Gaoth Dobhair

“Is gorm/glas/uaine na cnuic am fada uainn.” Ach a thaobh Gaoth Dobhair ann an Èirinn, saoil nach eil sin fìor? Tha Eòghan a’ beachdachadh air àite Gàidhealach air leth.

image

Chòmharraich ITV 60 bliadhna an latha eile. Leugh mi artagail air choireign far an tug fear luaidh air cho math ’s a bha cuid de na sanasan reic.

‘S cinnteach gu bheil sanas-reic as fheàrr aig a h-uile duine (air neo fear air nach diochuimnich iad gu bràth), ach tha teagamh agam gu bheil mòran ann a tha a’ toirt oirnn smaoineachadh ro dhomhainn. Chunnaic mi sanas ann am port-adhair a chuir stad orm an latha eile.

Bha mi a’ tilleadh o Ghaoth Dobhair agus Iomain Cholmcille eile soirbheachail (buileach na bu shoirbheachaile an turas seo oir bhuinnig Alba). Is e trì bliadhna deug on a bha mi ann an Gaoth Dobhair agus a bharrachd air cho bòidheach is a bha an sealladh-tìre, bha bòidhchead eile ann, gun robh e làn de dhaoine.

image
Àite cho àlainn, talamh àlainn nan daoine agus thug mi iomradh air sin Oidhche Shathairne aig a’ chuirm oifigeil ann an taigh-club CLG Gaoth Dobhair; dà phàirc mhòr, ceithir seòmraichean sgeadachaidh cho mòr ri taigh an urra, talla spòrs mòr agus bàr.
(Leis na chosg an dà sgioba Ghàidhlig ’s dòcha gum bi treas pàirc aca a dh’aithghearr!)

Feasgar na Sàbaid, thàinig mi tro security agus chunna mi dà shanas le sluagh-gairm a thug spionnadh a bharrachd dhomh às dèidh deireadh-sheachdain a bha brosnachail gu leòr mar-thà companaidh IT a’ cur na ceist “I ndáiribh, an gcaithfidh tu fágail? – am feum thu falbh dha-rìreabh?” Smaoinichibh, companaidh agus port-adhair ag obair còmhla agus a’ cur impis air an daoine òga a bhith a’ smaoineachadh air fuireach, obraichean a chruthachadh dhaibh agus eile?

Thug e buaidh mhòr orm, on a dh’obraich mi anns an Eilean Sgitheanach agus Leòdhas, ’s aithne dhomh na ceudan a b’fhèarr leotha fuireach far an do thogadh iad.

Canar gu bheil sin furasta a ràdh ach dè nì iad mur eil obraichean ann? Chan eil gu leòr ga dhèanamh a thaobh cothroman do dh’òigridh anns na sgirean againn fhèin, bu chòir dha ar ceannardan poilitigeach a dhol a Thír Chonaill airson eisimpleir air leth fhaicinn. Daoine ceart a th’ annta agus mholainn dhut a dhol agus sùil a thoirt air a’ bheinn, An Earagail, aon uair nad do bheatha. Thalla dha na Gleanntan Glas gun dàil.

– Eòghan

image

image

image

*Mo dhùrachd is mo bheannachd air a h-uile mac is nighean màthar a thàinig à Alba airson Iomain Cholmcille, trì làithean làn Ghàidhlig is iomain a -measg inbhich òga tro mheadhan an spòrs againn fhèin – modal air leth airson ar cànan a bhrosnachadh. Tha neart annainn fhathast.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach