Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe

Le Steaphan MacRisnidh

Ged a tha an ràdh “Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe” (怒りの広島、祈りの長崎) a’ cur an cèill faireachdainn choitcheann Hiroshima a thaobh leagail boma niùclasaich orra an coimeas ri faireachdainn choitcheann Nagasaki, neo-ar-thaing nach eil daoine ann an Hiroshima a bhios ag ùrnaigh, agus daoine an Nagasaki air a bheil fearg. (Tetsuya, 2013)

A rèir Yuki Miyamoto ’na leabhar Beyond the Mushrom Cloud: Commemoration, Religion, and Responsibility after Hiroshima, tha gnàth-ìomhaigh ann de shìobhaltaich Hiroshima gu bheil iad nas buailtiche a bhith ri iomairtean poilitigeach an taca ri Nagasaki, a tha ’na àite “cràbhach”, sìtheil. Ged a tha an dà mhòr-bhaile meadhanach faisg air a chèile, ann am breithneachadh an t-sluaigh is e àitean tur-dhealaichte a th’ annta leis cho làidir ’s a bha an creideamh Crìostaidh ann an Nagasaki.

Is ann an Nagasaki a bha a’ mhòr-chuid de Chaitligich na h-Iapain a’ fuireach aig àm an Dàrna Cogaidh, agus chaidh stìoball cathair-eaglais Urakami a chleachdadh leis an sgioba Ameireaganach mar an targaid airson leagail a’ bhoma, oir chan aithnicheadh iad ach sin agus aon togalach eile bho 31,000 troigh san adhar. Tro bheàrn sna sgòthan, chomharraich am fear-bomaidh a-mach i agus le sin, thàinig an ceann-crìoch.

Cathair-eaglais Urakami an-diugh

B’e seo àrd-eaglais air a togail gun taic on riaghaltas tràth san 20mh linn aig an robh 12,000 ball air am baisteadh aice. Bha aifreann na maidne ga chumail nuair a leagadh am boma air Diardaoin 9mh dhen Lùnastal, 1945, agus bhàsaich 8,500 de bhuill na h-eaglaise air a’ cheann thall, mu 6,000 dhiubh anns a’ bhad. Ged a thàinig Crìostaidhean na h-Iapain beò tro 250 bliadhna de gheur-leanmhainn leis an riaghaltas impireil, an dèidh sin agus ’na dhèidh, agus am measg nan 74,000 de mhuinntir eile, dhubhadh às an ceann 9 diogan an uaireadair coimhearsnachd sgairteil Crìostaidh an ìre mhath gu h-iomlan  (Kohls, 2014).

Ann am breithneachadh nan Iapanach an latha an-diugh a-rèiste, ’s e Hiroshima as motha a th’ air a cho-cheangal ri coiteachadh is iomairt phoilitigeach an aghaidh armachdan niùclasach, seach Nagasaki. Tha an abairt gu h-àrd ’na samhla de dh’fhreagairtean an dà mhòr-bhaile ris an sgrios a dh’fhuiling iad — ’s e sin gu bheil Nagasaki beag-ràiteach mu dheidhinn air sgàth eachdraidh mhairtireachd, ach gum faod Hiroshima an caothach a ghabhail bho nach eil an eachdraidh sin aige.

hiroshimadome

“Dòm a’ bhoma” (原爆ドーム)Hiroshima an-diugh

Cha do thòisich iomairtean an aghaidh armachdan niùclasach gus an dèidh 1952. Ann an 1954, thachair gun do thuit sileadh rèididheachd air iasgairean tùna Iapanach bho dheuchainnean de bhomaichean haidhdreidein leis na Stàitean Aonaichte sa Chuan Sèimh. B’ e sin a chuir iomairtean gu dol an dà-rìribh, ach eadar 1945 agus 1952, bha sgaoileadh fiosrachaidh fo cheannsal nan Ameireaganach agus bha foillseachadh naidheachdan mun chron a dhèanadh rèididheachd air com is colann mhic an duine air a chasg. Cha bhiodh fios no fàth aig an Iapanach chumanta ann an ceàrnan eile na b’ fhaide às air dè dìreach a bh’ ann am boma atamach agus dè dìreach an sgrìos a thugadh air an dà bhaile. B’ e an t-aon iomradh aig pàipearan an ama sin oirre, gum b’ e “seòrsa de dh’armachd ùr” a bh’ innte, gun fhacal air ciamar a bha i atharraichte bho armachdan aithnichte. Bha mu 66 mòr-bhailtean eile air an lèir-sgrios le bomadh àbhaisteach, agus cha b’ ann eu-coltach ri Hiroshima is Nagasaki a bha an dìobhail sin — air a’ chiad shealladh co-dhiù. (Loh, gun cheann-latha)

An dèidh 1952 ge-tà, agus bho dh’fhuasglaicheadh na cuingean air foillseachadh agus sgaoileadh naidheachdan, bhrùchd an t-uabhas de sgrìobhadh a-mach agus thàrmaicheadh gnè ùr litreachais, ris an abrar, litreachas a’ bhoma atamaich — bho nobhailean gu bàrdachd, aistean agus manga.

Gheibhear faclan dàin leis a’ bhàrd Sankichi Toge (峠三吉, a bha ann an Hiroshima nuair a spreadh am boma, air an gràbhaladh air carragh ann am Pàirc Cuimhneachain na Sìthe sa bhaile. Dàn don ainm Till thugam na daoineにんげんをかえせ)agus a tha sgrìobhte ann an Hiragana.

Chaochail am bàrd òg seo aig aois 36, 8 bliadhna an dèidh dha bomadh Hiroshima fhulang. Dh’fhaodadh tu ràdh gu bheil iad a’ daingneachadh nam faclan “Hiroshima na feirge” (怒りの広島):

ちちをかえせ

ははをかえせ

としよりをかえせ

こどもをかえせ

わたしをかえせ わたしにつながる

にんげんをかえせ

にんげんの にんげんのよのあるかぎり

くずれぬへいわを

へいわをかえせ

Till thugam m’athair, till thugam mo mhàthair

Till thugam mo sheann-phàrantan

Till thugam mo chuid cloinne

Till thugam mi fhìn às ùr,

Till thugam an cinne-daonna.

Cho fad ’s a mhaireas an saoghal, an saoghal seo,

Till thugam an sìth

nach teirig gu sìorraidh.

(Eadar-theangachadh Gàidhlig le ùghdar a’ phìos seo)

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach