Dualchas ’s Dùthchannan| Agallamh le Gria

O chionn ghoirid, rinn Eòghan Stiùbhart agallamh còmhla ri Ceitlin Nic a’ Ghobhainn bhon chòmhlan, Gria.  Seo na bh’ aice ri ràdh mu na tha san amharc aca.

Tha ceòl traidiseanta an latha an-diugh làn chothroman nach robh ann fiù ‘s fichead bliadhna air ais.

Thàinig an còmhlan-ciùil òg Gria còmhla aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba is iad uile a’ rannsachadh ceòl traidiseanta. Tha an ceathrar anns a’ bhuidheann uile nam boireannaich òga ioma-thalantach, agus gu dearbh, bidh iad a’ dèanamh fuaim bhinn, àlainn còmhla. Bhuannaich iad farpais airson àite aig Fèis Cheilteach Innse Gall an-uiridh agus thog iad aire a’ mhòr-shluaigh.

’S e measgachadh inntinneach a th’ aig Gria: tha buntanas aca uile dha tìrean air an do dh’fhàg na Lochlannaich an làrach. Tha sin gu math follaiseach air an fhalt ruadh a tha air Ceitlin à Nis ann an Leòdhas; cuideachd, ’s ann à Sealltainn a tha Lana, ’s ann à Arcaibh a tha Louise agus ’s ann à Northumbria (an sgire far a bheil an t-Eilean Naomh, Lindisfarne) a tha Gemma Nì Nèill, ach le ceanglaichean làidir ri Èirinn.

’S e Ceitlin a’ phrìomh sheinneadair, agus chan eil mòran ann le guth cho sgairteil aig an aois aice-se. Tha i a’ cnuasachadh air an dualchas mheasgaichte aig a’ chòmhlan aice-se: “Tha e glè inntinneach na bhios sinn a’ dèanamh le bhith a’ cur ar diofar chultaran còmhla. Bidh sinn a’ seinn mòran òrain Gàidhlig, oir tha mise à Leòdhas, ach chan eil an ceòl buileach mar am biodh tu an dùil anns na h-Eileanan an Iar. Tha stoidhle Gemma gu math Èireannach agus tha seo a’ toirt buaidh air ar ceòl, cuideachd. Tha Lana a’ cluich an seann stoidhle Shealtainneach de “vamping”, còmhla le puirt Arcach Lousie air an fhìdheall.”

Tha an saoghal mòr romhpa a-nis, ach tha e gu math doirbh dhaibh. Feumaidh luchd-ciùil thraidiseanta cothroman a ghabhail ann an diofar àiteachan agus tha sin ga dhèanamh doirbh do chòmhlain òga fèin-aithne cheart a thoirt air a’ cheòl aca, neo fiù ’s cumail a’ dol.

Tha Ceitlin a’ mìneachadh dìreach cho sgapte sa tha an ceathrar aca: “Tha Lana a’ gluasad a Dhùn Èideann, tha mise air tilleadh a dh’Eilean Leòdhais airson a bhith ag obair do MG Alba, tha Louise an dùil a dhol dha na Stàitean Aonaichte agus Oilthigh Bherkely. Tha Gemma na h-oileanach aig Oilthigh Luimnich cuideachd.”

Bidh Ceitlin fhèin an-sàs ann am pròiseactan eile, a’ seinn còmhla ri Julie Fowlis agus a’ nochdadh anns a’ bhideo airson a’ chlàir ùir aig Skipinnish, Walking On The Waves. Ach ged a tha fhuair na nigheanan cothrom a thighinn cruinn còmhla ann am Milwaukee aig an Fhèis Èireannach, ‘s tric a bhios còmhlan traidiseanta a’ coilionadh fhaclan ìosa: “Chan eil faidh gun onair ach na dhùthaich fhèin”, leis na tha aca ri dhèanamh de shiubhal eadar-nàiseanta gu dùthchannan cèin far a bheil leantainn fada nas motha aca na bhios a-chaoidh aca ann an Alba. Smaoinich air Runrig agus na tursan fada aca dhan Danmhairg is A’ Ghearmailt.

A dh’aindeoin nan duilgheadasan mòra a thaobh cruinn-eòlas agus tìde, tha an ceathrar aca gu math deònach a bhith a’ cumail Gria còmhla. “Tha sinn ag iarraidh gu mòr a chumail a’ dol leis a’ chòmhlan; tha e dìreach a’ ciallachadh gu bheil e doirbh amannan airson ullachadh agus deitichean airson consartan a lorg a bhios ag obair dhan a h-uile duine. “

Ach ann an saoghal an latha an-diugh, far a bheil a h-uile duine a’ foillseachadh ceòl anns a bhad, chan eil cabhag air leadaidhean Gria. Mar a tha Ceitlin ag innse san dealachadh, “Thairis air an ath dà bhliadhna, tha sinn an dòchas gun cuir sinn a-mach clàr aig a’ cheann thall, ach chan eil cabhag oirnn. Agus saoilidh mi mar as fhaide a bhios sinn ag obair air clàr, ’s ann as fheàrr a bhios e.”

Bidh Gria a’ cluich aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis. Feuch gum faigh thu cothrom cluas ri claisneachd a dhèanamh riutha ann air neo uair eile.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach