha mi an sàs anns na h-oidhcheannan a bha seo is mus sgrìobh mi sìos aithris air na thachair tha mi airson beagan fiosrachaidh a thoirt dhuibh air dè tha ann an ‘Gairm nan Gàidheal’.

Gu sìmplidh ’s e sreath de dhealbh-chluichean agus taisbeanaidhean ann an còig coimhearsnachdan sna h-Eileanan Siar a tha a’ comharrachadh ceud bliadhna on a thòisich a’ Chiad Chogadh. Airson nan dealbh-chluichean chaidh còig sgrìobhadairean a thaghadh gus sgriopt a chruthachadh a bha a’ sealltainn sgeulachdan na sgìre. Airson fear an Rubha b’ e Chrisella Ross an sgrìobhadair agus Alison Lang a rinn fear Uibhist a Tuath.

A’ coimhead air na sgrioptaichean agus cò bha an sàs annta bha e follaiseach bhon toiseach gun robh fear An Rubha a’ dol a bhith aig ìre proifeiseanta, an coimeas ris an fhear Uibhisteach ach bruidhnidh mi air sin a dh’aithghearr. Air aon làimh, mar a thubhairt mi, bha an sgriopt air a sgrìobhadh leis an sgrìobhadair Ghàidhlig Chrisella Ross. Air an làimh eile chaidh iarraidh air luchd-proifeiseanta mar Daibhidh Walker is Maighread Stiùbhart, agus ma thig iadsan còmhla tha cinnt ann gum bheil rudeigin math a’ dol a bhith agad, is gu fortanach b’ e sin na thachair.

Ann an Nach Fuar am Poll, ’s e an t-Earrach 1922 a th’ ann. Tha trì bliadhna ’s còrr bho thill Dòmhnall às a’ Chogadh Mhòr.  Chan eil e a’ dèanamh mòran bruidhne air a’ chuairt ach bu toil le a bhràthair Calum cluinntinn cò ris a bha a’ chùis coltach.  Air tàileabh ’s nach e critique a tha seo, is mi an duine mu dheireadh a nì rud den t-seòrsa, chan eil mi ach a’ dol a dh’innse dhuibh an dà rud a sheas a-mach, nam bheachdsa, bhon oidhche.

Anns a’ chiad dol a-mach bha an sgriopt air leth math. Bha e buadhmhor, furasta ri thuigsinn agus bha e gad tharraing a-steach, obair mhath dha-rìribh do Chrisella oir tha i airidh air. An dàrna rud a dh’fhuirich nam chuimhne bhon oidhche b’ e cho math a chluich Daibhidh Walker an caractar aige. Chan fhaca mise a-riamh Daibhidh a’ cluich caractar nach robh aig bun a h-uile cleas, chan fhaighinn seachad air ìomhaigh PC Alasdair Stiùbhart ach dh’atharraich seo air oidhche an Rubha. Bha e a’ cluich cuideigin le PTSD agus bha an dòigh a làimhsich Daibhidh an caractar air leth math. Bha e cho làn fhaireachdainn nach ceasnaich mi a-rithist an ìre sgil cleasachd a tha aige.

A-nis am fear Uibhist. Cha robh “rionnag” sam bith ri fhaicinn. Cha robh cus gleans is coltas snasail air. Bha e gu tùr eadar-dhealaichte ri fear an Rubha ach dh’obraich e. Bha rudeigin àraid mu dheidhinn. Dh’fheumainn aideachadh, is e Barrach a th’ annam ’s mar sin cha chluinnear seo tric bhuam, ach rinn na h-Uibhistich sgoinneil. Chan urrainn dhomh Sgioba Dràma Uibhist a mholadh gu leòr. Ged nach e proifeiseantaich a th’ annta bha iad ceart cho math ri Walker is Stiùbhart, ach chan e dìreach na cleasaichean a bha trang ag ullachadh airson na h-oidhche, tha mi cinnteach gun do nochd cha mhòr daoine às gach baile aig aon àm air choireigin gus cuideachadh a thoirt seachad agus b’ e dhà-rìribh fìor dhealbh-chluich na coimhearsnachd a bh’ ann.

Ma dh’fhaighneachas tu dhìom cò am fear as fheàrr chan urrainn dhomh taghadh a dhèanamh. Mas e dealbh-chluich proifeiseanta a bha sibh an dùil ri fhaicinn b’ e An Rubha a rinn an gnothach air, ach mas e dealbh-chluich a bha a’ sealltainn coimhearsnachd ag obair còmhla ri chèile b’ e na h-Uibhistich a thug a’ bhuaidh a-mach.

Seaforth

– Tha Iain Beggs ag obair aig Pròiseact nan Ealain an-dràsta mar oifigear margaidheachd air sgeama ceumnach. ’S ann à Barraigh a tha Iain agus nochd e fhein ann an treas dealbh-chluich san t-sreath seo, “Cutadh agus Cogadh”, ann am Barraigh.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach