Imrich a’ Choilich-Chuthaige | Bàrdachd

Chualar leis crònan caochladh nan ràithe
A chuireadh an-fhuras an aigne is chridhe
A chlaisneachd ri teachdaireachd chagairte
Air a giùlain air dìobairteach gaoithe

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Air iomain le ortha a shinnsearan
Buailte le mìle sgiathan tron speur
Leanaidh e bras-shruth an òrain
Gu ruige Tir-Tàirngire an duain

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Às ùr e, an uchd a chatha bhliadhnail
A chuir gu siubhal e, leth an t-saoghail
Bu daor a cheannachd gach buille sgèithe
A stiùireadh an ceatharnach air a shlighe

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

E am muinghin luain gaoithe is sìne
Fhad ’s bu chuimhne leis b’ e sin a dhàn
Bàrr druim a’ chuain, thar nam mòr-thìr
An toir soineann bheirear mu thuath e

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Cluinnear mu thuath a sheirm leantaileach
Dian-ghairm do bhlàths rin teachd; ach
Mus faigh samhradh air suidheachadh
Cuiridh soirbheas na chluais sanas

Rach mu dheas a laochain! Rach mu dheas!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach