Glaschu 2014 | Còraichean daonna agus an Co-fhlaitheas

Glaschu 2014 2

Tha Geamaichean Oilimpeach ’s Parailimpeach a’ Gheamhraidh seachad, ach cha bhi fada againn ri feitheamh gus am faigh sinn deich latha eile làn aidreanailin ’s Lycra. As t-samhradh, thig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis a Ghlaschu, agus mar a bha còraichean do dhaoine gèidh na chuspair connspaideach ro Gheamaichean a’ Gheamhraidh, tha an aon chuspair a’ togail ceann an-dràsta a thaobh Ghlaschu 2014

Ann an Sochi, ’s e an trioblaid a bh’ ann gun deach laghan an aghaidh daoine gèidh a stèidheachadh san Ruis goirid ro na Geamaichean. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil an suidheachadh ann an Alba eadar-dhealaichte gu tur; chaidh bhòt tro Phàrlamaid na h-Alba aig toiseach a’ Ghearrain ’s e a’ toirt cead do dhaoine den aon ghnè a bhith a’ pòsadh. Tha daoine gèidh ann an Alba fhathast a’ strì an aghaidh leth-bhreith (no discrimination) agus na droch bhuilean a tha na lùib; mar eisimpleir, tha burraidheachd san sgoil na trioblaid mhòr do chòrr is 70% de dhaoine òga LGBT ann an Alba. Ach tha e soilleir gu bheil barrachd chòraichean aig daoine an seo na th’ aca san Ruis.

Chan eil an aon rud fìor air feadh a’ Cho-fhlaitheis, ge-tà. Anns na beagan mhìosan a chaidh seachad, tha na riaghaltasan ann an Nigeria agus Uganda air na laghan aca an aghaidh daoine gèidh a dhaingneachadh. A-nis, faodar daoine gèidh ann an Nigeria a chur sa phrìosan fad 14 bliadhna; ann an Uganda, ’s e seantans fad bheatha a bhios ann. Gu dearbh, tha dàimhean den aon ghnè mì-laghail ann an 41 a-mach às na 53 dùthchannan a tha sa Cho-fhlaitheas. Bidh a’ mhòr-chuid dhiubh a’ tadhal oirnn ann an Glaschu san Iuchar.

Bhiodh e caran annasach spòrs agus poileataigs a chumail air falbh bho chèile aig Glaschu 2014 – mar a tha cuid ag iarraidh – leis gun deach an Co-fhlaitheas fhèin a stèidheachadh air adhbharan poileataigeach. A-rèir bainn-sgrìobhte a’ Cho-fhlaitheis, ’s e amas a th’ ann don bhuidheann a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh deamocrasaidh agus còraichean daonna. A-rèir cuid, ge-tà, chan eil a’ bhuidheann idir ga choileanadh. Ged a bha an Co-fhlaitheas na phàirt den iomairt an aghaidh sgaradh cinnidh ann an Afraga a Deas, bhon uair sin chan eil a’ bhuidheann air mòran a ràdh no a dhèanamh a thaobh mì-ghnàthachadh còraichean daonna no gnìomhan an aghaidh deamocrasaidh ann an dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis. Tha barrachd is barrachd de dhaoine a’ tighinn chun a’ cho-dhùnaidh nach eil an Co-fhlaitheas gu mòran feuma.

Thàinig a’ chùis gu ìre èiginne aig coinneamh ceannardan-riaghaltais a’ Cho-fhlaitheis (CHOGM) ann am Peairt, Astràilia san Dàmhair 2011, nuair a chaidh aithisg an Eminent Persons Group a dheasbad, leis an tiotal “A Commonwealth for the People: Time for Urgent Reform”. Chaidh tòrr mholaidhean a chur air adhart san aithisg a thaobh leasachadh còraichean daonna, ach cha deach an aontachadh aig a’ choinneamh. Bha na buidhnean às an Rìoghachd Aonaichte (RA), Canada agus Astràilia gu sònraichte mì-thoilichte. Thuirt riochdaire an RA Malcolm Rifkind aig an àm gur e masladh a bh’ ann don bhuidheann air fad, agus riochdaire Chanada Hugh Segal ag ràdh, “Tha e soilleir gum b’ fheàrr le cuid sa bhuidheann a bhith a’ fanachd nan tost. Ach an deach apartheid a thoirt gu crìoch le tost?”

Cha chuir e iongnadh air duine sam bith, ma-tà, gun robh na h-aon ghearanan an aghaidh a’ Cho-fhlaitheis ri chluinntinn an dèidh na coinneimh connspaidich CHOGM 2013 ann an Sri Lanca. Bha daoine den bheachd gun robh a’ bhuidheann ro lag a thaobh còraichean daonna, agus nach robh feum ann no buaidh aige air dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis fhèin, gun luaidh air an t-saoghal mhòr air fad. Cuideachd, chaidh a’ cheist a thogail an robh e fiù ’s freagarrach gun robh a leithid ann san latha an-diugh, an dèidh còrr is leth-cheud bliadhna bhon a chaidh Ìompaireachd Bhreatainn a sgaoileadh. Ach, nas lugha na ceithir mìosan ro Ghlaschu 2014, dè ghabhas dèanamh mun deidhinn?

Tha buill pàrlamaid na h-Alba, Seumas Dornan agus Pàdraig Harvie, a’ moladh conaltradh an àite gnìomhan mòra poileataigeach. A’ sgrìobhadh ann am Pink News, thuirt Dornan,

“Scotland has not always been the bastion of equality that it is today […]  We have made remarkable progress – the latest being the equal marriage legislation – and our society is much better off as a result of it.  Whilst we do have more work to do in changing attitudes, I want to hare that story with the Ugandan High Commission when she is in Glasgow.  I want to show her that all of us benefit when LGBT people are treated equally, and how society is the better for it.”

Bha an aon teachdaireachd aig Harvie ’s e a’ bruidhinn air Scotland Tonight:

“If we want to achieve a world in which all people have their dignity, their human rights respected, and a culture of equality, we should recognise we’ve got a very long way to go there. Scotland has made the journey. Let’s tell our story and build real lasting links with activists in those countries.”

Am bi daoine ann an Nigeria no Uganda, no dùthchannan eile sa Cho-fhlaitheas, airson èisteachd rinn, ge-tà? Gu dearbh, chaidh a’ mhòr-chuid de na laghan an aghaidh daoine gèidh sa Cho-fhlaitheas a stèidheachadh le ùghdarrasan an RA, nuair a bha na dùthchannan sin fo riaghladh Ìompaireachd Bhreatainn. Le samh hiopocrasaidh a’ fanachd san adhar, agus sgàil na h-Ìompaireachd fhathast ri faicinn air feadh a’ Cho-fhlaitheis, an gabh deasbad èifeachdach a chumail air a’ chuspair chudromach seo?

Bidh sin a’ crochadh air cò tha os a chionn. Ged is i Alba bean an taighe aig Glaschu 2014, cha bu chòir dha na guthan againne a bhith nas àirde san deasbad, no na sgeulachdan againne aig a chridhe. Mar-thà, tha luchd-poileataigs ann an Uganda, Nigeria agus dùthchannan eile, leithid ceann-suidhe Uganda, Yoweri Museveni, air a bhith ag ràdh gur e bhaogaid na h-Àirde an Iar a th’ ann an còraichean co-ionnain, agus gur e cleas nua-ìompaireil a th’ ann san iomairt an aghaidh laghan ana-gèidh.

Gu follaiseach, chan eil sin buileach fìor. Tha pòsadh den aon ghnè laghail ann an Afraga a Deas, Argentina, Brazil agus Uruguay, a bharrachd air 10 dùthchannan Eòrpach agus na seann “White Dominions”, Canada agus Sealainn Nuadh. Cuideachd, ann an Sealainn Nuadh, cha b’ e luchd-poileataigs le cinneadh Eòrpach a bha ga phutadh. ‘S e ball pàrlamaid Māori, Louisa Wall, a bha air cùl na h-iomairt, le taic làidir bhon dà phartaidh Māori, Mana agus Partaidh nam Māori, agus bho luchd-poileataigs Māori cliùiteach eile, leithid Metiria Turei ’s Tau Henare. Nuair a chaidh a’ bhòt troimhe, chaidh òran gaoil Māori, Pokarekare Ana, a ghabhail leis an luchd-èisteachd.

Tha gu leòr de dhaoine ann an dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis fhèin a tha a’ strì an aghaidh agus a’ bruidhinn a-mach mu na laghan an aghaidh daoine gèidh, cuideachd. Tha daoine ann mar Bisi Alimi à Nigeria, a tha a-nis a’ fuireach san RA agus fhathast an sàs gu mòr ann an iomairtean airson còraichean co-ionnan. Tha fiù ’s sgrìobhadairean ann a tha aithnichte air feadh an t-saoghail, a tha a’ bruidhinn a-mach air a’ chuspair seo, leithid Chimamanda Ngozi Adiche à Nigeria, no Binyavanga Wainaina à Kenya. Carson nach toir ùghdarrasan nan Geamaichean cothrom dhaibhsan an guthan a thogail air a’ chuspair?

Gun teagamh, chan eil leòntan linn na h-Ìompaireachd air an slànachadh fhathast, agus mar a chunnaic sinn bho chùis nam Mau Mau ann an Kenya, b’ fheàrr leis an riaghaltas ann an Lunnainn gun a bhith a’ bruidhinn air sin. Nam biodh iad dha-rìribh airson deasbad èifeachdach a chumail air còraichean daonna, nach bu chòir don luchd-poileataigs againn ann an Alba a bhith a’ ceasnachadh a’ Cho-fhlaitheis air fad, a’ bruidhinn gu h-onarach mu na thachair fon Ìompaireachd, agus a’ togail dàimhean as ùr leis na dùthchannan seo?

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach