“How I Spent My Summer Vacation” | Dè chanas tusa?

Dè nì thu leis an t-samhradh seo a laochain? Eòghan a’ cur dùbhlan ro oileanaich òga na Gàidhlig as t-Samhradh seo.

Agus mar sin, tha thu air ais aig an taigh – A’ Chèilidh Mhòr seachad agus ceann goirt as dèidh Beò dìreach na chuimhne bhlàth a-nis, no baile Dhùn Èideann no Ghlaschu air cùlaibh agus an cothrom dealbhan snoga a chur air feadh nan sgeulachdan Instagram agad air cruth na tìre ann an Tìr nan Òg a bheir farmad dha do charaidean às a’ Ghalltachd ghlumach.

Tha thu òg, agus tha thu èasgaidh. Tha deagh Ghàidhlig agad. Agus tha Gàidhlig feumach ortsa agus air do leithid, ach a bharrachd air seo, tha do choimhearsnachd feumach ort. Tha sinn feumach air an Xtinction Rebellion againn fhèin airson Gàidhlig anns na coimhearsnachdan dham bhuineas sinn agus mar an t-àr-a-mach sin

Tha uinneag ghoirid agad, ann an ùine gheàrr nach tuig thu gus am bi i seachad, bidh uallach is dreuchd is teaghlach is sgall is/no preasan ort, ’s mathaid gum bi an obair agad gad thoirt fad is farsaing thall ’s a-bhos agus ged a bhios tu buadhmhor ann an dòighean eile, ’s ann an-dràsta a tha am fìor chothrom agad neart is spionnadh a thoirt dhan a’ Ghàidhlig nad sgìre. Cha bhi thu cho cool ri seo gu bràth.

Chan eil mise a’ dol a dh’innse dhut dè bu chòir dhut a dhèanamh ach dèan rudeigin agus na biodh eagal ort. Far am bi toil, bi gnìomh. Ged a bhios tu trang le obair san taigh-òsta, no sa bhùth a’ togail sgillinean airson tilleadh dhan oilthigh as t-Fhoghar, dèan seo na Shamhradh a’ Ghaoil airson na Gàidhlig san sgìre agad fhèin.

Ach ma tha thu ag iarraidh beachd-smuain airson gnìomh, seo a-nis. Ruith clas còmhraidh airson muinntir na sgìre. Feuch caraid a bhrosnachadh is a mhisneachadh gus a’ Ghàidhlig aca a chur gu feum còmhla riut nas trice. Iarr air do charaid eile do chuideachadh. Cuir air dòigh cèilidh far am bi Gàidhlig ga brosnachadh. Cuir seann daoine agus clann còmhla gus am faigh iad an cothrom conaltradh. Gabh greim agus na leig às i gus am bi na duilleagan a’ tuiteam agus an samhradh ga dhùnadh sìos. Ach dèan rudeigin.

Is tusa an t-sradag a chuireas teine ùr nan Gàidheal thuige. Dèan falaisg fhad ’s a tha am fraoch air mòinteach do bheatha tioram.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach