Gaoir a’ Ghrioglachain | Màiri Anna NicUalraig

bho maryannkennedy.co.uk

bho maryannkennedy.co.uk

Tha Marcas a’ toirt dhuinn an dara pàirt den aiste lèirmheasach smaoineachail aige le sùil air pròiseactan ùra Màiri Anna NicUalraig.

Leugh a’ chiad phàirt an-seo

Às dèidh Inbhir Nis a ruigsinn, seachdain roimhid, bha mi an cuideachd na còisir a-rithist le dreuchd shònraichte eile romham, is b’ e sin clàr a dhèanamh airson cruinneachadh ùr Màiri Anna NicUalraig.

Fad dà bhliadhna is còrr, tha i fhèin air bhith gu math trang, a’ cur dà chlàr ùr air dòigh is iad an dà clàr a rinn i fo a sgèith fhèin, gun a bhith an urram a chompàirteachadh le cuid eile, leithid Charlotte Petersen no na Seòid. Ann an ùine ghoirid, thig a’ chiad fhear a-mach, is mi cinnteach gum bi an aon iongantas tlachdmhor ‘s a bha ro luchd-èisteachd Whyte.

Airson ’An Dàn’, tha Màiri Anna air ceum a thoirt air falbh bho thraidisean nan òran, gus ùr-shealladh a thoirt air traidisean co-shinte na bàrdachd. Gus ceòl a chur ri gach dàn na roghainn, tha Màiri Anna air loidhne a dhealbhadh bho eachdraidh an 19mh linn gus an là an-diugh, gus dàin bàird beò is nach maireann a chleachdadh, le Aonghas MacNeacail, Aonghas Phàdraig Caimbeul, Dòmhnall Meek is “am Bàrd Beag” fhèin nam measg.

Mar sin, tha mi air bhith fortanach ro-shealladh fhaighinn air a’ phròiseas chruthachail aig Màiri Anna is sinn a’ bruidhinn ann an doimhneachd mu dhèidhinn brìgh nam faclan fhèin is a’ bhuaidh a thug iad oirre mar neach-leughaidh is neach-ciùil. Sheinn a’ chòisir co-sheirm den tionndadh aice air an dàn aig Caimbeul – Gràdh Geal mo Chridhe – aig Mòd Inbhir Nis is aig Fèis Blas, an-uiridh, is fhuair Trosg is Siabann cothrom ar cuid ghuthan a chur ris an òran seo, is òran no dhà eile, ann an stiùidiothan Watercolour san fhoghar.

Mar bhàrd, ’s e an t-urram as motha, is buaidh gu leòr aig do chuid obrach air cuid eile is e no i airson an tionndadh aca fhèin a dhèanamh dheth. San aon dòigh a rinn Whyte leis na h-òrain traidiseanta aca-san, ’s e ath-bheòthachadh a bheir Màiri Anna air a’ chùis is dàin gan toirt gu luchd-èisteachd gur tur eadar-dhealaichte, aig nach eil ùidh, ma dh’fhaoidte, ann am bàrdachd idir.

A gabhail ceò fois còmhla ri dithis bana-bhall den chòisir, bhruidhinn sinn air ath-chraoladh a’ phrògraim ‘Co-sheirm’ air BBC Alba, is taisbeanadh a rinn a’ chòisir còrr is deich bliadhna air ais. Lag a’ gaireachdainn air stoidhlean-fuilt nan làithean sin, bha blas bròin sna guthan cuideachd. “Chunnaic mi trup no dhà e,” ars tè dhaibh, “ach cha do chòrd e rium fhathast.” Gu dearbh, tha e doirbh cuid a chaidh às an rathad san eadar-ama, is Magaidh nam measg, fhaicinn mar a tha iad beò ach a-mhàin ann an technicolor. ‘S e cialanas geur a dh’fhàgas sin sa chridhe, nach tuig, is dòcha, ach muinntir na còisir gu ceart. Daoine a thig còmhla gu cunbhalach gach seachdain gus òrain is naidheachdan a chompàirteachadh, gus ciall a chur air farsaingeachd dhuilgheadasan a bhiodh ro shluagh sam bith ma ‘s còrr is tricheadnear na shàs. ‘S e ‘teaghlach’ facal a chluinneas tu gu math tric an co-theags nan còisir. Teaghlach, le buill de h-uile seòrsa dualchais is dual-chainnt, gan aontachadh fo sgiath a-mhàin, dèante bho dhuilleagan scòr nan co-sheirmean cuirte romhainn is roghnaichte, bliadhna air bhliadhna.

Ma ’s e Magaidh a bha còmhla rium air an t-siubhal suas, ’s i bha còmhla rinn uile air an oidhche, oir, leis an òran mu dheireadh a chlàr Màiri Anna son a’ chruinneachaidh gun dèan i, agus mi fhìn, cuimhneachadh air a co-ogha is co-sheinneadair. Thuigeadh duine sam bith, a’ bhuille a bheir bàs do choimhearsnachd bheag, mar a th’ againne, is an t-iongnadh is am bròn ga fhàgail sa bheàrn. Dhòmh-sa dheth, cha d’ fhuair mi cothrom stem a dhèanamh dheth ach trom fhaclan fhèin. Dh’fhosgail mi mo choimpiutair-uchd is sgrìobh mi ‘Grioglachan’ o thoiseach gu crìch, gun stad, gun sgur. Ach ‘s ann mar sin, a tha sgrìobhadair, mar a tha seinneadair no ceòladair, fortanach, gu bheil an comas sin aca is an cothrom sin ar cuid faireachdainnean a spìonadh o chèile is a sgrùdadh, air an duilleig, san toirt seachad, san ath-èisteachd.

Caimbeulaich Gribe (2011) 02 - Kenna agus Seamus Caimbeul, Magaidh NicDhòmhnaill - Tha buaidh mhòr aig bàs Magaidh air Coisir Inbhir Nis fhathast

‘S cinnteach gur e ath-èisteachd a nì luchd-èisteachd ris a’ chlàir ùir aig Màiri Anna. A’ dèanamh coimeas eadar sin is obair Alasdair, tha eadar-dhealachas ann, gu dearbh. Alasdair, a’ taisbeanadh seann-òrain gus ath-chluinntinn a thoirt oirre tro bhith gan ath-dhèanamh, a’ cleachdadh meadhanan an tràtha didsitich. Màiri Anna, a’ cruthachadh òrain ùra, bho fhreumhan sgrìobhte ùra, fiù ‘s ùr-sgrìobhte, mar Ghrioglachan, le beachd air a’ phròiseact.

Mar a tha loidhne dìreach ga tharraing tro oeuvre ùr Alasdair, gabhaidh cruinneachadh Màiri Anna stoidhlean seinne is ceòl de gach seòrsa. Ann an còmhraidhean, tha Màiri Anna air bhith faiceallach ainmeachadh an clàr seo, mar chlàr ùr-nodha, fiù ‘s mar chlàr pop, gus ceum air falbh a ghabhail bho na freumhan domhainn aice ann an ceòl traidiseanta. Gu dearbh, tha pop ri cluinntinn anns na h-òrain is beagan country, cuideachd. Tha feadhainn eile aig a bheil blas soul is jazz. Ach ‘s e loidhne a tharraingeas Màiri Anna tron chùis, loidhne lùbach le fuinn mòra, a ghlacas an èisteachd sa bhad, leithid a chluinnear anns an òran co-sgrìobhte aig Dòmhnall Meek, ‘Iain Againn Fhìn’, a nì comharrachadh air cinneach dha, a dh’fhulaing ‘turas na truaighe, bha gun bhuinnig, gun bhuannachd’ fad a’ Chiad Chogaidh.

Mar sin, ma ’s urrainn dhomh ceangal a stèidheachadh eadar farsaingeachd an dà phròiseict cruthachail ‘s an dàimh eadar dìleab is tionnsgalachd. Mar a tha Alasdair a leigeil seann-òrain anail ùr a tharraing is Màiri Anna a’ toirt deò bheatha fhèin air bàrdachd na cadail air sgeilpichean an leabharlann. ‘S e sin a rinn Magaidh, cuideachd, a’ brosnachadh cloinne san t-seòmar-sgoile, is mu dheireadh, a’ tarraing òrain a-mach à gach seòrsa dhuine, mar a bha i an sàs ann am iomairt nam fèisean. Co-dhiù no co-dheth, eadar an dà chlàr aig Whyte is Màiri Anna, ’s e samhla den aon seòrsa brosnachaidh a thaobh ceòl na Gàidhlig a tha seo, is comas a cuid thosgairean rudan ùra fheuchainn, gun nàire no fiù ‘s gun aire do thraidisean, ga cleachdadh fhathast, uaireannan, mar bhannan-cuinge do chruthachadh. Leis an dàimh eadar Alasdair is Ross agus eadar Màiri Anna is sluagh mòr luchd-ciùil a bha an sàs sa phròiseact aige – leithid nan gaisgeach Finlay Wells is Chaz Stewart – thig rudeigin eile gu follais, cuideachd. Luchd-ealain den leithid a ghabhas buannachd dàimhean ùra a chruthachadh eadarra fhèin, càirdeas a chomharrachadh tro chruthachadh, is dìleab fhàgail do chuid a nì cnuasachadh air an cuid ciùil, san àm ri theachd.

  • Tha Marcas Mac an Tuairneir na thagraiche ollamhachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha ùidh aige ann an litreachas is dràma na Gàidhlig, teòraig cuèir, iar-cholonachd is feimineachas.
  • Tha e air dà leabhar bhàrdachd a sgrìobhadh – Deò (2013, Grace Note Publications) is Lus na Tùise (2016, Clò a’ Bradain) a tha ri fhaontainn bho ghrunn bhùithean is rèiceadairean air-loidhne.
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach