In-imrich: Cuan mòr no caolas cumhang?

Print

Am Faoilleach, 2014. Bliadhna ùr romhainn, làn chothroman ’s dòchas. Ach fiù ’s mus robh sinn a-mach às ar leapannan an dèidh Oidhche Challainn, bha na naidheachdan làn ghearanan mu in-imrichean.

Leis an fhìrinn innse, thòisich sin ron Nollaig, agus tha e air a bhith a’ dol gun sgur bhon uair sin. Cia mheud prògram naidheachd a tha sinn air faicinn mar-thà, cho tràth seo sa bhliadhna, a thòisich le sgeulachd mu imrich a-steach, no sochairean sòisealta, no an dà chuid còmhla? Cia mheud agallamh le neach-poileataigs? Cia mheud ceann-naidheachd sna pàipearan?

Mura faca tu iad, nach buidhe dhut – seo taghadh beag dhiubh:

Immigrants to flood schools and hospitals”

Even Romanian MP warns us that swarms are coming to live in the UK”

Migrants take ALL new jobs in Britain, and they go to they front of the housing queue”

How Romanian criminals terrorise our streets”

agus, am fear as miosa, ’s dòcha, “New Year’s Thieve”

Abair fàilte a tha ro dhaoine a’ tighinn as ùr don Rìoghachd Aonaichte (RA), nach e?

Gu dearbh, ’s ann air a’ chiad latha den Fhaoilleach a fhuair a’ mhòr-chuid de dhaoine ann an Romàinia agus Bulgàiria cead a thighinn don RA airson obair, ma thogras iad. Bhon luchd-poileataigs agus bho na meadhanan, fhuair sinn ro-aithris air tuil mhòr aig àm na bliadhn’ ùire, an dà chuid a thaobh na sìde agus a thaobh imrich a-steach às an dà dhùthaich sin. Thàinig an t-uisge ceart gu leòr, ach cha do nochd ach aonan à Romàinia aig port-adhair Luton (“Viktor the one-man horde”, mar a bh’ aig Charlie Brooker air – rabhadh dhuibh: beagan droch chainnt sa bhideo seo).

Ach, ged nach tàinig an tuil de Romàinich ’s Bulgaraich, tha na pàipearan ’s prògraman naidheachd fhathast làn sgeulachdan mu imrich a-steach agus sochairean. Carson?

Theireadh an dà chuid an luchd-poileataigs agus na meadhanan gu bheil iad a’ bruidhinn mu imrich a-steach air sàilleibh ’s gu bheil an sluagh a’ gabhail dragh mu na rudan sin, agus chan eil e cudromach dhaibh gu bheil nan draghan ceart no ceàrr. Mar a thuirt an Telegraph, pàipear nach eil idir air an “làimh chlì”, “In his Sunday Times interview, Iain Duncan Smith talked of ”a growing groundswell of concern about benefit tourism”. He appears not to have added that, according to his own department’s figures, this concern has little basis in fact.”

Tha in-imrichean eile an Aonaidh Eòrpaich (AE) air tighinn mar-thà – na Pòlainnich, mar eisimpleir – ach tha rannsachadh Colaiste Oilthigh Lunnainn air dearbhadh gu bheil iad air barrachd a chur ri eaconamaidh na RA na tha iad air faighinn ann an sochairean ’s eile. Mar a thuirt An Oifis airson Uallach a’ Bhuidseit, tha iad a’ tighinn a dh’obair an seo aig àm nam beatha nuair nach eil cus feum aca air sochairean – tha iad òg ’s fallain, chan eil clann aca, agus tha iad ag iarraidh a bhith ag obair.

A bharrachd air sin, chaidh rannsachadh a dhèanamh le Coimisean Sgilean ’s Cosnadh na Rìoghachd Aonaichte, ’s e a’ dearbhadh nach tug in-imrichean droch bhuaidh air cothroman obrach a’ mhòir-shluaigh. ‘S cinnteach nach robh an gnothach gun dùbhlan – mar eisimpleir, bha e doirbh uaireannan do thidsearan na sgoilearan ùra a làimhseachadh gun chànan sa chumantas– ach san fharsaingeachd, chan eil an dùthaich air fulang air sàilleibh imrich a-steach.

Ge-tà, tha gu leòr de dhaoine ann, air feadh na dùthcha, a tha an aghaidh imrich a-steach – tuigidh tu carson, leis an teachdaireachd a tha a’ tighinn bho riaghaltas Westminster. Mar chuideigin a thug 10 bliadhna ag obair còmhla ri in-imrichean ann an Glaschu, tha sin a’ cur dragh orm, oir tha deagh fhios agam dè cho cugallach agus so-leònta ’s a tha an suidheachadh anns a bheil iad. Ma tha barrachd dhaoine an aghaidh imrich a-steach, an toir e fada mus bi barrachd dhaoine an aghaidh nan in-imrichean fhèin? Tha e follaiseach gu bheil sin air tachairt mar-thà leis na Romanaithich. Ach ma tha daoine an aghaidh cuideigin – cuideigin nach eil a’ dèanamh cron orra – air sàilleibh ’s nach ann às an dùthaich seo a tha iad, nach e claon-bhreith a tha sin? Xenophobia? Gràin-chinnidh?

Bhiodh e furasta sin a ràdh, ach mar a chunnaic sinn, tha trioblaid ann a thaobh an fhiosrachaidh a tha daoine a’ faighinn bhon luchd-poileataigs agus na meadhanan. Mura bheil am fiosrachadh ceart aca, gu tric, thig iad chun a’ cho-dhùnaidh cheàrr. Agus a rèir coltais, bidh e na chuideachadh dha Iain Duncan Smith ’s eile mur toir daoine feart air an fhianais.

Gun teagamh, tha amasan poileataigeach a’ bualadh air a’ chùis. Tha eagal air na Tòraidhean gun goid Nigel Farage o Ukip bhòtan bhuapa le bhith gu math cruaidh a thaobh an AE agus imrich a-steach. Ach ged a tha Farage air a bhith air Question Time nas trice na neach-poileataigs sam bith eile (làmh nam meadhanan sa ghnothach a-rithist), chan eil fiù ’s aon bhall pàrlamaid aca ann an Westminster, agus suidheachadh Ukip fada, fada nas miosa ann an Alba.

A dh’aindeoin sin, tha sinne ann an Alba a’ faighinn na h-aon phàipearan naidheachd, prògraman TBh, agallamhan poileataigeach, ’s iad uile ag innse dhuinn dè cho cunnartach ’s a tha imrich a-steach dhuinn, ged nach eil sin ceart idir. Chaidh na sgeulachdan sin a chruthachadh ann an àrainneachd phoileataigeach a tha diofraichte bho na th’ againn ann an Alba, ach fhathast, tha sinn air ar cuartachadh leotha. Tha Alba eadar-dhealaichte bhon chorr den RA, gu h-àraidh Sasainn, a thaobh seo; tha feum againn air in-imrichean, agus, gu ruige seo, tha daoine ann an Alba air a bhith nas toilichte leis an AE, agus nas toilichte le imrich a-steach, na daoine ann am pàirtean eile den RA.

Am mair sin, ge-tà? An dèidh phrògraman mar Benefits Street air Channel 4 – anns an robh daoine às an dùthaich seo agus à dùthchannan eile san AE – tha na h-aon seòrsa deasbadan gan tòiseachadh ann an Alba, sna taighean-seinnse agus air Facebook; cluinnidh tu an aon seòrsa cainnt. “A’ tighinn a-nall an seo…” “ carson a gheibh iadsan…” “a’ gabhail brath air an t-siostam…”. Gu draghail, tha an fhìrinn a’ dol à sealladh, agus, à rèir coltais, tha an fhàilte bhlàth Albannach air fàs rud beag nas fhuaire.

– Rhona NicDhùghaill

Share

One thought on “In-imrich: Cuan mòr no caolas cumhang?

  1. Pingback: Bròn is Brexit |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach