Sùil aig Steaphan air biadh suaicheanta na h-Iapain agus taobh an ear na h-Àisia – TÓFU.
[player id=4886]
Ghabh mi cuairt gu taigh-bìdh o chionn ghoirid far a bheil iad a’ sònrachadh ann an còcaireachd TÓFU. Is dòcha gu bheil aithne aig a’ mhòr-chuid againn air an fhacal Iapanach TÓFU ach chan eil fhios agamsa a bheil a h-uile neach eòlach air dè th’ ann an da-rìribh. Ged as e an t-ainm Iapanach as aithnichte againne, a rèir coltais, ´s e Coireanach a bh’ anns a’ chiad neach a dh’innlich an dòigh air TÓFU no “slaman sòighea” a dhèanamh.
Tha cuid dhen ghiullachd co-cheangailte ri TÓFU caran coltach ri dòigh-dhèanaimh a’ chàise. Mar eisimpleir, an dèidh do na pònairean-sòighea a phronnadh ann an uisge, gheibhear sùgh-sòighea a tha coltach ri bainne ´na dhreach, agus gheibhear cnapan geala nam pònairean pronnta na lùib. Thathar a’ dinneadh nan cnapan seo agus an t-sùigh-shòighea seo gus am “bainne” sòighea a tharraing às tro bhrèid no chlò air choireigin. Bhon uair sin, tha dòigh-ghiullachd an TÓFU a’ sìor fhàs coltach ri dòigh-dhèanaimh a’ ghruth agus càise ghil.

An toiseach, thathar a’ teasachadh a’ bhainne-shòighea agus a’ cur NIGARI ris gus a dhèanamh tiugh. Tha NIGARI air fhaighinn le bhith a’ toirt sàl às a’ mhuir agus ga ghoil gus am faighear stuth sa bheil magnesium clòraid ann mar phàirt dhen tàth-chuid. Ma tha sàl glan agad ri làimh ge-tà, cleachdaidh tu sin na àite. Dh’fhaodamaid a’ phàirt seo dhen phròiseas a choltachadh ri dòigh-dhèanaimh a’ ghrutha agus a’ chàise le bainne na bà far am bithear a’ caoin-theasachadh a’ bhainne agus a’ cur binid ris gus a bhinndeachadh airson càise fhaighinn às aig a’ cheann thall.
Air don bhainne-shòighea fhàs tiugh, agus mar a nithear le gruth, thathar ga fhàsgadh ´s ga shìoladh tro chlò freagarrach gus “mulachag” tófu a dhèanamh. Anns na bùthan tófu proifeiseanta, gheibhear innealan is acainn coltach ris an fheadhainn a bh’ aca air Ghàidhealtachd gus mulchagan càise a dhèanamh. Gheibhear “fiodhan” airson “a’ ghruth”-tófu seo fhàsgadh gus an tig na cnapan dlùth ri chèile, agus thathar a’ cumail nam “mulchagan” air neo, nan ceapan-tófu seo air am pasgadh ann am brèid gus an sùgh bhon tófu a shùigheadh ´s an tófu fhèin a chumail ri chèile.
Mar a gheibhear càise solt no càise cruaidh, ´s ann a gheibhear tófu mìn, solt mar an sìoda, no nas cruaidhe. Chan fhàs tófu cho cruaidh idir ri càise a bhios a’ dol na chriomagan mar a tha càise geal cruaidh, ach thèid e na chnapan coltach ri gruth. Thathar a’ coltachadh an tófu seo ri aodach canaich.

Nuair a chaidh mi don taigh-bìdh TOFU UKAI ann an Hachioji, thagh mi “Cùrsa blas na h-aimsire (toiseach an Fhoghair) agus tófu bruich ann am poit”. Bha deich mionaidean agam ri fuireach gus an do dheasaich iad am bòrd agus mar sin shuidh mi a-muigh air being loinneil a’ gabhail ealla ris a’ ghàrradh thraidiseanta timcheall orm. Ged as ann an teis-meadhain a’ bhaile mhòir a bha mi, chluinnteadh ceòl socair Iapanach agus torman an fhuarain a’ sruthadh tron lios ´s mi air mo chuairteachadh le craobhan is preasan air am bearradh gu snasail air nòs na h-Iapain. An dèidh sin, chaidh mo threòrachadh a-steach do sheòmar tatami agus gu bòrd le suidheachain ìosal ri taobh uinneig le sealladh air bad dhen lios san robh an sruthan a’ cur car de mheanbh-roth muilinn-uisge.

Cha b’ fhada gus an tàinig a’ chiad thruinnsear ann an cùrsa de sheachd truinnsearan uile gu lèir.

A’ chiad truinnsear: Tofu air a ròstadh le sabhs seasamain. (Tha sake fuar anns an “fheadan” sa chùlaibh)
Dàrna truinnsear: Tófu air a phràighigeadh (le sabhsaichean agus cleiteagan slisichte Bonito
Treas truinnsear: taghadh de ghlasraich an fhoghair
An ceathramh truinnsear : Sashimi

An còigeamh truinnsear: Tófu air a chaoin-bhruich
An siathamh truinnsear: “An Diathad” – bradan is iuchar-bhradain air uachdar rus, le brot miso agus piceallan
An truinnsear mu dheireadh; YÒKAN – mìlseag de thaois gheanm-chnòthan is siùcar air a chruadhachadh le agar-agar, agus tì ròsta uaine na chois.
Cha do chosg an cùrsa-bìdh seo ach mu 5,000 yen ( £30) a’ gabhail a-steach nan 7 glainneachan beaga sake agus poit teatha a thàinig na chois. Dh’ith mi mo sheachd sàth de thròcairean blasta, maoth – biadh cho fallain, slànachail ’s a gheibhear an àite sam bith.