Hò-rò | Lèirmheas

horo2

As dèidh dhaibh a dhol air turas air feadh na Gàidhealtachd, tha Hò-rò, an còmhlan-ciùil òg Gàidhealach, air a’ chiad chlàr aca fhoillseachadh, Hò-rò. Agus abair thusa, ’s e fìor dheagh chlàr a th’ ann.

Tha an clàr air a chur air dòigh coltach ri fear dhe na consairtean beòthail aca – leis na puirt agus na h-òrain a’ measgachadh agus a’ tuiteam is ag èirigh eadar faram agus fois.

Tha dà rud, saoilidh mi, a bhios a’ toirt cothrom na Fèinne do Hò-rò an taca ri càch – ’s iad guth ceòthach càilear Lucy Doogan agus an spionnadh X Factor a gheibh iad o Chrìsdean Dòmhnallach air an àrd-urlair agus anns a’ chluiche aige.

Tha blas-ciùil Lucy farsaing agus fosgailte, agus tha sin ri fhaicinn anns na h-òrain Bheurla, Ghàidhlig agus Bheurla Ghallta a tha i air taghadh. Tha na h-òrain ceart cho beò air a’ chlàr is a tha iad on àrd-urlar agus tha iad a’ dol cho math leis a’ ghuth aice, gu bheil e coltach gum bi daoine a’ meas an tionndaidh aice-se de “Mo Ghleannan Taobh Loch Lìobhann” mar an sàr-thionndadh sna bliadhnaichean ri teachd. Is e an caractar a tha anns a’ ghuth aice an tàladh as motha ach coltach ri Mick Jagger feumaidh i cuideigin airson gleachd rithe airson a cuid as fhèarr fhaighinn, agus is e an Keith Richards aice, am pìobaire Crìsdean Dòmhnallach à Uibhist a Deas agus an Eilean Sgitheanach.

Bha Crìsdean Dòmhnallach a’ nochdadh ann am fiolmaichean, prògraman TBh agus aig cèilidhean on a bha e glè òg, agus tha an t-oideachadh sin ri fhaicinn nuair a bhios e a’ cluich na pìob no an druma aig consairtean. Is mathaid nach eil e buileach cho beòthail air a’ chlàr, ach tha tòrr saorsa agus sonais anns a’ chluich aige. Tha na fuinn aige fhèin, gu h-àraidh anns an t-seat, “The Rabbit & The Lamb” a’ seasamh ris na fuinn aig seòid leithid Dhòmhnaill MhicLeòid, Ghòrdan Mhic Dhonnachaidh is Sheumais D. MhicCoinnich a bhios a’ nochdadh air feadh a’ chlàir.

Ach ’s e ceathrar a th’ anns a’ chòmhlan, agus tha an cluich-bogsa aig Calum MacPhàil cho comasach ‘ s a ghabhas agus air a fighe air feadh a’ chlàir gu h-eifeachdach, agus tha e a’ crìochnachadh a’ chlàir leis an t-seat, “Zelda’s Dragon”, agus port a sgrìobh e fhèin. Is e dìleab o Aonghas Lyon, a bha uair ann am Boc Club a bhith ga chlàradh, fear a tha ag aithneachadh gur Rìgh nan Ionnsramaidean Ciùil a th’ anns a’ bhogsa. Tha Sean Cousins a’ dèanamh sàr-obair air a’ ghiotar agus a’ phiana, a’ toirt bunait làidir dha cho-chluicheadairean, gu h-àraidh air “The Loch Tay Boat Song”. An e iadsan Ronnie Wood agus Charlie Watts Hò-rò? Ceart cho math dhuinn cumail oirnn leis an t-samhla…

Tha an clàr na dheagh thòiseach-toiseachaidh airson còmhlan òg, agus ma chumas iad ri chèile, tha an cothrom aca a dhol o neart gu neart. Tha pàirtean air leth aig Hò-rò, ach gu h-iomlan, tha na pàirtean sin nas motha is nas fheàrr còmhla.  Ma gheibhear an cothrom, ’s fhiach am faicinn beò agus an clàr seo a cheannach.

Tha Hò-rò (HoroMusic, 2016) ri fhaotainn aig http://www.musichoro.com/

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach