Bha m’fhàrdach-sa fo sgàil;
ach nan rachainn an taobh thall,
far an robh bràigh is mullach
an aitreibh àibheisich,
lorgainn an t-àite deisearach
air òradh le solas na camhanaich.
Astar goirid a thriall mi ’null –
gu staidhre drochaid-choise
a ghabh mi suas.
Lem ghreim air a’ ghad iarainn,
’s mi ’g aomadh an comhair mo bheòil,
dhearc mi air uachdar an uisge.
Am faicinn mar as àbhaist
na h-èisg làidir, liùgach –
carbhain ghlasa fon uachdar mhùgach?
Rinn mi mach iad tron bhùrn bhìth
a bha cho dubh ris an t-sùith
agus chuir mi a’ cheist ud orr’ a-rithist.
Ciamar a thigeadh iad beò
gun ach fàrdach clais-uisge?
Ach thàinig iad air uachdar
gu socair measg tiùrr fiodha
mar nach cuirte ’riamh roimhe
a’ cheist ud orr’ le duine.
Le Steaphan MacRisnidh