Geasachd nan Arabach – Cupa na h-Alba

Le Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba air fàire Disathairne seo tighinn, tha Eòghan Stiùbhart a’ toirt sùil air tè de na sgiobaidhean a bhios a’ gabhail pàirt air an latha agus an eachdraidh inntinneach aca sa cho-fharpais, Dùn Deagh United.


Tha mi air a bhith an làthair aig trì cuairtean deireannach Cupa na h-Alba rim bheò, agus bidh mi a’ dol ann Disathairne seo (17mh An Cèitean) tighinn, an dòchas gun tèid lem sgioba-se, St Johnstone, Naomhan Pheairt, an aghaidh Dundee United, air neo, mar as fheàrr a dh’aithnichear iad, “na h-Arabaich”, an sgioba a tha mi air faicinn aig an ìre seo den chupa trì tursan a-cheana. ’S ann à teaghlach mòr de dh’Arabaich a tha mi, mar gum b’ eadh!

Tha eachdraidh Dhùn Deagh United ann an Cupa na h-Alba am measg nan sgeulachdan as inntinniche ann am ball-coise na h-Alba. Gu h-eachdraidheil, ’s e United an sgioba a bu lugha às an dà sgioba sa bhaile mhòr (Dundee, na nàbaidhean aca a bha a’ riochdachadh na h-Alba ann an iar-chuairt dheireannach Cupa na h-Eòrpa) agus cha do nochd iad anns a’ Chuairt Dheireannach gu 1974 nuair a chaill iad an aghaidh Celtic, 3-0 aig ceann an t-seusain san do bhuinnig Celtic an tiotal airson an naoidheamh turas sreath a chèile. Gu h-iongantach, bha Andy Gray, fear le ceangal làidir ri Sgìre a’ Bhac agus Walter Mac a’ Ghobhainn, a’ cluich do United an latha sin.

Ach rè nan Seachdadan, dh’fhàs United ann an cliù fhad ’s a bha Dundee a’ crìonadh, a’ glèidheadh an tiotal ann an 1983. Nochdadh iad ann an cuairt dheireannach còig tursan eile anns na h-Ochdadan. Aig an stiùir fad nam bliadhnaichean a bha seo, b’ e Jim McLean, à Taigh na h-Uiseige no Larkhall. ’S e saor a bha ann am MacIlleathain agus bha cliù aige airson a bhith cruaidh air na cluicheadairean aige, a’ toirt càin dhaibh airson a bhith a’ cluich gun tlachd gu leòr a thoirt dhan luchd-taic agus gan cumail air cùmhnantan deich bliadhna. Ach bha e soirbheachail, agus ann am ball-coise, ’s e sin am prìomh rud ach tha sgeul MhicIlleathain is United làn bhriseadh-cridhe aig an ìre as àirde.

MacIlleathain anns an Ròimh ann 1984 – iar-chuairt dheireannach chonnspaideach V AS Roma ann an Cupa na h-Eòrpa
’S e an rud gun robh na h-Arabaich fo gheasaibh gach uair a rachadh iad gu Hampden. Chan e iongnadh a bha ann gun do chaill iad an aghaidh Rangers ann an 1981 no Celtic a-rithist ann an 1985, ach cha b’ ann fada an dèidh sin a thòisich cùisean a’ fàs na bu mhiosa.

Bha iad air Cupa na Lìog a thogail dà thuras ach ’s ann aig pàirc eile a bha sin. An aon uair nach do chaill iad aig Hampden, chluich iad gun tadhal an urra le Obar Dheathain agus chaidh an gèam ath-chluich aig Dens Park ann an Dùn Deagh. Chaidh a’ chuairt-dheireannach a chumail an-sin an ath bhliadhna agus thog United a-rithist e.

Bha 1987 cianail duilich dha United. Bha iad an dùil coinneachadh ri St Mirren aig Hampden. Làithean ro làimh bha United air cluich an aghaidh IFK Goteborg ann an Cuairt Dheireannach Cupa UEFA. Cha deach leotha ach bha an dùthaich gu lèir moiteil asta. Ach an aghaidh sgioba Phàislig, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nuair a chuir Iain Fearghasdan, a chluicheadh do Rangers, an aon tadhal sa ghèam. ’S e iongnadh mòr a bha ann agus ’s ann an uairsin a thòisich na fathannan gun robh “Hampden Hoodoo” air na h-Arabaich.

An ath bhliadhna, bha mi ann airson a’ chiad uair còmhla ri m’ athair agus mo bhràthair beag Iain, tha air a bhith na neach-taic United fad a bheatha. ’S e Celtic na dùbhlanaich a’ bhliadhna sin agus ged a bha Celtic air an Lìog a ghleidheadh, bha gu leòr adhbhar dòchais aig United, bha a’ mhòr-chuid de sgioba Chupa UEFA còmhla fhathast agus nuair a chuir Caomhain O Gallchóir United air thòiseach tràth san dara leth, bha cùisean air leth dòchasach dha gillean MhicIlleathain.

Ach a-rithist, le deich mionaidean ri dhol, nochd an seann laoch sin Frank McAvennie, dìreach mar gun robh dà bhoireannach bhan air tighinn a-steach gu taigh-òsta far an robh e, agus sgòr e dà thadhal anns na mionaidean mu dheireadh! Feumaidh mi ràdh gun robh m’ athair cianail duilich an latha sin, a chionn ’s gun robh e a’ toirt mo bhràthar bhig dhan taigh-bheag son a’ chiad tadhal agus gam thoirt ann airson an dara fear agus chaill e an dà dhiubh air fad! Bha an Hampden Hoodoo a’ leantainn uair eile.
Ann an 1991, ràinig United a’ chuairt dheireannach airson an turais mu dheireadh fo stiùir MhicIlleathain agus air an taobh eile bha Tobar na Màthar a bha gan stiùireadh le bràthair Sheumais, Tommy. Cuairt Dheireannach an Teaghlaich a thug iad air a’ ghèam seo eadar dà sgioba agus dithis bhràithrean agus abair sealladh a bha ann.

’S e an sgeul agam-sa mun gheam seo gun do choisinn mi tiogaidean dhan gheam le bhith a’ buannachadh farpais anns an “Sporting Post”, pàipear feasgar Dhùn Deagh Oidhche Shathairne a bhiodh a’ foillseachadh nan sgòraichean bho lìogaichean na h-Alba is Shasainn, fada mus robh guth air eadar-lìon is an leithid. Bha mi toilichte a buannachadh ged a bha mi nam Shaintee gu mo shàilean an uairsin, ach fhuair mi aoigheachd, bus agus dìnnear air an rathad gu Hampden às leth DC Thompson, is cha robh mi ach naoi bliadhna a dh’aois!

Ged nach robh mi a’ dol le taobh seach taobh, feumaidh mi aideachadh gur e an gèam ball-coise as fheàrr aig an robh mi riamh. ’S e “dràma” a bha ann. Mar an do sgòr e airson Rangers ann an 1981 an aghaidh United aig an ìre seo, bha Daibhidh Cooper ri mire aison Tobar na Màthar, agus às dèidh ùine a bharrachd, rinn Tobar na Màthar an gnothach air United, 4-3. Fhuair Ally Maxwell, fear-glèidhidh Thobar na Màthar a chriochnaich an gèam le asnaichean briste, air iomadh cothrom a bhacadh

.
’S e tè de na sgeulachdan as brònaiche gun d’ fhuair Cooper agus Phil O Donnell bho sgioba Thobar na Màthar sin bàs aithghearr ach mairidh iad beò ann an inntinn an t-sluaigh a bha an lathair an latha ud. Bha e ann an dàn do Thobar na Màthar an latha sin. Mar a bha e an dàn nach fhaigheadh Jim McLean greim air a’ chupa mar mhanaidsear.

Dh’fhàg an Leathanach aig ceann an t-seusain ann an 1993, bha e a’ fàs na bu dorra United a’ cumail aig bàrr agus bha faireachdainn ann gun robh linn MhicIlleathain a’ tighinn gu crìoch nàdarrach. Cò ghabhadh na àite? Mar a chunnaic sinn aig Man Utd am-bliadhna, tha e air leth doirbh tighinn às dèidh cuideigin a tha air a bhith soirbheachail fad ùine mhòir. Dh’fheumadh tu a bhith craicte tighinn as dèidh MhicIlleathain.

Cò nochd air fàire ach an dearbh dhuine? Fear a bha cho craicte ris na h-eòin, Ivan Golac. ’S e Searbach a bha ann, a chluich aig Southampton, a dh’ionnsaich Beurla o chlàran nan Rolling Stones agus a thug cluicheadairean United às dèidh dhaibh a bhith trèanadh gus na flùraichean a shnotadh. Agus rinn e rud nach d’ rinn MacIlleathain, bhuinnig e Cupa na h-Alba air a’ chiad tharraing.

Is e an rud as iongantaiche gur mathaid gun deach leis h-Arabaich an aghaidh fear de na sgiobaidhean a b’fheàrr ann an eachdraidh ball-coise na h-Alba, sgioba Rangers Nine in a Row. Bha Rangers air tòir an treble dhùbailte, a’ feuchainn ri na trì duaisean mòra (An Lìog, Cupa an Lìog agus Cupa na h-Alba) a ghleidheadh airson an dara bliadhna sreath a chèile. Air latha brèagha Cèitein an Ceann a Deas Ghlaschu, cha deach cùisean mar bu dual. Leis gur iad na h-ìochdarain an turas seo, cha robh cuideam air na h-Arabaich agus chluich iad le saorsa agus le spiorad.

Chan e gèam clasaigeach a bha ann idir, ach nuair a chuir Craig Brewster tadhal seachad air Ally Maxwell (rud beag dioghaltas airson 1991), bha an cupa air an rathad a Dhùn Dèagh airson a’ chiad uair. Cha do mhair Golac fada aig United as dèidh sin, ach mu dheireadh thall, air an t-seachdamh oidhirp, bha ribeanan Orains is Dubh air an t-seann duais àlainn agus chan fheum Brewster deoch a cheannach ann an Dùn Dèagh san latha an-diugh fhathast .

Tha United air tilleadh chun na cuairt deireannaich bhon uair sin dà thuras, nuair a chaill iad an aghaidh Celtic ann an 2005, is iad fo stiùir Ghòrdain Shiosalaich, agus nuair a bhuinnig iad 3-0 an aghaidh Ross County ann an 2010 le Peter Houston aig an stiùir. ’S e sin an treas turas far an robh mi an làthair a’ taobhadh ris na Staggies,. A dh’aindeoin an sgòir, ’s e latha breàgha Gàidhealach a bha sin ge-tà agus bha Gàidhlig gu leòr ri cluinntinn am measg luchd-leantainn Chounty ach sgeul eile a tha sin.

Disathairne seo tighinn, agus le United fo stiùir Jackie Mhic na Mara, bidh an gèam a’ gabhail àite aig Pàirc Celtic agus mar sin cha bhi an geas Hampden a’ toirt buaidh air na h-Arabaich. Ceathrad bliadhna bhon a’ chiad chuairt dheireannach aca, fichead bliadhna bhon a thog iad an cupa airson a’ chiad turais, an deicheamh cuairt dheireannach aca, agus bhuinnig iad mu dheireadh ann an 2010, tha na h-àireamhan a’ coimhead gealltanach dha na h-Arabaich. Bidh mise an dòchas nach bi e cho gealltanach dhaibh. Ach gu cinnteach, le gèam eadar dà sgioba bho Thaobh Tatha airson a’ chiad uair, ’s e latha mòr eile a tha ann an eachdraidh ball-coise na h-Alba.

Bidh Eòghan a’ gabhail pàirt ann an craoladh na Cuairt Deireannaich còmhla ri Sgioba BBC Radio nan Gàidheal, Derek Moireach agus Ailig O Henley, Disathairne seo tighinn o 1430. Cha bhi e a’ cur taic sam bith ri United!
http://www.bbc.co.uk/programmes/b044w5rp

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach