Duanag a tha a’ freagairt air an ràith.
Chaidh tìr fo gheas dhut
Reòth thu talamh
Reòth thu tìm
Gun fhiosta dhomh
Bha thu nam chuideachd
Èaladh air mo chùl
Meòir air m’ amhaich
Biorg nam chraicreann
Bheòthaich thu m’ aigne
Le cagar nam chluasan
Gealladh a’ gheamhraidh
Seanachas na faiche bàine
Mac-shamhla macanta
Do fhìor ghnè
Flinn riaslach
Mu mo chasan
Eòin air am pasgadh
Ris na creagan
Bileag a’ lùbadh
Ro d’anail chranndaidh
Mac-talla na dìthreibh
Deò bhiastan cèin
Cuan glas-chridheach
Coigreach an fhàsaich
Air allaban gu deas
A chaidh air dìochuimhne
Bhon uiridh