Hillsborough – Ceartas dha na 96?

The You'll Never Walk Alone gates with flowers and scarfs

An latha eile, chunnaic mi dealbh de dà sgioba bhall-coise a’ seasamh guaillibh le chèile, ach ’s e an rud iongantach gur e dà sgioba bhon aon bhaile, mionaidean mus do thòisich cuairt-dheireannach mhòr, a bha ann. Cò an dà sgioba? Everton agus Liverpool aig Cuairt-Dheireannach Cupa a’ Bhainne 1984 (mar a bha aca air Cupa Lìog Shasainn aig an àm).

A-rèir coltais an latha sin, a’ chiad uair a bha an dà sgioba air coinneachadh aig Wembley, bha an sluagh measgaichte, a’ seinn “Merseyside, Merseyside” agus “A bheil sibh a’ coimhead, a Mhanchester?” còmhla. Bha riamh, is tha fhathast, rudeigin àraid ann am Baile Liverpool a thaobh càirdeas eadar an dà chomann bhall-coise.

A bhon-uiridh, thachair an dearbh rud, an dà sgioba a’ seasamh guaillibh le chèile. Ach an t-àm seo, cha robh ann ach nighean agus balach beag, nan seasamh ann am meadhan Pàirc Ghoodison, an nighean ann an lèine ghorm is 9 air a druim agus an gille le 6 air-san. An dà sgioba a’ comharrachadh na naochad is a sianar luchd-leantail Liverpool a fhuair bàs air an latha seo, 15 An Giblean 1989, aig Hillsborough ann an Sheffield.

Ach cha robh iad a-mhàin a’ còmharrachadh bàs nan 96 ach am masladh agus nàire a chaidh a chur orra as leth a’ phoileis, nam pàipearan-naidheachd agus an riaghaltais, masladh is nàire a bha riamh ceàrr. Tha e cumanta gum bi buill den aon teaghlach a’ leantainn na sgiobaidhean fa leth agus bha gu leòr a bha a’ taobhadh ri Everton a chaill caraid, athair, bràthair, mac an latha sin.

Tha gu leòr sgrìobhte mu thachartasan air an latha olc ud, nuair a chaidh cus dhaoine a’ leigeil a-steach do aon cheann den stèidium airson Iar-Chuairt Dheireannach Cupa FA eadar Liverpool agus Nottingham Forest agus gu dearbh ma tha thu airson leughadh mu dheidhinn anns a’ Ghàidhlig tha earrann mhath ann an Tubaistean Spòrs le Ailig O’Henley bho Acair.

Fad còig air fhichead bliadhna, tha e air a bhith follaiseach do mhuinntir Liverpool nach b’ e tubaist a bha ann. Gun robh cuideigin no rudeigin as còireach airson call athraichean, bhràithrean, chèilean, leannanan, agus chloinne, is gun robh cuilbheart ann an fhirinn a chlèith. Thàinig a’ chiad sgrùdadh dhan cho-dhùnadh gur e bàs tubaisteach a fhuair na 96, rud nach do riaraich na teaghlaichean idir.

Tha an strì airson firinn agus ceartas a’ leantainn fhathast. Nuair a nochd an dà phàiste as Foghar 2012, bha iad a’ còmharrachadh foillseachadh Aithisg Panail Neo-Eisimileach Hillsborough a thuirt airson a’ chiad uair gun robh oidhirpean ga dhèanamh leis na h-ùghdarrasan coire a chur air an luchd-leantail fhèin. Chòmharraich Everton an naidheachd seo leis an dithis òigear air a’ phàirc – an t-òran aig na Hollies “He Ain’t Heavy, He’s My Brother” a’ seirm tarsainn Ghoodison.

Cha robh ball-coise Sasannach amhail ris an aon rud as dèidh Hillsborough. Aithisg Mhic an Tailleir. Am Premiership. Sky Sports. Ach thug Hillsborough an spionnadh bho Liverpool cuideachd, chailleadh rudeigin an latha ud. Cha robh Dalglish riamh mar a bha.  Dh’fhàg e ann an 1991, ga thathaich le cuimhneachan an latha ud. Cha do thog iad an tiotal bhon uairsin. Tha e coltach nach biodh mòran air stad a chur air èirigh Mhanchester United fo stiùir Ailig Fheargasdain ach chan eil Liverpool air cus a shealltainn bho chionn fhichead bliadhna gun robh iad fìor chomasach an tiotal a ghlèidheadh gus a’ bhliadhna-sa.

Tha Hillsborough a’ toirt ball-coise Shasainn còmhla.  A thaobh chùisean air a’ phàirc, tha gu leòr ann an Sasainn nach bi toilichte gu bheil Liverpool a’ dèanamh cho math an-dràsta, agus Evertonians nam measg, ach bidh duine sam bith a thèid a-mach gu geama ball-coise Disathairne an dùil gun till iad slan is sàbhailte a dh’aindeoin call, buaidh no sgòr an urra. Tuigidh sinn uile an call agus am bròn a dh’fhuiling na teaghlaichean sin, ged tha sinn beò ann an dòchas nach bi againne no aig duien sam bith eile ri an leithid fhulang a chaoidh.

Disathairne sa chaidh, thòisich gach geama ann an Sasainn aig 15.07, as dèidh tost fad mhionaid on uair a chaidh an geama a stad aig 15.06 an latha oillteil ud. Aig Anfield, chluich Liverpool an aghaidh Man City agus fhios aig an sgioba a ghlèidheadh gum biodh cothrom na b’ fheàrr aca an Tiotal a bhuannachadh. Bhuannaich Liverpool 3-2 agus aig deireadh a’ gheam thug Steven Gerrard, an sgiobair, a chluicheadairean cruinn còmhla agus e fhèin a ranaich, a’ brosnachadh a sgioba a chumail a’ dol airson ceithir geamannan eile agus a’ chiad thiotal ann an 23 bliadhna a ghlèidheadh. Chaill Gerrard, cridhe Scouse Liverpool fad iomadh bliadhna, a cho-ogha anns an tamailt ann an Sheffield, agus dh’aidich e fhèin gur ann air Hillsborough a bha e a’ cuimhneachadh nuair a dh’fhalbh an fhideag.

Cha dèan an tiotal leigheas air ionndrainn is cràdh nan teaghlaichean agus cha toir e ceartas dha na 96 ach bhiodh e freagarrach am bliadhna-sa ma ’s e Gerrard agus Liverpool a thogas an cuach.  Mar a thuirt Bill Shankly, an sàr mhanaidsear Liverpool, “Chan e bàs no beatha a tha ann am ball-coise, tha e nas cudromaiche na sin”.  Is aon rud a tha cìnnteach, bidh spioraid muinntir Liverpool, ma ’s e gorm no dearg an dath a tha orra, a’ seasamh guaillibh le chèile gus an latha am bi ceartas aig na 96. Mar a sheinn Màiri Mhòr againn fhèin “Thig buaidh leis an Fhirinn a dh’aindeoin innleachd nan daoi.”

#JFT96

Justice for the 96 - geograph.org.uk - 2661770

Share

2 thoughts on “Hillsborough – Ceartas dha na 96?

  1. Is math a tha luchd-leantainn Liverpool àiridh air ceartas agus dìoladh, oir chaidh am brathadh gu dubh leis na cumhachdan a bh’ann, na cumhachdan a leig le seo tachairt. Chan eil agam ach spèis dhan fheadhainn a thagair an cùise cho fada nuair a bha mòran, mi-fhìn nam measg, a’ feuchainn ri dìochuimhneachadh.
    Bha mise ann aig an lèir-sgrios agus tha h-uile fìrinn a th’air tighinn am bàrr a’ dol leis na dh’fhiosraich mi-fhìn an latha oillteil ud. Gu math thèid leotha.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach