Gaoir a’ Ghriogalachain | WHɎTE

A’ Chiad Phàirt de aiste lèirmheasach le Marcas Mac an Tuairneir
whyte

Air a’ Mhegabus eadar Dùn Èideann is Inbhir Nis an latha eile fhuair mi cothrom, mu dheireadh thall, an clàr as ùire aig Alasdair MacIlleBhàin a chluinntinn. A’ dol seachad air dealbh-tìre geamhradail na Gàidhealtachd, cho lom is bàn, le craobhan fhathast ruisgte a’ feuchainn ri dòchas beag nan duilleagan glas a bhlàthachadh, b’ e an ceòl ionmhalta seo an dearbh rud a bha a dhìth orm, fad an t-siubhail.

Mar a bhiodhar an dùil bho cheòl Alasdair, tha an clàr seo na fìor-leasan ann an seinn tradiseanta, le fuaimneachadh Muileach gun smàl is na h-òrain gu lèir gan toirt seachad le faireachdainn is tuigse air an cuid eachdraidh. A dh’aindeoin brìgh na seinn, ge-tà, ’s e ceòl ùr-nodha a tha seo, san dà-riribh, is an com-pàirteachas cruthachail eadar an dithis MhacIlleBhàin air a bhith cho  soirbheachail sa ghabhas, san dòigh a chuireas iad ceòl Gàidhealach mu choinneamh luchd-èisteachd ann an co-theags ùr a-rèir leasachaidhean nodha ann an teicneòlas-ciùil.

Ma thathas an dùil ri fìdhlean is fideagan air a’ chlàr seo, chan fhaighear sin gu bràth, ach dealbhan-tìre fuaimneil, làn suathachadh is sruth, is fuaimean innealach an tràtha cho-aimsireil nam measg. Tha Ross Whyte air cleas cliobhair a chleachdadh le guth a cho-cheòladair, a tha, uaireannan, cho dlùth ris an neach-èisteachd gum fairich thu Alasdair a’ cagarsaich nad cluais. Aig àmannan eile, ‘s ann mar a tha an t-seinneadair a’ gabhail òrain aig cùl uaigh dhomhainn, a’ toirt cuimhne orm an clàr ‘Uamh an Òir’ bho Glen Lyon – gun teagamh tha dìleab Mhàrtainn Bennett sa chlàr seo.

A dh’aindeoin sin, tha nòs aca fhèin, air feadh a’ chlàir, is tha lomnochd sa cheòl seo, nach cluinnear gu tric an ceòl Mhàrtainn, ged an comas a dhèanamaid, mar luchd-èisteachd, san dòigh a tha ceòl didsiteach ga mheasgachadh le òrain na Gàidhlig. San dà-rìribh, sa chlàr air fad, tha prìomhachas air a thoirt dhan ghuth is dha na h-òrain, is gach rud eile ga chur air dòigh gus sin a fhreagradh.

Ann an dòigh ’s e cùis cha mhòr acadaimigeach a tha sa chlàr seo is ceòl nach leum às a’ chlàr, bhon chiad èisteachd. Feumar èisteachd ris gu dlùth, a-rithist is a-rithist, gus grèim-tuigse fhaighinn air doimhneachd is farsaingeachd  na tha dol air adhart ann an gach òran. ’S an dòigh seo, tha an clàr gu lèir mar thaisbeanadh nua-ealain, leithid a gheibheadh tu ann an taigh-tasgaidh airson Duais Mhic an Tuairneir. Mar sin, tha nàdar ‘curation’ air; facal a chluinneas tu gu math tric air saoghal nan ealan, san là an-diugh.

Chan e guth Alasdair a chluinneas tu gu mòr air an òran ‘Fairich’ fhèin, ach sreath seann-chlàran, leithid na th’ aig Tobar an Dualchais is gach fear ga thaghadh le cùram, gus am fighe a-steach dhan raon-claistneach ga cruthachadh aig Ross. Ma ’s aon rud a tha na chnag na cùise, ’s e sgeulachd, eachdraidh is aithris, is gach fuaim is facal ga chur air dòigh, gu faiceallach, gus na rudan sin a thoirt seachad.

B’ e rud a bhuail orm fhad ‘s a bha mi siubhal an cuideachd an dithis seo, an drùidheadh a thug an ceòl ùr seo orm. ’S e cumhachd fìor òran Gàidhlig air a dheagh ghabhail na deòir a thoirt air an luchd-èisteachd, is b’ e sin a thachair, dhòmh-sa co-dhiù, gu ciad òran a’ chruinneachaidh; Gaoir nam Ban Muileach.

’S aithne dhomh glè mhath an t-òran, o ghabh mi fhìn e, no co-sheirm, dheth an cuideachd Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis aig Mòd an Òbain ann an an 2015. Aig an àm sin, b’ ann le Magaidh Dhòmhnallach a bha ciad rannan na h-òrain is i na sheinneadair eile aig an robh smachd air a luchd-èisteachd. San dòigh sin, ’s mi ag èisteachd ri tionndadh Alasdair dheth, cha b’ urrainn dhomh ach Magaidh a chluinntinn, is i ga ghabhail còmhla ris, nam cheann. Gu dearbh, tha comas aig Alasdair fhèin air an òran, is e air toirt buaidh a thuigse fhèin air an taisbeanadh a thug e seachad, sa chlàr. Mar a ghabhadh Magaidh an dàrna slighe, gabhaidh Alasdair slighe eile, mar as nòs do sheinneadair air a bhogadh anns an traidisean Ghàidhealach.

Mar sin, tha mi toilichte gum faigh luchd-èisteachd ùr don Ghàidhlig cothrom eile an t-òran a mhealadh tron chlàr aig Whyte, mar a fhuair luchd-èisteachd is seinneadairean a’ Mhòd, sealladh ùr air, cuideachd, sa cho-sheirm a rinn Màiri Anna NicUalraig dheth, le coimisean bhon Chomunn airson co-fharpais MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn. Ann an 2015 chuala mi feadhainn de na h-òranaichean as cliùtiche ’s a th’ againn, san là an-diugh, ga ghabhail, nam measg Joy Dunlop le Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu is Fiona Ross, còmhla ri Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn. B’ e rud cumhachdach a bha sin; seann-òran beag cluinnte fad ùine mhòr ga ath-bheòthachadh airson na linne ‘s a tha sinn beò. ’S e sin an dearbh rud a rinn Whyte dheth cuideachd.

Tha Marcas Mac an Tuairneir na thagraiche ollamhachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha ùidh aige ann an litreachas is dràma na Gàidhlig, teòraig cuèir, iar-cholonachd is feimineachas.

Tha e air dà leabhar bhàrdachd a sgrìobhadh – Deò (2013, Grace Note Publications) is Lus na Tùise (2016, Clò a’ Bradain) a tha ri fhaotainn bho ghrunn bhùithean is rèiceadairean air-loidhne.

Gheibhear Fairich le WHɎTE aig whytetheband.bandcamp.com

Share

One thought on “Gaoir a’ Ghriogalachain | WHɎTE

  1. Pingback: Gaoir a’ Ghrioglachain | Màiri Anna NicUalraig |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach